Malairt

Is e a tha ann am malairt an gnìomh a bhitheas a' tachairt nuair a bhios duine a' ceannachd (rudan a tha dith orra) agus a' reic (rudan a th' aca air barrachd na tha dith orra).

Bha Adam Smith agus David Ricardo cudromach ann an eachdraidh teòiridh na mhalairt.[1]

Wojciech Gerson - Gdańsk in the XVII century
Gdańsk
Accarias de Sérionne - Intérêts des nations de l'Europe, dévélopés relativement au commerce, 1766 - 5790093
Intérêts des nations de l'Europe, dévélopés relativement au commerce, 1766

Aistean co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Walker, Andrew (18mh dhen Fhaoilleach 2017): “Is free trade good or bad?”. BBC. Air a thogail 16mh dhen t-Samhain 2017.
2001

MMI

31 an Dùbhlachd

'S e 31 an Dùbhlachd an 365mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich (366mh ann am bliadhna-leum). 'S e sin an latha mu dheireadh dhen bhliadhna.

Bissau

'S e prìomh-bhaile Ghini-Bissau a tha ann am Bissau. Anns a’ bhliadhna 2004 bha 355,000 duine a’ fuireach anns a' bhaile fhèin. Tha am baile suidhichte air bruach an Abhainn Geba faisg air a' Chuan Siar. 'S e seo an co-chomharran aige: 11°52' Tuath agus 15°36' Iar. 'S e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha Bissau 208km air falbh bho Bhanjul (A' Ghaimbia), 331km bho Chonakry (Gini), agus 375km bho Dhakar (Seanagal). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig ìre na mara.Anns a’ bhliadhna 1687 chaidh Bissau a stèidheachadh leis a' Phortagail mar dùn agus àite-malairt. Bha e na prìomh-bhaile Portuguese Guinea ann an 1942 agus an uair sin aig Gini-Bissau nuair a d’fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd anns a’ bhliadhna 1974. Tha Bissau cliùiteach airson na h-àrd-fhèille aige.

Cille Mheàrnaig

'S e baile mòr ann an deas na h-Alba a tha ann an Cill Mheàrnaig (Beurla: Kilmarnock).

'S e Cill Mheàrnaig na phrìomh-bhaile ionadail Comhairle Shiorrachd Àir an Ear agus an dàrna baile as motha ann an Siorrachd Àir.

Tha grunn dòighean litreachaidh eile ann: Cill Mhearnaig, Cill Mheàrnag, is Cill-mheàrnag.Tha am baile ainmeil mar an t-àite far a chaidh a' chiad cruinneachadh òrain le Raibeart Burns Poems, chiefly in the Scottish dialect fhoillseachadh ann an 1786, agus airson a' cheangal aige ris a' chomharra-malairt uisge-beatha Johnnie Walker. Am measg nan seallaidhean sa bhaile tha carragh-chuimhne do Raibeart Burns, Dean Castle, stèisean- is drochaid-rèile agus meadhan a' bhaile air a tha "Kilmarnock Cross".

Tha a' chomhairle a' toirt fhoghlaim tro meadhan na Gàidhlig. Bha an t-ionad Gàidhlig aig Bun-sgoil Onthank gu ruige Caisge 2018, nuair an deach e ghluasad do Sgoil a' Choille Nuaidh.

Djibouti (Baile)

'S e prìomh-bhaile Diobutaidh a tha ann an Djibouti (Arabais: جيبوتي, Somali: Jabuuti, Fraingis: Ville de Djibouti). Tha e suidhichte air leth-eilean eadar an Gulf of Aden agus an Gulf of Tadjoura.

