Tuinisia

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Tuinisia[1][2][3] neo Tunisia[4][5] (Arabais: تونس , Tūnis), Ainm oifigeil: Poblachd Tuinisia, (Arabais: لجمهورية التونسية).

Tha i suidhichte air a’ Mhuir Mheadhanach. Tha crìochan aice san iar le Aildiria agus san earra-thuath le Libia.

'S e fàsach a tha ann an 40% den dùthaich.

Tha Tunis na prìomh-bhaile.

لجمهورية التونسية
Al-Jumhūriyyah at-Tūnisiyyah
Flag of Tunisia
Bratach
Coat of arms of Tunisia
Lùireach
Tunisia in its region
Laoidh Nàiseanta
Hurriya, Nidham, 'Adala
"Liberty, Order, Justice"
Cànan(an) oifigeil Arabais
Prìomh-bhaile Tunis
Baile as motha Tunis
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Moncef Marzouki
Prìomh-mhinistear Mehdi Jomaa
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Fhraing
20mh am Màirt 1956
Farsaingeachd
Iomlan 163610 km² (92mh)
Uisge 5.0 %
Àireamh-shluaigh (2005)
Iomlan 10,102,000 (78mh)
Dlùths 62/km² (133mh)
LTD/CCC (2007)
Iomlan $ 97.74 billean (60mh)
gach pearsa $9,630 (73mh)
Roinn tìde CET (UTC+1)
as t-samhradh CEST (UTC+2)
Ruith-airgid Dinar
Prìomh àrainn-lìn .tn
Còd Àireamh fòn 216

Ceanglaichean a-mach

Tunisia Topography
Cairt: Tuinisia
Zitouna minaret
Zitouna Mosque ann an Tunis

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  4. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  5. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
1846

MDCCCXLVI

1956

'S e bliadhna-leum a bha ann an 1956 (MCMLVI).

20 am Màrt

'S e 20 am Màrt an 79mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich (80mh ann am bliadhna-leum). Tha 286 latha air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

23 am Faoilleach

'S e 23 am Faoilleach an 23mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich. Tha 342 latha (343 ann am bliadhna-leum) air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

Afraga

An dàrna mhòr-tìr as motha as dèidh Àisia a-rèir farsaingeachd agus àireamh-shluaigh. Tha Afraga a' sineadh bho Rubha nan Snàthad ann an Afraga a Deas gu Ceuta ann an Ceann a Tuath Mharoco agus tha Afraga a' dèanamh an àrd 20.3% de talamh an t-Saoghail nach eil fo uisge. Tha barrachd air 840,000,000 duine a` fuireach ann an Afraga, mu 12% de sluagh an t-Saoghail.

Aildiria

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Aildiria (Arabais: لجزائر, Al Jaza'ir IPA: ɛlʤɛˈzɛːʔir; Cànan Bherber: , Dzayer IPA:ldzæjər). Ach tha ainm Gàidhlig eile oirre:

Ailgeria

Ailgear

Tìr’n Aildìr

Algeria

Ainm oifigeil: Sluagh-phoblachd Dheamocratach Aildiria'S e Aildiria an dàrna dùthaich as motha air feadh Afraga

. Tha crìochan aice san ear-thuath le Tuinisia, san ear le Libia, san ear-dheas le Nìgeir, san iar-dheas le Màili agus Moratainia agus le Maroco san iar-thuath. Tha i suidhichte air a’ Mhuir Mheadhanach. 'S e Algiers prìomh-bhaile na dùthcha.Tha mòran àitichean ann an Aildiria a tha dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO:

Al Qal'a of Beni Hammad, a ciad prìomh-bhaile aig àm Impireachd Hammadid

Tipasa, baile bho àm nam Poenicianaich

Djémila, tobhta bho àm nan Ròmanaich

Timgad, tobhta eile bho àm nan Ròmanaich

M'Zab Valley, Gleann

Tassili n'Ajjer, ruith-beanntain‘S e caisteal cliùiteach a tha ann an Casbah Aildiria.

Algiers

Is e prìomh-bhaile Algeria a tha ann an Algiers (Fraingis: Alger; (Arabais Algereach: الدزاير, Dzayer).

Tha Algiers 945km air falbh bho Rabat (Maroco), 635km bho Thunis (Tuinisia), 1,019km bho Tripoli (Libia), 1,031km bho Valletta (Malta), agus 717km bho Mhadrid (An Spàinn). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 224m os cionn ìre na mara. Chaochail Camille Saint-Saëns ann an Algiers ann an 1921.

Am Muir Meadhan-thìreach

'S e cuan eadar an Roinn-Eòrpa a Deas, Àisia an Iar, agus Afraga a Tuath a tha anns a' Mhuir Mheadhan-thìreach. Nochdaidh an t-ainm cuideachd mar am Muir Meadhanach neo a' Mhuir Mheadhanach .

