Leabhar-eòlais

'S e Leabhar-eòlais, Cuairt Leabhar neo Leabhar mòr-eòlais leabhar fa-leth neo leabhar ioma-ròil, a tha lìonta le gearr-aistean mu iomadh cuspairean. Is amas gach cuairt-leabhar a chruinneaich am farsuinneachd de eòlas aig Mac an Duine.

Nochd an coinceap de'n Chuairt Leabhar anns an Fhraing, an dà chuid, mar toradh don "Soillseadh" agus don "Chara-Mhuiltean Fhrangach" de 1789. Bha feallsanaich coltach ri Voltaire de'n bheachd gu robh freagairtean ri uile ceist aig Mac an Duine ri lorg anns na saidheansan nàdurra, air barrachd bha iadsan a' creidsinn gu robh eòlaich an latha air gabhail greim air nàdur an dùil gu lèir. B' e amas na an "Encyclopédie" a chaidh an clò ann an 1799, agus a bha maoinichte le Riaghaltas na Frainge a bhith na cuairt-leabhair a sheasadh anns an ionad a bha aig a' Bhìobuill a roimhe sin: Leabhar-Mòr de fhirinn an dùil.

Encyclopedie de D'Alembert et Diderot - Premiere Page - ENC 1-NA5
Priomh dhuilleag dhen "Encyclopédie", sgrìobhte le Diderot agus d'Alembert, 1772
Eòlas-bodhaige

'S e saidheans structar a' chuirp a tha ann an eòlas-bodhaige, no corp-eòlas, no anatomachd.

'S e saidheans obrachaidh a' chuirp a tha ann am beò-eòlas.

Faclair Eachdraidheil na h-Eilbheis

'S e leabhar-eòlais tri-chànanach mun Eilbheis a tha ann am Faclair Eachdraidheil na h-Eilbheis (Gearmailtis: Historisches Lexikon der Schweiz, Fraingis: Dictionnaire Historique de la Suisse, Eadailtis: Dizionario storico della Svizzera).

Chaidh a chruthachadh o 1988 le fonndas Faclair Eachdraidheil na h-Eilbheis, an deach na phàirt Acadamh Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta na h-Eilbheis ann an 2017. Thoisich am fonndas fiosrachadh a chur air loidhne ann an 1998 is dh'fhoillsich e a chiad leabhraichean (sa' Ghearmailtis, sa' Fhraingis is san Eadailtis) san Dàmhair 2002 is an treas leabhar deug is deireannach ann an 2014. Dh'fhoillsich e cuideachd taghadh ann an Rumantsch, a tha Lexicon Istoric Retic air.Tha siostam smachd an ùghdarrais aig Uicipeid a' cleachdadh aithnichearan às am Faclair.

Iain Mac an Sporain

Tha an Dr Iain Mac an Sporain (Beurla John Purser) (1942) ʼna sgrìobhadair, sgrìobhaiche-ciùil agus neach-rannsachaidh ciùil. Rugadh e ann an Glaschu ann an 1942, agus tha e aʼ fuireach a-nis air an Droighnean faisg air Ealaghol san Eilean Sgitheanach far a bheil tuathanas aige.

An leabhar Scotland's Music, (1992 le tionndadh nuadh ann an 2007) a sgrìobh e, tha e ʼna leabhar-eòlais cudromach air eachdraidh aʼ chiùil bho Linn an Umha chun an latha an-diugh. Lean e air sin le sreath de 30 phrògraman air BBC Radio Scotland fon aon ainm.

Thug e seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1994. Rinn e cùrsa aig aʼ cholaiste bho 1999 gu 2001 agus ionnsaich e aʼ Ghàidhlig gu fileantachd. Bʼ esan aʼ chiad stiùiriche air aʼ cheum BA Gàidhlig agus Ceòl aig Sabhal Mòr Ostaig.

MusicBrainz

'S e leabhar-eòlais fosgailte ciùil a tha ann am MusicBrainz.

Chaidh e stèidhichte an dèidh do Gracenote an CDDB (stòr-dàta CD) a ghabhadh thairis is stiùireadh gu coimearsalta ann an 2000. Tha e a' cur mòr-chuid an dàta ri fhaighinn fo chead CC0 no CC BY 3.0. Tha am bonn MetaBrainz a' cumadh MusicBrainz.Tha siostam smachd an ùghdarrais aig Uicipeid a' cleachdadh aithnichearan à MusicBrainz.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.