Parraist

‘S e sgìre bhunaiteach eaglaiseil a th’ann am parraist neo paraiste (Gaeilge: Paróiste) agus mar as àbhaist ‘s e sagart neo ministear a bhios ga frithealadh. ‘S ann às a’ Ghreugais παρоικια,[1] tron Laideann paroecia[2] agus an t-seann Fhraigis paroisse (1075) a tha am facal fhèin. Tha dà phàirt san fhacal: παρά = faisg air agus οικος = taigh. Bithear a’ cleachdadh an fhacail ghàidhealach Sgìre an àite parraiste sa Ghàidhlig cuideachd.

Munterconnaught Parish, Church of Ireland - geograph.org.uk - 791537
Parraist ann an Èirinn

Iomraidhean

  1. Henry George Liddell, Robert Scott, A Greek-English Lexicon
  2. Charlton T. Lewis, Charles Short, A Latin Dictionary
Ae

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Ae. Tha e suidhichte aig 136m os cionn ìre na mara, ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Am Magh Fada, ri taobh an Uisge Ae. Tha e 14km air falbh bho Dhùn Phrìs agus 110km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha dìreach 200 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ae. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air coilltearachd agus turasachd, gu seachd araidh baidhseagal nam beann.

Am Bealach

'S e baile-turasachd air Loch Laomainn, faisg air Alexandria, a tha anns am Bealach (Beurla: Balloch).Tha stèisean-rèile ann. Bha stèisean-rèile cuideachd air a' cheidhe a dh'fhosgail ann an 1896.

Am Borgh Ùr

'S e baile ann am Fìobha a tha sam Borgh Ùr (Beurla: Newburgh).B' e borgh rìoghail a bha ann. Ro 1978 bha ceàrdaichean ola-lìn sam Borgh Ùr ach bhriseadh an Tayside Floorcloth Company agus dh'fhosgaileadh iad.

Amisfield

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Amisfield. Tha e suidhichte aig 78m os cionn ìre na mara, ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dùn Phrìs agus Parkgate, ri taobh an Uillt Amisfield. Tha e 243km air falbh bho Obar Dheathain, 93km bho Ghlaschu, 25km bho Inbhir Anainn agus 95km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Amisfield. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha àite fuireach ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann, ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.

An Còrsa Feàrna

'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha anns a' Chòrsa Feàrna (Beurla: Carsphairn) neo Carrsa Feàrna. Tha am baile suidhichte eadar Dail M'Fhaolain agus Clachan Eòin air a' mhòr-rathaid A713. Chan eil ach 115 duine a' fuireach an seo.

An Gearasdan

Is e An Gearasdan (Fort William sa Bheurla, ainmeachadh airson an Rìgh Uilleam III Shasainn is II Alba) prìomh-bhaile Loch Abar agus, còmhla ris an Òban, aon de'n dà bhaile as motha anns a' Ghàidhealtachd an Iar.

Tha e na cheann-uidhe coiteanta airson làithean-saora agus, a' tighinn an dèidh Dùn Èideann, thatar ag ràdh gur e an dara ceann-uidhe turasachd ann an Alba. Bithidh sluagh a' bhaile a' dùblachadh as t-samhradh air sgàth uidhir a luchd-turais a bhitheas a' tighinn a-steach.

Baile Mhic Aoidh

‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Mhic Aoidh (Beurla/Beurla Ghallda: Balmaghie). Tha e suidhichte aig 76m os cionn ìre na mara, ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Gleann Lochair agus Baile Labhrainn. Tha e 272km air falbh bho Obar Dheathain, 103km bho Ghlaschu, 13km bho Chille Chuithbeirt agus 123km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Baile Mhic Aoidh. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha eaglais agus talla anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Crois Mhìcheil agus dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais. Tha an t-Uisge Dhè air an taobh tuath na parraist.

Cathair (Siorrachd Dhùn Phris)

‘S e baile beag dùthchasail agus parraist faisg air Bàrr na Dris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann Cathair neo Muileann na Cathrach. Tha am parraist 12.3 km² a dh'fharsaingeachd, aig 40m os cionn ìre na mara, ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975),ri taobh na na h-aibhnichean Scaur agus Nid, eadar Am Mòine Naomh agus Cill Osbairn. Tha e 240km air falbh bho Obar Dheathain, 77km bho Ghlaschu, 20km bhon Dùn Phris agus 91km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha mu 320 duine a' fuireach an seo agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Chathair, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus Turasachd. A bharrachd air sin, tha muileann sàbhaidh anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann, is e sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann am Penpont agus dhan àrd sgoil ann am Bàrr na Dris.

Chapelknowe

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Cille Phàdraig nam Fleamach agus na crìochan le Sasainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Chapelknowe. Tha e suidhichte aig 72m os cionn ìre na mara, air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Canonbie agus Eaglesfield, ri taobh an Uillt Lògan. Tha e 241km air falbh bho Obar Dheathain, 117km bho Ghlaschu, 34km bho Dhùn Phrìs agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Chapelknowe. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dha na sgoiltean ann an Eaglesfield, Greatna neo Inbhir Anainn.