Arabais

'S e Arabais (عربي neo ‘Arabii) a th’ ann an cànan oifigeil fad 26 dùthchannan anns an Ear Mheadhanach. Tha Arabais ga bhruidhinn ann an Aildiria, An t-Siad, An Èipheit, Bachrain, Catar, Cubhait, Diobutaidh, Eartra, Ioràc, Iosrael/Pàlastain, Iòrdan, Leabanon, Libia, Moratainia, Maroco, Na h-Eileanan Chomoro, Na h-Iomaratan Arabach Aonaichte, Omàn, Saud-Aràibia, Siria, Somàilia, Sudan, Sudan-a-Deas, Tuinisia agus Iemen ann an corra àite còmhla ri cànain eile. Tha Arabais uabhasach coltach ris na cànain Seimiteach eile, mar Eabhra. ‘S e cànan ùrnaigh na h-Ioslaim a th’ann. Tha Arabais air buaidh mhòr a thoirt air mòran de chànain eile air feadh an t-saoghail tron mheadhan na h-Ioslaim: thathar ga chleachdadh airson faclan ùra a dhèanamh anns na dùthchannan Muslamaich gus an latha an-diugh. Thug e buaidh fa leth mòr air Spàinntis cuideachd is tha sinn air tòrr fhacal saidheansail faighinn bhuaithe. Tha an Arabais eadar-dhealaichte anns gach sgìre is dùthaich, ach ‘s e Arabais an Coràn, le faclan ùra, a thathar a’ leughadh is a’ sgrìobhadh anns na meadhanan agus na sgoiltean.

Duais Nobel airson Sìthe

A rèir an tiomnaidh Alfred Nobel 's e duais "airson na an do rinn a' chuid as motha no as fheàrr airson bràithreachais eadar nàiseanan, airson cur às no lùghdachadh na arm 'nan seasamh agus airson an cumail agus brosnachadh nam mòr-dhàlaichean sìthe" an a tha anns an Duais Nobel airson Sìthe.

Fàsach Sahara

'S e am fàsach as motha san t-saoghail a tha ann am Fàsach Sahara. Tha e ann an Afraga-a-Tuath, agus na laighe faisg air am Fàsach Araibianach, air taobh eile den Muir Dearg, agus an Spàinn. Tha "Sahara" a' ciallachadh "fàsach" ann an Arabais.

'S e seo am farsaingeachd aige: 8,600,000 cilemeatair ceàrnagnach.

The a a' gabhail a-stech pàirt de ne dùthchànnan: Aildiria, An t-Siad, An Èipheit, Libia, Màili, Nìgeir, Moratainia, Maroco, Sudàn agus Tuinisia.

Gazella cuvieri

'S e seòrsa antalop no gobhar-fhiadhaich (iolra:goibhrean-fiadhaich) a tha ann an Gazella cuvieri (Beurla: Atlas Mountain gazelle, Cuvier's gazelle, Cuvier's mountain gazelle, Cuviers gazelle, Edmi, Mountain gazelle) (Fionnlannais: Atlasgaselli) (Fraingis: Gazelle de cuvier) (Spàinntis: Gacela de cuvier). Tha iad a' fuireach ann am Maroco, ann an Aildiria agus Tuinisia.

Libia

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Libia. Tha e suidhichte air a’ Mhuir Meadhan-thìreach. Tha a’ mhòrchuid den dùthaich na fhàsach Sahara. Tha crìochan aice san ear leis an Èipheit, san ear-dheas le Sudàn, sa deas leis an t-Siad agus Nìgeir agus san iar le Algeria agus Tuinisia. Tha Tripoli na phrìomh-bhaile. 'S e an ceathramh dùthaich as motha ann an Afraga a tha ann an Libia. Bho 1969 gu ruige 2011 bha an dùthaich fo bhuaidh Mhuammar al-Gaddafi.

Malta

Is e dùthaich bheag eileanach gu deas san Roinn-Eòrpa a tha ann am Malta. Tha i suidhichte anns a’ Mhuir Meadhanach deas air an Eadailt. Air an taobh eile den Mhuir Meadhanach tha Tuinisia agus Libia.

Tha seachd eileanan beaga ann, ach tha dìreach trì ann far a bheil daoine a’ fuireach:

Malta (mu 246 km²)

Gozo (mu 67 km²)

Comino (mu 3 km²)Is e Malta a tha anns an Aonadh Eòrpach.

Tha Valletta na prìomh-bhaile.

Rabat

'S e Rabat prìomh-bhaile Mharoco (Arabais: الرباط, - ar-Rabāṭ, neo ar-Ribāṭ). Anns a’ bhliadhna 2007 bha mu 1.7 millean duine a’ fuireach ann. Tha am baile suidhichte air a' Chuan Siar aig inbhir Abhainn Bou Regreg. Tha Rabat 1,570km air falbh bho Thunis (Tuinisia), 946km bho Algiers (Aildiria), 1,857km bho Tripoli (Libia), 995km bho El Aaiún (Sathara an Iar), agus 776km bho Mhadrid (An Spàinn). Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 24m os cionn ìre na mara.'S e Rabat an dàrna baile as cudthromaiche den dùthaich às dèidh Casablanca. Chaidh am baile a stèidheachadh mar thuineachadh anns an 3mh linn RC. B’e Chellah an t-ainm a bha air aig an àm. Anns a' bhliadhna 40 AD bha am baile fo smachd nan Ròmanach, an uair sin (250 AD) fo smachd nam Berber.