'S e seo an Co-chomharran aige: 11° 36′ Tuath agus 43° 10′ Ear. Tha mu 400,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Djibouti 557km air falbh bho Addis Ababa (An Aetiòp), 616km bho Asmara (Eartra), 1,473km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,230km bho Khartoum (Sudan), 1,594km bho Nairobi (Ceinia) agus 1,087km bho Mhogadishu. Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, aig 3m os cionn ìre na mara.Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1888 mar port-mara le Eloi Pino, duine às an Spàinn. An uair sin bha e na phrìomh-bhaile ann am French Somaliland bhon 1891. Tha rathad-iarainn ann, an Djibouti-Addis Ababa Railway, a tha a’ dol eadar Djibouti agus Addis Ababa. Tha an port-adhair Djibouti-Ambouli International Airport faisg air a’ bhaile. Tha am port-mara aige cudthromach fhathast airson malairt eadar-nàiseanta, iasgaich agus na bàtaichean-aiseig gu Obock agus Tadjoura.

Dùn Dèagh

'S e cathair-bhaile ann an Alba a tha ann an Dùn Dèagh no Dùn Dè (Beurla: Dundee).

Suidhichte air cladach tuath Linne Tatha air taobh sear na h-Alba, dh'fhàs Dùn Dèagh gu mòr rè an 19mh cheud, nuair a fhuair e prìomhachas mar baile-mhuilinn a rinn bathair (gu sònraichte ròpan is buill) an diut. Chrìon an malairt seo gu h-obann anns na 1960an nuair a cheannsaich snathan-olachd na margaidean airson a leithid.

Eaconomaidh

Is e a tha ann an eaconomaidh an iomlanas de cosnadh beòshlainte a tha muinntir ris, agus na daoine fa-leth a' dèanamh malairt le chèile. Chanar "eaconomaidh ionadail" ri leir-suim na gnìomhan a tha muinntir sgìreil a' gabhail fo làimhe, Chanar "eaconomaidh roinneil" ri leir-suim na gnìomhan ann an roinn dhùthaich. Chanar "eaconomaidh nàiseanta" ris an leir-suim de gnìomhan taobh a-steach ranntairean nàiseanta.

Fàsach

Is e fàsach cearn an t-saoghail nach fhaigh mòran uisge agus, air

an aobhar sin, fairsaingeachd anns nach bi mòran beatha a' tighinn beò.

Ge tà, gheibhear eugsamhlachd luibhean is ainmhidhean ann a tha

àraidhichte ri beatha anns an fhàsach.

Faodaidh fàsaichean a ghnethaichear leis an t-suidheachadh

chruinn-eòlasach agus an t-sìde, mar a leanas: gaothannan-malairt, sgàil

uisge, domhan-leud meadhanach, oirthireach, monsùn, agus pòlair.

Uaireannan tha àilean‎ ann, àite le uisge gu leòr far a bheil daoine a' fuireach ann an fhàsach.

Guillermo León Valencia

B' e fear-malairt, riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann an Guillermo León Valencia Muñoz (Popayán, 27 an Giblean 1909 - Eabhraig Nuadh, 4 an t-Samhain 1971). Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1962 agus 7 an Lùnastal 1966, nuair a bha an dùthaich air a sgiùrsadh le ainneart marbhtach fuilteach eadar luchd-leantainn an dà phàrtaidh cumhachdail. 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineadh e: bha athair, Guillermo Valencia Castillo, na bhàrd ainmeil. Chaidh e do dh' Oilthigh a' Chauca. Phòs e aig Susana López Navia à Palmira, faisg air Cali, ann an 1931 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. B' e ise a' chiad bhean a' chinn-suidhe a chaochail tron teirm an duine aige a-riamh.

Bha Valencia na thosgair thall anns An Spàinn deich turas agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin fad còrr is mìos ann an 1953. Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1962. bha e an aghaidh na deachdaireachd aig Gustavo Rojas Pinilla agus, às aonais Valencia agus Alberto Lleras Camargo, dh' fhuiricheadh Pinilla san chumhanchd gu sìorraidh. B' e a phrìomh-amas sìth a thoirt air ais dhan dùthaich: thug e ministrealachdan gu Libearalaich agus Tòraidhean ged a bha dubh ghràin aca. Bha Valencia cuideachd na thosgair anns na Stàitean Aonaichte eadar 2005 agus 2006. Rinneadh fanaid airsan anns na meadhanan o chionns gun tuirt e "Arriba España!" (Suas leis an Spàinn ann an Spàinntis) nuair a chuir e fàilte air Charles de Gaulle, ceann-suidhe na Frainge aig an àm.