Cille Mhoire

'S e parraist agus baile air ceann a tuath Thròndairnis san Eilean Sgitheanach a tha ann an Cille Mhoire (Beurla: Kilmuir).

Gleann an t-Sruthail

'S e baile beag ann an Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh a tha ann an Gleann an t-Sruthail (Beurla: Glentrool).Ann an 1307 shabaid na h-Albannaich fo Raibeart Brus an aghaidh nan Sasannaich faisg air Gleann an t-Sruthail.

Tha tuama sianar de Cùmhnantaich an deach a mharbhadh ann an 1685 nuair an do ghabh iad pàirt ann an seirbheis sa' choille faisg air.

Parkgate

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Parkgate). Tha e suidhichte aig 91m os cionn ìre na mara, ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Drochaid Mhic Iain agus Ae, eadar an Abhainn Ae agus an Abhainn Kinnel. Tha e 237km air falbh bho Obar Dheathain, 88km bho Ghlaschu, 27km bho Inbhir Anainn agus 89km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann am Parkgate. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha Colaiste Tuathanachail ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann faisg air làimhe ann an Netherhill, ach feumar a dhol dhan àrd sgoil anns a' Mhagh Fada.

Prestonpans

'S e baile beag air an oirthir Lodainn an Ear eadar Baile nam Feusgan agus Port Seton a tha ann am Prestonpans.

Chaidh Blàr Sliabh a' Chlamhain a chur faisg air a’ bhaile seo ann an 1745, a’ chiad bhlàr an Ar-a-mach nan Seumasach, 1745-1746, “Bliadhna Theàrlaich”.

Chaidh crois margaid a thogail air an àite-margaidh san 17mh linn leis na Hamiltons à Preston.

Tha aon-adharcach air. 'S e an aon crois margaid ann an Alba nach robh ga ghluasad a th' ann.Tha stèisean-rèile ann air phrìomh-loidhne na h-oirthire an ear eadar Wallyford agus Longniddry.

Sgìre

‘S e seòrsa dhe roinn neo ceàrn a th’ann sgìre is parraist o chionn fhada.

Siaras

'S e baile beag ann am Fìobha a tha ann an Siaras (Beurla: Ceres). Chaidh e na bhorgh baranachd ann an 1620 agus chaidh mòr chuid nan taighean a thogail san 18mh linn.Dh'fhosgail am Fife Folk Museum san seann thaigh-tomhais ann an 1968.Chaidh an eaglais a thogail ann an 1806 air làrach na seann eaglais. Ron Ath-leasachadh bha i na thaigh-reachdaire.

Springside

'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath a tha ann an Springside. Tha am baile mu 3 mìltean air falbh bho Irbhinn, 1½ mìle (2.5 km) iar air Crosshouse agus 4 mìltean bho Chill Mheàrnaig. Tha an A71 faisg air a' bhaile.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 1,184 duine a' fuireach an seo.

Bha stèisean-rèile ann air an loidhne eadar Irbhinn agus Crosshouse. Dhùin an stèisean 6 an Giblean 1964 is tha an loidhne na phàirt dhen ceum baidhseagal nàiseanta 73 a-nis.

Straiton

‘S e baile beag agus Parraist faisg air Cille Mhìcheil air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Straiton. Tha e suidhichte ri taobh na Aibhne Gharbhain aig 155m os cionn ìre na mara, eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Am Magh Baoghail anns an Siorrachd Àir a Deas (Siorrachd Àir ro 1975), 19km air falbh bho Inbhir Àir fhèin, 66km bho Ghlaschu, 54km bhon An t-Sròn Reamhar agus 112km bho Dhùn Èideann. ha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd, coilltearachd agus dreuchdan anns na bailtean mòra faisg air Straiton. Tha bùth, taigh-seinnse, taigh-cofaidh, talla agus eaglais ann. A thaobh foghlaim, tha bun-sgoil ann, ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.

Tràigh a' Chaisteil

'S e prìomh-bhaile na h-Arainn a tha ann am Breadhaig no Tràigh a' Chaisteil (Beurla: Brodick). Ann an 2001, dh'fhuirich 840 duine ann agus 848 ann an 2011. An sin tha aiseagan a' dol eadar Tràigh a' Chaisteil is Àird Rosain le Caledonian Mac a' Bhriuthainn. Tha am baile suidhichte aig cois Ghaoithe Bheinn agus tha e faisg air Linne Chluaidh.

Tha am baile ainmeil airson uisge-beatha Arran Brewery agus Auchrannie Resort, baile turasachd anns a' bhaile.

Tha caisteal le tùsan anns an 13mh linn ann. Tha Caisteal Thràigh a' Chaisteil air an nòta £20 Banca Rìoghail na h-Alba.

Whitecraig

'S e baile beag deas air Baile nam Feusgan ann an Lodainn an Ear a tha ann am Whitecraig. Leasaicheadh am baile anns an 20mh linn còmhla ris na ionadan-guaillearachd faisg air.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.