La Habana

'S e prìomh-bhaile Chùba a tha ann an La Habana (IPA: [la aˈβana], Beurla: Havana), ainm oifigeil: Ciudad de La Habana. Tha 2.6 millean duine a’ fuireach anns an àrd-bhaile Habana, mar sin dheth 's e am baile as motha ann an Cùba agus anns a' Chairibìan gu lèir. [1] Tha an abhainn Almendares a’ ruith tron bhaile agus tha tri puirt-mara ann:

  • Marimelena
  • Guasabacoa
  • Atarés

'S e teas meadhan malairteach na dùthcha a th’ ann.

La Habana
Escudo de la Habana
Gearradh-arm
no Seula
Cuba Panorama de L'Habana
Suidheachadh
Dùthaich Cùba
Ceàrn Ciudad de La Habana
Co-chomharran 23° 8’ Tuath
82° 23’ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 721.01 km²
Àireamh-shluaigh 2,168,255 (2006)
Dlùths 3,007.25/km²

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Latin America Population - Àireamh-shluaigh Havana.
  2. SisterCities
  3. Gemeente Rotterdam

Ceanglaichean a-mach

1724

'S e bliadhna-leum a bha ann an 1724 (MDCCXXIV).

1853

MDCCCLIII

1947

MCMXLVII

1965

MCMLXV

2016

'S e bliadhna leum anns a' Mhìosachan Griogarach a tha ann an 2016.

25 an t-Samhain

'S e 25 an t-Samhain an 329mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich (330mh ann am bliadhna-leum). Tha 36 làithean air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

28 am Faoilleach

'S e 28 am Faoilleach an 28mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich. Tha 337 latha (338 ann am bliadhna-leum) air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

Cádiz

‘S e baile mòr agus port uabhasach cudromach ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Cádiz (IPA: kaðiθ neo kaðis). Chaidh am baile a stèidheachadh leis na Phoenicianaich o chionn 3,000 bliadhna is ‘s e Cádiz am baile as sine air an àirde an iar-dheas na Roinn-Eòrpa. Tha e suidhichte aig dìreach 11m os cionn ìre na mara, ri taobh a’ Bhàigh Cádiz. Tha Cádiz 480km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 98km bho Shevilla. Tha am baile air an àirde an ear-dheas Andalusia. Tha 125,826 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 10mh baile as motha na h-Andalusia agus an 51mh baile na Spàinne.

Cùba

'S e dùthaich anns an Roinn Charaibeach a tha ann an Cùba neo Ciùba, ainm oifigeil: Poblachd Chùba (Spàinntis: República de Cuba, IPA: re'puβlika ðe ˈkuβa). 'S e Cùba an t-eilean as motha anns na Greater Antilles. Tha i na laighe eadar Am Muir Caraibeach agus an Cuan Siar deas air na Stàitean Aonaichte agus na h-Eileanan Bhathama. Tha Meagsago san taobh an iar dhith. Leis na tràighean brèagha aice tha roinn na turasachd gu math làidir ann an Cùba.

Fidel Alejandro Castro Ruz

B’ e saighdear, fear-lagha, neach-poileataigs agus stàitire Comunnach à Cùba a bh' ann am Fidel Alejandro Castro Ruz (IPA: fiˈðel aleˈxandɾo ˈkastɾo ˈrus, Birán 13 an Lùnasdal 1926 - La Habana 25 an t-Samhain 2016).

Gijón

'S e baile mòr agus port faisg air Oviedo ann an Asturias (An Spàinn) a th' ann an Gijón (IPA: xiˈxon, Asturianis: Xixón, IPA: ʃiˈʃoŋ Laideann: Gigia). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 3m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Asturias fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 713. 'S e Asturianis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo. 'S e am port, na bàtaichean-aiseig agus gnothaichean ceangailte ris a' mhuir a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 275,735 duine a' fuireach ann, am baile as motha sa Phrionnsalachd.

Glaschu

'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu [IPA: ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: Glasgow, a' Bheurla Ghallta: Glesgie no Glesca) ged as e Dùn Èideann prìomh-bhaile na dùthcha.