Chaidh ainm a’ bhaile atharrachadh gu Ribatu l-Fath (a’ ciallachadh: "daingneachd a' bhuaidh-làraich,"). Thàinig an t-ainm Rabat bhon ainm sin. Chaidh Tùr Hassan, neo Tour Hassan (Arabais: صومعة حسان) a thogail anns a’ bhliadhna 1195. Mhiannaich an Sultan Yacoub al-Mansour am minaret agus am mosg as motha air feadh an t-Saoghail a thogail. Ach chuir bàs an t-Sultan stad air an obair.

Sardainia

'S e Sardainia neo Sàrdainea (Sàrdais: Sardigna, Sardinna no Sardíngia, Eadailtis: Sardegna, Catalanais: Sardenya, Beurla: Sardinia), an dàrna eilean as motha anns a' Mhuir Mheadannach. Tha e suidhichte mu 202 km bho thìr-mhòr na h-Eadailt agus mu 184 km san àird a tuath Tuinisia. Tha Menorca, eilean Spàinnteach anns na h-Eileanan Balèarach mu 335 km san àird an iar Sardainia.

'S e Cagliari am prìomh-bhaile aige.

Tripoli

'S e prìomh-bhaile Libia a tha ann an Tripoli (Arabais: طرابلس Ṭarābulus - cuideachd: طرابلس الغرب Ṭarā-bu-lus al-Gharb, neo Cànan Libianach: Ṭrābləs). Thàinig am facal Tripoli bhon fhacal Greugach:(Τρίπολη). Tha am baile suidhichte 'san iar-thuath na dùthcha aig oir an fhàsaich aig cladach a’ Mhuir Mheadhanach agus faisg air crìoch Tuinisia. Anns a’ bhliadhna 2004 bha mu 1.68 millean duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Tripoli 514km air falbh bho Thunis (Tuinisia), 1,019km bho Algiers (Aildiria), 2,439km bho Niamey (Nìgeir), 2,318km bho N'Djamena (An t-Siad), 2,738km bho Khartoum (Sudan) 372km bho Shirte agus 1,740km bho Chairo (An Èipheit). Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 10m os cionn ìre na mara.'S e Tripoli am baile as motha a tha ann an Libia. Cuideachd tha am port-mara as cudthromaiche aige. Mar sin dheth ‘s e teas meadhan gnìomhachail agus cridhe malairteach a th’ ann. Chaidh Tripoli a stèidheachadh anns an 7mh linn RC leis na Phoenicians.

Bhon 2na linn RC bha am baile fo smachd nan Ròmanaich. Ach chan eil mòran ri fhaicinn bho àm seo ach an Arch of Marcus Aurelius, a chaidh a togail anns an 2na linn.

Tunis

'S e prìomh-bhaile Thuinisia a tha ann an

Tunis (Arabais: تونس, Tūnis). Anns a’ bhliadhna 2004 bha 728,453 a' fuireach anns a’ bhaile fhèin.

Tha Tunis suidhichte air an ear-thuath na dùthcha air Gulf of Tunis, pàirt den Mhuir Mheadhanach. Tha Tunis 1,570km air falbh bho Rabat (Maroco), 635km bho Algiers (Aildiria), 514km bho Tripoli (Libia), 401km bho Valletta (Malta), agus 600km bhon An Roimh (An Eadailt).Tha an seann bhaile Carthage dìreach taobh tuath Tunis. Ann am meadhan a’ bhaile Thunis tha seann pàirt ann ris an canar Medina. Tha Medina dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO. Tha Medina a’ gabhail a-steach mòran lùchairtean, mosgan, mausoleums, agus togalachan tùsail eile.

Seo cuid dhiubh:

Great Mosque (a’ gabhail a-steach an Muslim University agus an leabharlann )

Aghlabid Ez-Zitouna Mosque ("Mosque of the Olive") a chaidh a thogail anns a’ bhliadhna 723 le Obeid Allah Ibn-al-Habhab

Dar-al-Bey, neo Lùchairt BeyAir an taobh eile den Bab el Bahr (ainm eile:Sea Gate neo Porte de France),

tha am baile nua-aimsireil neo an Ville Nouvelle (Fraingis). 'S e teas meadhan poileataigeach agus cridhe malairteach a tha ann. Tha port-adhair eadar nàiseanta faisg air a’ bhaile: Tunis-Carthage International Airport.

Valletta

Tha Valletta na phrìomh-bhaile ann am Malta. Is e Valletta am prìomh-bhaile as lugha anns an Aonadh Eòrpach. Tha Valletta 401km air falbh bho Thunis (Tuinisia), 690km bhon An Roimh (An Eadailt), 267km bho Phalermo (An Eadailt) agus 1,031km bho Algiers Aildiria). Tha am baile gu lèir dhìonta mar dualchas na cruinne leis an UNESCO.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.