Làn-thoradh Dùthchail

'S e tomhas eaconamaidh na dùthcha a th' ann Làn-thoradh Dùthchail no Làn-Thoradh Dùthchail (LTD). 'S e "Gross Domestic Product" a tha air anns a' Bheurla, "Producto Nacional Bruto" anns an Spàinntis agus "Produit National Brut" anns an Fhrangais.

Ceanglaichean a-mach

Bermuda

'S e dùthaich eileanach anns a’ Chuan Siar a tha ann am Bearmùda neo Bearmiùda (Beurla: Bermuda). Tha i na laighe aig astar 1770 cilemeatair san taobh an ear na Stàitean Aonaichte agus 1350 cilemeatair deas air Halifax , Alba Nuadh. Tha Hamilton na phrìomh-bhaile aice.

'S e Bermuda aon de na British overseas territory as sine a tha ann an.

Tha an eaconomaidh gu math làidir ann am Bermuda, gu h-àraidh anns an roinn ionmhasail agus ann an roinn na turasachd.

Mar sin dheth bha an Làn-thoradh dùthchail gach pearsa (GDP) am fear as àirde air feadh an t-Saoghail anns a’ bhliadhna 2005.

Tha Bermuda cliùiteach airson na Bermuda shorts agus am Bermuda triangle.

Botsuana

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann Botsuana, ainm oifigeil: Poblachd Bhotsuana. Tha crìochan aice sa tuath le Saimbia, san ear-thuath le Siombabue, san iar le Naimibia agus sa deas le Afraga a Deas.

'S e fàsach a tha ann an 70% den dùthaich. Tha am Fàsach Kalahari suidhichte ann an iar-dheas Botsuana. 'S e an Okavango Delta an t-inbhir as motha air an t-Saoghail. Tha e ann an earra-thuath na dùthcha.

Fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte anns a’ bhliadhna 1966, ach tha i fhathast nam ball den Cho-fhlaitheas.

B' e Botsuana aon de na dùthchannan as bochda a bha ann air feadh an t-Saoghail. Ach bhon àm ud, nuair a fhuair iad neo-eisimeileachd, dh’fhàs i nas beartaiche. Eadar 1966 agus 1999 chaidh an Làn-thoradh dùthchail suas mu 9% gach bliadhna. Anns a' bhliadhna 2007 bha an GDP aig gach pearsa suas gu $14,700.

Burundaidh

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Burundaidh; ainmean eile: Buruindi neo Burundi, ainm oifigeil: "Poblachd Bhurundaidh". Tha crìochan aice le Ruanda san taobh tuath, le Tansainìa san earra-dheas agus le Poblachd Dheamocrach na Congo san iar. Tha an Loch Tanganyika anns an iar na dùthcha.

'S e Bujumbura am prìomh-bhaile aice.

Thàinig an t-ainm Burundaidh bhon chànan Bantu: Kirundi.

Tha an dùthaich gu math iomallach agus chan eil moran stòrais nàdarra aice. Mar sin dheth ‘s e aon de na dùthchannan as bochda air feadh an t-saoghail a-rèir Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa.

Catar

'S e dùthaich leth-eileanach ann an Àisia a tha ann an Catar, Catàr neo Cuatàr, ainm oifigeil: Stàit Chatar (Arabais: دولة القطر Dawlat Al-Qatar).

Tha crìochan aice sa deas le Saud-Aràibia. Tha an Camas Mòr timcheall oirre.

Tha an làn-thoradh dùthchail gach pearsa as àirde air feadh an t-Saoghail aice.

Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh

Tha An Spàinn air a roinneadh ann an 17 pàirtean air a bheil Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh (Basgaisː Autonomia Erkidegoak, Catalanaisː comunitats autònomes, Spàinntisː Comunidades Autónomas). 'S e Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh a th'annta air sàilleabh gu bheil cumhachdan reachdail agus laghail aca. Tha iad, gu h-ìre mar Alba. Chruthaich Bun-reachd ùr 1978 Spàinne cumhachdan airson siostam riaghlaidh ùr a chuir air dòigh san Spàinn, mar phàirt a' phròiseis anns an robhar a' deamocrachadh na stàite, an dèidh na deachdaireachd, a mhair bho 1939 gu ruige bàs Francisco Franco, ann an 1975.

