León

’S e baile mòr faisg air Ponferrada air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann an León (IPA: leˈon). Tha e suidhichte aig 837m os cionn ìre na mara,[1] 330km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 785km bho Bharcelona.[2] Tha 127,817 daoine a’ fuireach ann an León.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne León a th’ann cuideachd.

León
Bandera de León (ciudad) Escudo de León (ciudad)
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Palacio de los Guzmanes y Casa Botines

Provincia de León - Area Metropolitana León
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Spain.svg An Spàinn
Ceàrn Bandera de León.svg León
Sgìre Flag of Castile and León.svg Castilla y León
Co-chomharran 42° 21' 22' Tuath
03° 37' 17' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 39.03 km²
Àireamh-shluaigh 127,817 (2009)
Dlùths 3,274.84/km²
Àireamh fòn + 34 987
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à Legio ann an Laideann a tha an t-ainm - tha lucas a' ciallachadh Lèigiun.[4] Bha gearastan an VI Lèigiun an seo o chion fhada. Fad nan linntean dh' atharraicheadh sin mar a leanas: Legio → Leionem → Leio → León/Llión.[5]

Eachdraidh

B' e na Ròmanaich a stèidhich am baile mar ghearastan ann an 29 RC, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach. Dh'ainmeachadh prìomh'bhaile na Rìoghachd León ann an 911. Bha rol gu math cudromach aige ann an cruthachadh na Spàinne fad na meadhan aoisean. Dh'aonachadh an Rìoghachd ri Castilla ann an 1230.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an León.[9] Cha tuit ach 515mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 551mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' ann.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. A Xunta
  5. La Crónica 16 de León, (1997). Historia de León, Prehistoria-Edad Antigua-Edad Media I, 84-920557-7-4.
  6. History Files
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  9. Aemet
  10. Diario de León

Ceanglaichean A-mach

1895

MDCCCXCV

1909

MCMIX

1971

MCMLXXI

1976

'S e bliadhna-leum a bha ann an 1976 (MCMLXXVI).

27 an Giblean

'S e 27 an Giblean an 117mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich (118mh ann am bliadhna-leum). Tha 248 latha air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

Alfonso López Michelsen

B’ e fear-lagha, sgoilear agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann an Alfonso López Michelsen (Bogotá, 30 an t-Ògmhios 1913 – ibidem, 11 an t-Ògmhios 2007). Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 7 an Lùnastal 1974 agus 7 an Lùnastal 1978. Bha athair, Alfonso López Pumarejo, na cheann-suidhe dà thuras roimhe, eadar 1974 agus 1978, agus an uair sin bho 1942 gu 1946. Phòs e aig Cecilia Caballero Blanco ann an 1938 agus rug i triùir duine-cloinne dha. S' e boireannach uabhasach ainmeil a th’ innte, a rinn tòrr airson nam ban agus an cuid chòirichean.

A bharrachd air bliadhna na chomhairliche airson Engativá (1938) cha do rinn e càil ann am poileataigs mus robh e 40 bliadhna a dh'aois. B' fheàrr leis a bhith an lùib nan oilthighean agus bha e na cheann-suidhe an Universidad Libre. Chuir an teaghlach seachad bliadhnaichean nam fògarraich thall thairis aig àm na deachdaireachd aig Gustavo Rojas Pinilla, ach cha do thill iad mus leig esan a dhreuchdan ann an 1957. An ceann dà bhliadhna chaidh gluasad poileataigeach a stèidheachadh le seann oileanaich aige, air an robh an MLR. Sheas e an aghaidh Guillermo León Valencia ann an 1962 airson na buidhne sin, ach chaill e. Bhuannaich e mu dheireadh thall ann an 1974. Dh'fhàgadh airsan nach robh e rag a thaobh luchd-reic dhrogaichean agus gu robh e gu math dluth air Na Stàitean Aonaichte.