'S e fear de na 32 ùghdarrasan ionadail ann an Alba a tha ann. Tha freumhan an ainm stèidhichte air glas + cu, a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' Bhriothannais. Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air Abhainn Chluaidh ann an Srath Chluaidh. Chaidh a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungan (ris an canar Ceanntighearna neo Kentigern cuideachd) air an àite far a bheil a' chathair-eaglais (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an-diugh.

Tha an dàrna oilthigh as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha An Dàrna Cathair san Ìompaireachd ("The Second City of the Empire") air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich leas-gnìomhachas, m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus lorg rannsachadh ann an 2005 gun robh làn-thoradh dùthchail gach pearsa nas motha anns an Rìoghachd Aonaichte dìreach ann an Lunnainn agus Dùn Èideann. Chaidh an STUC a stèidheachadh an seo ann an 1897.

José Julián Martí Pérez

B' e saighdear, bàrd, sgrìobhadair agus rèabhlaideach nàiseantach à Cùba a bh' ann an José Julián Martí Pérez (La Habana, 28 am Faoilleach, 1853 - Dos Ríos, 19 an Cèitean 1895). Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air Fidel Castro.

Oilthigh La Habana

'S e Oilthigh La Habana a' chiad oilthigh ann an La Habana agus am fear as cliùitiche gus an latha an-diugh.

Pàrtaidh Comannach Chùba

Chaidh am Pàrtaidh Comannach Chùba (Spàinntis: Partido Comunista de Cuba) a stèidheachadh ann an 1965, le Fidel Alejandro Castro Ruz, an àite M-26-7, a bhuannaich ar-a-mach an aghaidh Fulgencio Batista Zaldívar ann an 1959. Thug beachdan an Aonaidh Shobhiat buaidh mhòr air a' phàrtaidh aig toiseach tòiseachaidh. 'S e Raúl Modesto Castro Ruz, bràthair beag Fhidel, a tha os a chionn an latha an-diugh.

Pàrtaidh Ortadogsach

B' e Pàrtaidh phoileatagach a bh' ann am Pàrtaidh Ortadogsach (Spàinntis: Partido Ortodoxo, ainm slàn: Partido del Pueblo Cubano – Ortodoxo). Chaidh am Pàrtaidh Ortadogsach a stèidheachadh ann an 1947, le Eduardo René Chibás Ribas, nuair a bhris am Partido Revolucionario Cubano (Auténticos) a-mach à chèile. B' e pàrtaidh a bha gu tur an aghaidh coirbteachd a bh' ann, a ghabhadh a-steach daoine bho ghach taobh an speactraim phoileataigeach, Comannaich agus Caitligich nam measg. B'e trioblaid mhòr dhan phàrtaidh a bha sin. Chaill am pàrtaidh na taghaidhean nàiseanta ann an 1948 ach bha iad an impis sin a bhuannachadh ann an 1952 nuair thug Fulgencio Batista Zaldívar seilbh air an Riaghaltas. Chaidh am pàrtaidh a dhùnadh ann an 1959. Bha Fidel agus Raúl Castro nam buill a' phàrtaidh, mus robh M-26-7 air neo am Pàrtaidh Comannach Chùba ann.

İzmir

'S e baile mòr, port agus sgìreachd bhaile (Turcais: büyükşehir belediyesi) air an àirde an iar Poblachd na Tuirce a th' ann an İzmir (IPA: izmiɾ, Greugais: Σμύρνη). Tha İzmir suidhichte faisg air Urla, air costa na Mara Àigeanaiche, eadar Antalya agus Manisa san roinn (Turcais: ili) İzmir, ri taobh Camas İzmir (Turcais: İzmir Körfezi), aig 2m os cionn ìre na mara. Tha 2,847,691 duine a' fuireach ann. 'S e an treas baile as motha na dùthcha a th' ann agus an dara bhaile na Mara Àigeanaiche cuideachd, an dèidh na h-Àithne cuideachd.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.