Ailtireachd

Is e a tha ann an Ailtire, fear (neo té) a dhealbhas togalaichean. Chanar Ailtireachd ris an saor seo, agus measar anns an latha an diugh gur e ealdhain (proifeasan) a tha ann. Tha an stoidhle ailtire dìonta ann an lagh na h-Alba agus iomadh dùthchannan eile. Tha sin ri ràdh, nach faod neach sam bith a chumail a-mach gur e ailtire a tha ann mur eil e na bhall de comann ailtireachd proifeiseanta na tìre. Feumaidh do ailtirean a chumail ri riaghailtean proifeiseanta anns an obair acasan, an da chuid, a dhìon muinntir na dùthcha bho dhroch ailtireachd agus a dhìon deagh ainm na h-ealdhain.

An Èipheit

Tha an Èipheit neo Èiphit (ainm oifigeal sa Bheurla: Arab Republic of Egypt) suidhichte ann an Afraga a Tuath. Tha crìochan aice san iar le Libia, sa deas le Sudàn agus san ear le Gaza Strip 's Iosrael. Tha am Muir Meadhanach san àird a tuath agus am Muir Ruadh san ear dhith.

Buain na mòna

Bac na mòna

Coimpiutaireachd

Coimpiutair

Conaltradh

Tha conaltradh a' ciallachadh ciamar a tha daoine, neo innealan, a' deanamh còmhraidh ri cheile.

Croitearachd

Is e modh àiteachais a tha ann an croitearachd. Is e gnìomh croitear a tha ann an croitearachd. Is croitear fear, neo té a sheilbheas gabhaltas croite. Is e a tha ann an croit mion-tuathanas a thathas seilbhichte fo gabhaltas croitearachd, nòs gabhaltais a tha dìonta anns an lagh. Is e am bun-phrionnsabal den modh ghabhaltais seo gu bheil an gabhaltas fhéin ann an seilbh an tí a phàigheas an màl. Faodaidh don ghabhaltach (am fear a phàigheas am màl) a thoir neo reic a ghabhaltas ri treas tì mar a thogras e. Aig a cheann thall tha coireachan an gabhaltach anns an suidheachadh seo a' fàgail "tighearna" le oighreachd a tha fo an nòs gabhaltas seo as aonais uidhe anns an fhearainn air barrachd am màl airson cleachdadh an fhearainn. Tha seo gu tur eu-coltach ri gabhaltasan airson tuathanasaibh àbhaisteach, nach ruith ach rè cumhnant-ghabhaltais, mar is tric de fichead bliadhna. Aig deireadh an teirm faodaidh don oighreachd a dh'aontaich gabhaltas eile neo faodaidh do tighearna an oighreachd a ghabhail an tuathanas thairis a fhèin, ma bhitheas na gabhaltasan gu lèir air an oighreachd a tighinn gu ceann còmhla bithidh cumhachd aig an tighearna a fhuadaich na tuathanaich far an oighreachd agus toirt am fearann gu lèir na làimh fhèin, mar a thachair 's an Lodaidh air oighreachd Hopetoun, faisg air Loch Iubhar anns a' bhliadhna 2008. Tha gabhaltas croitearachd, a' cuir bacadh air an leithid seo de fuadaich.

Dealan

Dealan-uisge

Eadar-lìon

'S e rian de lìonraidhean choimpiutairean air feadh an t-saoghail a tha san eadar-lìon. Tha an lìonra mòr seo a' gabhail a-steach na milleanan de lìonraidhean prìobhaideach, poblach, malairteach, acadamaigeach no feadhainn stàite.

Eòlas-leighis

Is e saidheans mu dheidhinn slàinte agus tinneasan a tha ann an eòlas-leighis.

Giùlan

Is Roinn de Conaltradh a tha ann an "Giùlan", Tha Conaltradh na Bun-Chategory. Tha eagar a'chuise seo tro-cheile an drasda ach tha obair an gniomh a bhi ga dheanamh nas ciallachd.

Iasgach

Is iasgair neach a chosnas a bheo-shlainte le faighinn iasg a mach as bùrn neo sal. Is iasgaireachd gnìomh iasgair.

Innleadaireachd

Is ann an innleadaireachd am proifeasan a chuireas saidheans nàdurra an gnìomh a chruthaich goireasan freagarrach ri feumalachdan dhaoine. Canar innleadair, neach-innlichidh riutha a tha a' sas ann.

Teicneòlas

Is e a tha ann an teicneòlas an àlach de sgilean agus fiosrachadh a tha sònraichte ri cruthachadh goireasan de gach seòrsa.

Tutankhamun

Bha Tutankhamun (cuideachd: Tutankhamen, Tutankhaten, Tutankhamon 'na phàraoh ann an 18mh rìoghrachas na h-Èipheit. Bha e a’ riaghladh mu thuaiream eadar 1332 agus 1323 RC rè linn ann an eachdraidh na h-Èipheit air a bheil an Rìoghachd Ùr (no Linn na h-Impireachd Ùr uaireannan). On a chaidh a lorg, canar Rìgh Tut ris gu tric. Bha ainm tùsail, Tutankhaten, a’ ciallachadh "dealbh beò Aten agus tha Tutankhamun a’ ciallachadh "dealbh beò Amun". Ann an dealbh-sgrìobhadh na h-Èipheite, sgrìobhar ainm mar Amen-tut-ankh a ghnàth an cois gnàthas an luchd-sgrìobhaidh a chuireadh ainm dè aig toiseach abairt mar urram dhan dia. Dh'fhaoidte gur esan an neach air a bheil Nibhurrereya ann an litrichean Amarna agus tha deagh-choltas gur esan Rìgh Rathotis 18mh rìoghrachas na h-Èipheit a bha a’ riaghlaidh, a-rèir an eachdraidhe Manetho, fad naoidh bliadhna, faid a tha a-rèir an tionndaidh dhen Epitome aig Manetho a sgrìobh Flavius Josephus.Chaidh tuama Tutankhamun a lorg le Howard Carter agus Iarla Chaernarfon ann an 1922 agus leis gun robh e cha mhòr gun mhilleadh, ’s e naidheachd mhòr a bha ann air feadh an t-saoghail. Dhùisg e ùidh am measg nan daoine san Èipheit àrsaidh a-rithist agus tha aghaidh-choimheach Tutankhamun (ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh na h-Èipheit) ainmeil air feadh an t-saoghail fhathast. Chaidh buill-ealain às an tuam a thaisbeanadh dhan phoball air feadh an t-saoghail thairis air na bliadhnaichean. Chaidh rannsachadh DNA a dhèanamh air agus sheall an rannsachadh sa Ghearran 2010 gur esan mac Akhenaten (mumaidh KV55). Bu mhumaidh KV35YL (is chan eil fhios dè an t-ainm a bha oirre) an dà chuid piuthair agus bean Akhenaten. A dh’aindeoin sin, tha cinnt gur ise am mumaidh air a bheil a’ Bhaintighearna Òg a chaidh a lorg san tuama KV35. A chionn ’s gun do chaochail grunnan dhe na daoine a rannsaich tuama Tutankhamun air dòigh caran "annasach", tha cuid am measg an t-sluaigh dhen bheachd gun do chaochail iad ri linn mallachd nam phàraoh.

Àiteachas

Chanar àiteachas ris a' gnìomhachas a tha ann am fàs barra air talamh. Chanar talamh-àiteachais ri fearann a tha freagarrach ri fàs barra. Is fàs bìdh am prìomh chuimse aig àiteachas.

Leugh seo ann an cànan eile