An Spàinn

'S e stàit anns an Eòrpa an Iar a tha anns an Spàinn neo an Spàinnt. Tha crìochan aice sa tuath leis an Fhraing agus le Andorra, san iar leis a’ Phortugal, san ear is sa deas leis a' Mhuir Mheadhanaich agus le Giobraltair. 'S e Rìoghachd ann a th' ann an Spàinn an latha an-diugh, ach tha i air a bhith fo iomadh Cheannardan agus siostaman riaghlaidh eadar-dhealaichte, poblachdan agus deachdairean na measg.

Tha roinnean aig an Spàinn:

Na h-Eileanan Balearach anns a’ Mhuir Mheadhanaich

Na h-Eileanan Canàrach anns a’ Chuan Siar

Ceuta agus Melilla ann an Afraga a Tuath'S i rìoghachd ioma-nàiseantach a th' innte. Bruidhnear mòran cànain agus dual-chainntean eadar-dhealaichte anns an Spàinn. Ged a tha Spàinntis na chànan oifigeil, tha Catalanais, Basgais is Gallego co-oifigeil anns na Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh. Ann an Val d'Aran tha an dual chainnt Aranais ann, cànan co-oifigeil a tha ceangailte le Ogsatanais.

Baile Átha Cliath

Is e prìomh-bhaile Poblachd na h-Èireann a tha ann an Baile Átha Cliath (IPA: bˠalʲə a:ha klʲiəh; Beurla: Dublin, Gaelg Mhannain Divlyn) , agus am baile as motha 's an tir sin cuideachd. Tha e suidhichte air gach taobh an linn cumhang de Abhainn na Lifé. Thàinig a h-ainm Beurla bhon ainm Gaeilgeair an seòlaid: "Dubh Linn". A dh'aointinn an t-ainm b' e na Lochlannaich a stèidhich am baile. Tha iad comharraichte an ainm sgìre "Baile Lochlainn" dlùth ri taobh tuath na Life faisg air na ceithir cuairtean, agus an ìomhaigh umha crannghail long-fhada aig beulaibh prìomh-oifis Comhairle Atha Cliatha air Na Laimrigean Deasa.

An linn nan Normanach shuidhich iomadh choigreach a Sasainn am Baile Atha Cliath, agus mar a fhuair na Tighearnan Normanaich smachd air Èireann, thànaig Baile Atha Cliatha a bhi cathair cumhachd nan Sasunnaich an Èireann - suidheachadh a mhair sìos ri 1921. Rinneadh "callaid" mun chuairt am baile Shasunnaich ré an 14mh linn, a dhìon na Gall bho na Gaidheal "borb" air an taobh a muigh. Tro na meadhan aoisean, b' e am Beurla cainnte na Callaid agus a' Ghàidhlig cainnte den chorr, shuidheachadh a mhair gu ìre mhòr mus Bliadhna a' Ghoirt Mhòir (1847).

A measg na prìomh thogalaich den cathair tha: Caisteal Atha Cliatha, Àros Eaglais Chrìosd (Eaglais na h-Èireann), Na Ceithir Cuairtean, Taigh nan Cuspainn, Oifig Ginearalta An Phoist. Tha an Taigh-grùdaidh ainmeil Guinness suidhichte aig Geata Naoimh Sheamuis. Tha Àros an Uachtaran suidhichte an Pàirc an Fhionn-Uisge, pàirc agus taigh a bhuineadh ris an teaghlach Ghuinness.

Belisario Betancur Cuartas

B' e fear-lagha, riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann am Belisario Antonio Betancur Cuartas (Amagá, 4 an Gearran 1923 - Bogotá, 7 an Dùbhlachd 2018). Bha e na cheann-suidhe Choloimbia bho 7 an Lùnastal 1982 gu 7 an Lùnastal 1986. 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineas e. Chaidh e dhan Oilthigh Bholivariana. Phòs e aig Rosa Helena Álvarez Yepes, à Medellín, ann an 1945 agus rug i triùir duine-cloinne dha. Bha ise dìreach 21 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chaochail i ann an 1998. Phòs Betancur a-rithist ann an 2000 aig Dalia Rafaela Navarro Palmar.

Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann an Antioquia eadar 1945 agus 1947. Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear an Fhoghlaim fo Alberto Lleras Camargo fad corra mìos ann an 1960: na mhinistear na h-Obrach fo Ghuillermo León Valencia bho 1962 gu 1963. A bharrachd air sin, chuir e seachad dà bhliadhna thall thairis na thosgaire san Spàinn, bho 1975 gu 1977. B' esan an aon bhall-chruinneachaidh a thug taic do Mhariano Ospina Pérez an aghaidh Ghustavo Rojas Pinilla. Bha e na thagriache neo-oifigeil an aghaidh Mhisael Pastrana Borrero ann an 1970, ach chaill e.

Chaidh Betancur a thaghadh ann an 1982, mu dheireadh thall. B' fheudar dha dèiligeadh ri iomadh dùbhlan nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Ghlac buidheann cheannairceach, air an robh M-19, an àrd-chùirt: Cha do rèitich betancur riutha agus thug e òrdughan dhan Arm: chaochail mòran ann am batal eadar saighdearan agus Reubaltaich. Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh a' beinn-teine Nevado del Ruiz ann an 1985, a rinn sgrios air Armero: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh. Dhiùlt esan Cupa na Cruinne a chumail: thuirt e nach b' urrainn do Choloimbia am farpais fhaighinn agus gu robh esan airson an t-airgead a' caitheamh ann an leasachadh na dùthcha. 'S e Colombia an aon dùthaich a dhiùlt am farpais fhaighinn a-riamh.

Carlos Lleras Restrepo

B’ e fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann an Carlos Lleras Restrepo (Bogotá, 12 an Giblean 1908 – ibidem, 27 an t-Sultain 1994). Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bho 1966 gu ruige 1970. Phòs e aig Cecilia de la Fuente Cortés à Barcelona san Spàinn ann an 1933 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. B’ e boireannach uabhasach beairteach cumhachdail a bh’ innte. Bha Lleras Restrepo anns na oghaichean le Alberto Lleras Camargo, a bha na cheann-suidhe cuideachd, eadar 1945 agus 1946 agus bho 1958 gu 1962.

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann an Lleras Restrepo agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche airson Bhogotá ann an 1931 air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus bha e dlùth air Alfonso López Pumarejo. Chuidich e Enrique Olaya Herrera cuideachd. Roinnich e an sgìre El Chocho, leis gu robh e airson oighreachdan mòra a bhriseadh. Bha e na thagraiche ann an iomairt a' cheannais ann an 1944 ach chaill e. Nuair a bha e os cionn na dùthcha bha luchd-leantainn Gustavo Rojas Pinilla nan trioblaid mhòr agus theab an Riaghaltas tuiteam.

Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh

Tha An Spàinn air a roinneadh ann an 17 pàirtean air a bheil Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh (Basgaisː Autonomia Erkidegoak, Catalanaisː comunitats autònomes, Spàinntisː Comunidades Autónomas). 'S e Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh a th'annta air sàilleabh gu bheil cumhachdan reachdail agus laghail aca. Tha iad, gu h-ìre mar Alba. Chruthaich Bun-reachd ùr 1978 Spàinne cumhachdan airson siostam riaghlaidh ùr a chuir air dòigh san Spàinn, mar phàirt a' phròiseis anns an robhar a' deamocrachadh na stàite, an dèidh na deachdaireachd, a mhair bho 1939 gu ruige bàs Francisco Franco, ann an 1975.