Johann Friedrich Wilhelm Adolf von Baeyer

B'e ceimigear Gearmailteach a bha ann an Johann Friedrich Wilhelm Adolf von Baeyer (Berlin, 31 an Dàmhair 1835 - Starnberg, 20 an Lùnasdal 1917) a cho-chur guirmean agus a fhuair an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1905. Rugadh e ann am Berlin far an robh e an toiseach ag obair matamataigs agus nàdar-fheallsanachd mus do ghluais e gu Heidelberg airson obair air Ceimigeachd le Robert Bunsen. Fhuair e an t-ollamhachd aige bho Berlin ann an 1858. Bha e na òraidiche aig Acadamaidh Malairt Berlin ann an 1860 agus na àrd-ollamh aig Oilthigh Strasbourg ann an 1871. Ann an 1875 lean e Justus von Liebig mar Àrd-Ollamh Ceimigeachd aig Oilthigh Mhünchen. A bharrachd air sin, 's e a' chiad Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.Tha e cuideachd ainmeil airson na h-obrach aige còmhla ri Victor Villiger.

Khartoum

'S e prìomh-bhaile Sudàn a tha ann an Khartoum, Arabais: الخرطوم al-Kharṭūm. (a' ciallachadh: com an oilbheint). Tha e suidhichte far a bheil an Abhainn White Nile agus an Abhainn Blue Nile a tha a’ tighinn an aon mar Abhainn Nile. Canar "the Mogran" ris an àite seo. Tha Khartoum 1,196km air falbh bho Dhiuba (Sudan a Deas), 1,613km bho Chairo (An Èipheit), 686km bho Asmara (Eartra), 2,738km bho Tripoli (Libia), 1,926km bho N'Djamena (An t-Siad), 989km bho Addis Ababa (An Aetiòp) agus 1,970km bho Bhamako (Poblachd Meadhan Afraga). Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 379m os cionn ìre na mara.'S e seo an co-chomharran aige: 15° 34’ Tuath agus 33° 36’ Ear. Tha e suidhichte san àirde a deas na Fàsaich Bhayuda. Chaidh am baile a stèidheachadh le Ibrahim Pasha anns a’ bhliadhna 1821 airson saighdearan às an Èipheit a stèidheachadh an seo. Ach dh’fhàs an tuineachadh nas motha mar àite malairt. Anns a’ bhliadhna 1899 bha Khartoum na phrìomh-bhaile Anglo-Egyptian Sudàn. An dèidh neo-eisimeileachd Shudàn ann an 1956 's e prìomh bhaile den dùthaich ùr cuideachd.

Kinshasa

'S e prìomh-bhaile Poblachd Dheamocrach na Congo a tha ann an Kinshasa (seann àinm Léopoldville). Anns a’ bhliadhna 2004 bha barrachd na 7 millean duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin agus mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte taobh a deas air bruach an Abhainn Congo, mu choinneamh Brazzaville, prìomh-bhaile Poblachd na Congo a tha suidichte air taobh tuath na h-aibhne. Tha Kinshasa 1,558km air falbh bho Bhujumbura (Burundi), 1,978km bho Khampala (Uganda), 8km bho Brazzaville (A' Chongo), 1,033km bho Bangui (Poblachd Meadhan Afraga), 2,078km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,879km bho Lusaka (Saimbia), 2,268km bho Dhodoma (Tansainìa) agus 751km bho Luanda (Angola). Tha e suidhichte air àirde an iar na dùthcha, aig 212m os cionn ìre na mara.Chaidh am baile a stèideachadh mar àite–malairt le Henry Morton Stanley anns a’ bhliadhna 1881. Chuireadh Léopoldville mar ainm air a’ bhaile airson urram a thoirt air an rìgh Léopold II às a' Bheilg. 'S e an treasamh baile as motha ann an Afraga, an dèidh Lagos agus Cairo. Agus 's e cuideachd an dàrna baile as motha air an t-saoghal (an dèidh Paris fhèin) far a bhios Fraingis ga bruidhinn. 'S e teas meadhan oideachail a tha ann an Kinshasa. Tha ceithir oilthighean ann:

University of Kinshasa

Congo Protestant University

National Pedagogy University

Allhadeff SchoolTha dà phort-adhair aig Kinshasa:

Kinshasa International Airport le pleanaichen a' dol gus A' Bhruiseal, Paris, and Madrid agus dùthchannan eile ann an AfragaN'Dolo Airport.

