Pontevedra (provincia)

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Pontevedra (IPA: ponteˈβɛ.ðɾa). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Pontevedra a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Pontevedra fad 4,495km²[3] agus tha 963,511 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 45mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 16mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le A Coruña, Lugo, Ourense agus A' Phortagail.[5] 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Pontevedra
Flag Pontevedra Province Coat of Arms of the Province of Pontevedra
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Pontevedra in Spain (plus Canarias)
Vigo dende o monte do castro
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Pontevedra
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4,495 km²
Àireamh-shluaigh 963,511 (2014)
Dlùths 214.35/km²
Àireamh fòn + (986)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à pontem veteram ann an Laideann a tha an t-ainm - a tha a' ciallachadh seann drochaid. A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à pontem petram (Gàidhlig: drochaid cloiche) ainm an a tha e.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Colin Davies

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.