Guillermo León Valencia

B' e fear-malairt, riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann an Guillermo León Valencia Muñoz (Popayán, 27 an Giblean 1909 - Eabhraig Nuadh, 4 an t-Samhain 1971). Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1962 agus 7 an Lùnastal 1966, nuair a bha an dùthaich air a sgiùrsadh le ainneart marbhtach fuilteach eadar luchd-leantainn an dà phàrtaidh cumhachdail. 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineadh e: bha athair, Guillermo Valencia Castillo, na bhàrd ainmeil. Chaidh e do dh' Oilthigh a' Chauca. Phòs e aig Susana López Navia à Palmira, faisg air Cali, ann an 1931 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. B' e ise a' chiad bhean a' chinn-suidhe a chaochail tron teirm an duine aige a-riamh.

Bha Valencia na thosgair thall anns An Spàinn deich turas agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin fad còrr is mìos ann an 1953. Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1962. bha e an aghaidh na deachdaireachd aig Gustavo Rojas Pinilla agus, às aonais Valencia agus Alberto Lleras Camargo, dh' fhuiricheadh Pinilla san chumhanchd gu sìorraidh. B' e a phrìomh-amas sìth a thoirt air ais dhan dùthaich: thug e ministrealachdan gu Libearalaich agus Tòraidhean ged a bha dubh ghràin aca. Bha Valencia cuideachd na thosgair anns na Stàitean Aonaichte eadar 2005 agus 2006. Rinneadh fanaid airsan anns na meadhanan o chionns gun tuirt e "Arriba España!" (Suas leis an Spàinn ann an Spàinntis) nuair a chuir e fàilte air Charles de Gaulle, ceann-suidhe na Frainge aig an àm.

León (provincia)

'S e provincia na Spàinne a tha ann an León (IPA: leˈon, Leonais: Llión, IPA: ʎiˈoŋ). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e León a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh León fad 15,570km² agus tha 497,799 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an seachdamh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 32mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Astùrias, Cantàbria, Lugo, Ourense, Palencia, Valladolid agus Zamora. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Madrid

'S e prìomh-bhaile na Spàinn a tha ann am Madrid (IPA: maˈðɾɪ(ð)). Canar Madrileños ri muinntir a' bhaile. Tha an rìgh spainnteach a' fuireach an seo cuideachd. Tha am baile suidhichte ann am meadhan na Spàinn air bruach Abhainn Manzanares. 'S e am baile as motha den dùthaich agus an ceithreamh baile as motha den Aonadh Eòrpach. Tha am baile cliùiteach airson na taighean-tasgaidh, m.e.: Taigh-tasgaidh "Prado", Taigh-tasgaidh "Thyssen-Bornemisza" ann an Villahermosa Palace agus "Museo Nacional Centro de Arte Reina Sofía" le dealbhan anns an nos ùr. Tha Madrid aon-roinneil.

Misael Pastrana Borrero

B' e eaconomaiche, fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann am Misael Pastrana Borrero (Neiva, 14 an t-Samhain 1923 - Bogotá, 21 an Lùnastal 1997). Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnasdal 1970 agus 7 an Lùnasdal 1974. 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineadh e: bha a mhac, Andrés Pastrana Arango, na cheann-suidhe bliadhnaichean an a dhèidh, eadar 1998 agus 2002. A bharrachd air sin, bha càideas fad às aige ri Mercedes Cabal Borrero, bean Mhanuel Mharía Mhallarino. Chaidh e dhan Oilthigh Javeriana ann am Bogotá. Phòs e aig María Cristina Arango Vega à Bogotá ann an 1951 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. Tha ise a' buntainn do theaghlach cumhachdail, le ceanglaichean dhan Phàrtaidh Libearalach. Theab Pastrana Borrero bàsachadh ann an tubaist phlèana ann an 1938. Chaochail e le aillse mheirbheach.‘S e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh Choloimbia a th’ ann Pastrana agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar thosgair thall ann an Cathair na Bhatacain agus anns Na Stàitean Aonaichte. Nuair a thill e dhan dùthaich bha a na rùnaire dhan cheann-suidhe Mariano Ospina Pérez. Bha e na mhinistear na Stàite fo Guillermo León Valencia agus na ionmhasair fo Carlos Lleras Restrepo. Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1970. B' e Pastrana Borrero a dh' fhosgail an taigh-ghnìomhachais Renault ann an Envigado, air sàilleabh gu robh prògram-leaschaidh malairt ann. Cuideachd dh'atharraich e siostam na slàinte, thug e piseach air còirichean nam banntraichean agus nan dìlleachdan, leasaich e na peinnseanan agus an còmhdhail.