Geilleagar na h-Éireann

Nuair a fhuair na 26 siorrachd de Saorstait na h-Éireann saorsa bho Sasunn ann an 1921, bha eaconomaidh na h-Éireann gu ìre mhòr stèidhichte air tuathanas. Suidheachadh a bha air an leasachadh tro an dara leth den 19mh linn, agus gnìomhachasan giollachaidh na h-Éireann a' fuiling an comh-fharpais le giollachadh Sasunnach.

Cho anamoch ri 1951, bha 73% de rath dùthchail na h-Éireann a' crochadh air àiteachas neo giollachadh de bathar ceangailte ri àiteachas. Re na 1950an thoisich Éireann iomairt a tharruinn im-bheisticheadh chun tìre, iomairt a bhuann leasachadh de geilleagar giollachais eadar 1960 agus 2000.

Ro deireadh na 1990an thoisich gnìomhachasan seirbhis a dol an meud an Éireann, agus le sluagh na h-Éireann a' fàs, bha gannad de taigheadas. As deidh 2003, bha atharrachadh bun-àiteach an geilleagar na h-Éireann, agus lean fiabhras togail leis a' mhargaid airson taigheadas agus ionadan malairt ag éirigh aig luathsnach do-sheasmhach. Ranaig prìsean taigheadas sgurr ann an 2006. Roimhe 2008 bha bancaichean na h-Éireann a' sas an margaidean fiach-taigheadas nan Stàitean Aonaichte, agus nuair a thuit margaid maoinichidh nan Stàitean Aonaichte lean tuiteam gu h-obann san margaidh airson taighean, fearann agus bùithtean ann an Éireann.

Dh'aobharaich seo crìonadh an Eaconomaidh na h-Éireann, agus anns an t-Sultain de 2008, bha cunnart gun tuiteadh coras bancaireachd na dùthcha a-mach as a chéile. Thug an Riaghaltais gealladh taic de luach Eu 400,000,000,000 do luchd-sàbhalaidh le airgead aig na bancaichean agus thoisichan riaghaltas agus ùghdarrasan ionadail a ghearradh turasdailean de seirbhisich poballach, poileasaidh a lean iomadh gnìomhachasan prìobhaideachd anns a' bhad.

Cha mhòr nach deach Éirinn banc-bhriste an Sultain 2010, agus air 28 Samhuinn 2010, dh'aontaich Minisdeirean Maoinichidh nan Stàitean 'san Aonadh Eòrpach còmhla ri Lar-banca na h-Eòrpa ri pasgan maoineachaidh do Riaghaltas na h-Éireann de Eu 85,000,000,000 aig riadh de 5.7%.

Glaschu

'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu [IPA: ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: Glasgow, a' Bheurla Ghallta: Glesgie no Glesca) ged as e Dùn Èideann prìomh-bhaile na dùthcha.

'S e fear de na 32 ùghdarrasan ionadail ann an Alba a tha ann. Tha freumhan an ainm stèidhichte air glas + cu, a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' Bhriothannais. Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air Abhainn Chluaidh ann an Srath Chluaidh. Chaidh a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungan (ris an canar Ceanntighearna neo Kentigern cuideachd) air an àite far a bheil a' chathair-eaglais (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an-diugh.

Tha an dàrna oilthigh as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha An Dàrna Cathair san Ìompaireachd ("The Second City of the Empire") air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich leas-gnìomhachas, m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus lorg rannsachadh ann an 2005 gun robh làn-thoradh dùthchail gach pearsa nas motha anns an Rìoghachd Aonaichte dìreach ann an Lunnainn agus Dùn Èideann. Chaidh an STUC a stèidheachadh an seo ann an 1897.