Lomé

'S e prìomh-bhaile Tògo a tha ann an Lomé. Tha e suidhichte aig an Gulf of Guinea anns an earra-dheas Tògo faisg air crìoch Ghàna. Tha Lomé 172km air falbh bho Accra (Gàna), 756km bho Ouagadougou (Burkina Faso), 772km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri) agus 136km bho Cotonou (Benin). 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 7’ 55” Tuath agus 1° 13’ 22” Ear. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 64m os cionn ìre na mara.Anns a’ bhliadhna 1998 bha mu 700,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh mar Bey Beach anns an 18mh linn. Bho 1882, nuair dh’fhosgail an companaidh-malairt Breatannach A. and F. Swanzy an seo, b’e àite malairt cudthromach a bha ann. 'S e an taigh-òsta 2 Fevrier Sofitel Hotel an togalach as àirde a tha anns a’ bhaile agus ann an Tògo gu lèir. Tha oilthigh University of Lomé ann. Tha port-adhair ann cuideachd: Lomé-Tokoin Airport.

Niamey

'S e prìomh-bhaile Nìgeir a tha ann an

Niamey. 'S e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte air bruach Abhainn Niger. Tha Niamey 798km air falbh bho Chotonou (Benin), 2,586km bho Algiers (Aildiria), 769km bho Abuja (Nìgeiria), 2,439km bho Tripoli (Libia), 414km bho Ouagadougou (Burkina Faso), 1,100km bho Bhamako (Màili) agus 1,411km bho N'Djamena (An t-Siad). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 210m os cionn ìre na mara. Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 18mh linn. Cha e robh e uabhasach mòr gus an do thòisich na Fraingis Niamey a cleachdadh mar àite-malairt. Dh’fhas an àireamh-shluaigh bho 3,000 ann an 1930 gu 30,000 (1960) agus a-nis mu 800,000 anns a’ bhaile gu lèir.

Àitichean cudthromach:

Niger National Museum, Taigh tasgaidh a’ sealltainn cnàmhan dinosaur agus an Tree of Ténéré.

National School of Administration

Oilthigh Abdou Moumouni Niamey

Centre numérique de NiameyTha an Diori Hamani International Airport suidhichte deas air an Abhainn Niger.

Nouakchott

'S e prìomh-bhaile Moratainia a tha ann an

Nouakchott (Arabais: نواكشوط ). Tha an t-ainm a' ciallachadh: "àite na gaoithe". 'S e am baile as motha na dùthcha a tha ann cuideachd agus aon de na bailtean as motha ann am Fàsach Sahara.B' e baile iasgaich a bha ann gu 1958. Ach chaidh a thaghadh mar prìomh-bhaile air sgàth 's gu bheil am baile suidhichte ann an àite math airson malairt agus air sgàth 's gu bheil an t-sìde math mar as trice. Tha e suidhichte air an taobh an iar fasach Sahara, aig a’ Chuan Siar. Tha Nouakchott 1,033km air falbh bho El Aaiún (Sathara an Iar), 409km bho Dhakar (Seanagal), 2,789km bho Algiers (Aildiria) agus 1,054km bho Bhamako (Màili). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 7m os cionn ìre na mara.'S e teas meadhan malairteach a th' ann. Chaidh am port-mara a dh’fhosgladh anns a’ bhliadhna 1986. Tha Nouakchott ceangailte le rathad mòr tro Boutilimit agus Kiffa gu Néma a tha mu 1100 cilemeatair air falbh . Tha am port-adhair Nouakchott International Airport faisg air a’ bhaile. Tha an t-aonar oilthigh ann am Moratainia suidhichte ann an Nouakchott, 's e Université de Nouakchott an t-ainm a tha air. Dh’fhosgail e anns a’ bhliadhna 1981.