Roinnean na Spàinne

Chaidh sgrìobhainn fhoillseachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. Chruthaich esan stàit mheadhanaichte, air a roinneadh ann an 49 roinnean agus 15 mòr-roinnean. Dh'ainmich 45 dhuibh an dèidh nam prìomh-bhailtean (ach Nafarroa (Pamplona), Araba (Gasteiz), Gipuzkoa (Donostia) agus Bizkaia (Bilbao). Chaidh siostam ùr a chur an gnìomh ann an 1978, a chruthaich Coimhearsnachdan agus Fhèin-Riaghlach: tha seachd dhuibh aon-roinneil: Asturias, Na h-Eileanan Balèarach, Cantàbria, La Rioja, Madrid, Murcia agus Nafarroa. Chan eil comhairlean roinneil (Catalanais: diputacions provincials) aca. Seo liosta Roinnean na Spàinne bho fhigearan na Riaghaltais

Valladolid (provincia)

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Valladolid (IPA: baʎaðoˈlið). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Valladolid a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh Valladolid fad 8,110 km² agus tha 534,874 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 28mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 29mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Burgos, León, Palencia, Salamanca, Segovia agus Zamora. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Virgilio Barco Vargas

B' e eaconomaiche, Innleadair agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann am Virgilio Barco Vargas, Cúcuta, 17 an t-Sultain 1921 - Bogotá, 20 an Cèitean 1997). Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1986 gu ruige 1990. Phòs e aig Mary Caroline Isakson à York (Pennsylvania) ann an 1950 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. 'S e boireannach uabhasach beairteach a bhuineadh do theaghlach bho thall thairis a bh’ innte: bha athair an lùib gnothach a' pheatrail airson companaidh mhòr às Na Stàitean Aonaichte. Chaidh Barco Vargas dhan Oilthigh Nàiseanta Colombia anns a' chiad dol a-mach agus an ceann bliadhaichean chaidh e do MIT agus Oilthigh Boston.

B' e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a bh’ ann am Barco Vargas agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an Durania ann an 1943, nuair a bha e dìreach 22 bliadhna a dh'aois agus ann an Cúcuta fhèin ann an 1947. Chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid ann an 1949 ach b' fheudar dha an dùthaich fhàgail ann an 1950 o chionn ’s cho cunnartach 's a bha an suidheachadh aig àm cogadh sìobhalta eadar an dà phàrtaidh mhòr. 'S ann thall thairis a chuir e crìoch air a chuid fhoghlaim. Dh' ionnsaich e fo dhithis ollamh a gheibheadh an Duais Nobel an ceann bliadhnaichean: Robert Solow agus Paul Samuelson.Thill e dhan dùthaich aige fhèin ann an 1954 agus an ceann ceithir bliadhna, ann an 1958, chaidh a thaghadh dhan t-Seanadh. Bha e na Mhinistear na h-Obrach Phoblach eadar 1958 agus 1960 fo Alberto Lleras Camargo, na Rùnaire na Stàite bho 1962 agus 1963 agus an uair sin na Mhinistear an Àiteachais eadar 1963 agus 1964 fo Guillermo León Valencia. A bharrachd air sin bha e na thosgaire thall thairis dà thuras: ann am Breatainn (1961 - 1962) agus anns na Stàitean Aonaichte (1977 - 1980). Nuair a bha e os cionn Riaghaltas na dùthcha rinne tòrr an aghaidh bhochdainn agus leasaich e an riaghaltas fhèin. A dh'aindeoin sin, bha suidheachadh na Stàite gu math cugallach agus thug luchd-reic dhrogaichean droch bhuaidh mhòr air an dùthaich.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.