Àitichean inntinneach ann an Nouakchott:

Musée Nationale de Nouakchott, taigh-tasgaidh.

Nouakchott Silver Market

Bibliothèque Nationale, leabharlann nàiseanta.

National Archives

Saint-John Perse

B' e sgrìobhadair às an Fhraing a bha ann an Saint-John Perse (fìor ainm: Alexis St-Léger Léger).

Rugadh e ann am Pointe-à-Pitre, Guadeloupe ann an 1887 agus chaochail e ann an Hyères ann an 1975.

Bhuin e do theaghlach a bha an sàs ann am malairt nan tràillean anns Na h-Innseachan an Iar.

Dh'ionnsaich e lagh aig Oilthigh Bhordeaux is chaidh e san seirbheis dhioplòmasach. Dh'obair e mar thosgair ann an Sìne is sna Stàitean Aonaichte.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1960 airson a bhàrdachd.

Stockholm

'S e prìomh-bhaile Suaineach a tha ann an Stockholm (IPA: stɔkːɔlm). Tha nas motha na aon muileann duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin agus timcheall air a' bhaile. Tha Stockholm suidhichte 513km air falbh bho Malmö, 484km bho Helsingborg, 396km bho Ghöteborg agus 61km bho Uppsala. Tha Rìgh na Suaine a' fuireachd an-seo.

Windhoek

'S e prìomh-bhaile Naimibia a tha ann an Windhoek,(IPA: /ˈvɪntˌhʊk/). Tha e suidhichte air taobh tuath Khomas Highlands, air an àirde an iar na dùthcha, aig 1,687m os cionn ìre na mara. 'S e àite-malairt cudhtromach a th’ ann, gu h-àraidh le craiceannan-caoraich. Tha Windhoek 1,581km air falbh bho Luanda (Angola), 1,420km bho Lusaka (Saimbia), 928km bho Ghaborone (Botsuana) agus 1,175km bho Phretoria (Afraga-a-Deas).Anns na 1850mh thòisich Captain Jan Jonker Afrikaner air a bhith a' fuireach faisg air aon de na tobraichean le uisge teth, an t-àite far a bheil Klein-Windhoek (Windhoek beag) an-diugh. Ach canar gur ann aig an 18mh an Dàmhair 1890, nuair a chaidh am baile fhèin a stèidheachadh. Thòisich Von François an dùn Alte Feste (Seann Dùn) a thogail. Nuair a dh’ fàs Naimibia neo-eisimeileachd bho Afraga a Deas anns a’ bhliadhna 1990, chaidh an riaghaltas a stèidheachadh anseo.

Tha dà phort-adhair aige:

Eros Airport airson pleanaichean beaga

Windhoek Hosea Kutako International Airport, 42 cilemeatair 'san ear air Windhoek.

Yaoundé

'S e prìomh-bhaile Camarun a tha ann an Yaoundé (IPA: ja.un.deɪ). Anns a' bhliadhna 2005 bha 1,430,000 duine a' fuireach an seo. 'S e an dàrna bhaile as motha den dùthaich an-dèidh Douala. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 733m os cionn ìre na mara. 'S e seo an co-chomharran aige: 3°52′ Tuath agus 11°31′ Ear. Tha Yaoundé 786km air falbh bho Bangui (Poblachd Meadhan Afraga), 996km bho N'Djamena (An t-Siad), 728km bho Abuja (Nìgeiria), 450km bho Libreville (Gabon), 1,004km bho Khinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo) agus 303km bho Malabo (Gini Mheadhan-Chriosach).Chaidh Yaoundé a stèidheachadh le luchd-malairt Gearmailteach anns a’ bhliadhna 1888. An dèidh an Cogadh Mòr bha Yaoundé na phrìomh-bhaile ann am French Cameroon. Tha am port-adhair Yaoundé Nsimalen International Airport faisg air a’ bhaile, agus tha Yaoundé ceangailte le rathad-iarainn gu Douala ‘sa deas agus gu N'Gaoundéré ‘sa tuath.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.