LTD

Làn-thoradh Dùthchail

Liosta nan dùthchannan a rèir LTD (CCC)

Seo an liosta nan dùthchannan a rèir LTD (Co-ionnannachd comais-cheannachd)

Medellín

Medellín (Spàinntis: IPA:[með'eˈʝin] neo [með'eˈʎin]), gu h-oifigeil Municipio de Medellín (Spàinntis) neo Baile Medellín. 'S e an dàrna baile as motha ann an Coloimbia a th' ann. Tha e suidhichte ann an Antioquia anns A' Ghleann Aburrá, fear dhe na gleanntan as fhaide air thuath na h-Andes ann an Aimearaga a Deas, 414km air falbh bho Bhogotá. Tha sluagh dhe 2.4 muillean aige. 'S e an dàrna tuineachadh as motha ann an Coloimbia a rèir an t-sluaigh a th' ann, le a barrachd air 3.2 millean duine, san àite 95 eadar na bailtean as motha na cruinne, ma thoirear a-staigh an sgìre mu a thimcheall, Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín (Area Metropolitana de Medellín).

Chaidh Medellín a stèidheachadh ann an 1616 leis an Spàinnteach Francisco Herrera Y Campuzano mar El Poblado de San Lorenzo (Tuinneachadh Naoimh Lawrence) anns an sgìre ris an canar El Poblado gus an-diugh. Ann an 1675 stèidhich A' Bhanrìgh Companach Mariana na h-Ostaire am Villa de Nuestra Señora de la Candelaria ("Baile Naoimh Mhàiri à Chandelaria").

Ann an 1826 chaidh am baile ainmeachadh mar phrìomh-bhaile na Roinne Antioquia le ùghdarrasan co-àiteachail na Spàinne. Ann an 1803 chaidh an Oilthigh Antioquia a stèidheachdh agus 's e aon dhe na h-oilthighean as buaidheach ann an Coloimbia a th' ann. An dèidh do Choloimbia an neo-eisimeileachd bhon Spàinnt a bhuanachadh, bha Medellín na phrìomh-bhaile na Stàit Feadaral Antioquia gus 1888, le èigheachd Bun-Reachd na Coloimbia ann an 1886. 'S e làrach malairteach fiùghantach bh' ann am Medellìn rè na 19mh linne, tro as-mhalairt an òir aig an toiseach, agus an uair sin tro chinneasachadh agus as-mhalairt a' chofaidh. An dèidh Cogadh na Mìle Làithean (1899 — 1902), 's e Medellín a' chiad bhaile ann an Coloimbia a ghabh pàirt anns an Tionndadh Gnìomhachais le stèidheachadh companaidhean a' chlòtha, agus pròiseactan còmhdhail mar an trèana, a mhisnich as-mhalairt, agus stèidheachadh iomadh oithighean agus sgoiltean dreuchdail, is iad a chruthaich Clas Buirdeasach Beag.

Anns a' ceathramh mu dheireadh na 20mh linne, bha prìomh àros Pablo Escobar maslach ann am Medellín, ceannard buidheann mhòr eucoirich, a bha an seachdamh duine a bu bheairte san t-saoghal tro mhalairt dhrogaichean, a-rèir aithisg bho Iris Forbes ann an 1989. 'S e "Cairteil a' Mhedellín" an t-ainm a chuir na meadhannan anns na Stàitean Aonaichte oirre, a chionn 's gun do stèidhich esan agus a chuid chompanaich an gnothach ann am Medellín. Stiùireadh Escobar cogadh ceannaircich an aghaidh Riaghaltais Choloimbia rè na 80an agus na 90an, ann an cuid gus nach fheuch na h-ùgharrasan ri a thoirt air falbh gu na Stàitean Aonaichte e. Chaidh e a mharbhadh le feachdan Phoilis Choloimbia 2 an Dùbhlachd, 1993.

Fhuair am baile a chuid fhiùghantais gnìomhachasail air ais aig toiseach na 21mh linne, le togail siostaim treànaichean ris an canar Metro de Medellín, agus le polasaidhean leasachaidh na bu shaoire, adhartasan anns an tèarainnteachd agus anns an fhoghlam, agus tro bhrosnachadh a' bhaile aig ìre eadar-nàiseanta mar cheann-uidhe turasachd.

Bheir Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín gu buil 67% an Làn Thoradh Dùthchail aig Antioquia agus 11% eaconomaidh Choloimbia. 'S e roinn chudromach a th' ann am Medellín a thaobh oilthighean, sgoiltean treànaidh, malairte, gnìomhachais, saidheans, seirbheisean na slàinte, àiteachas-flùraichean, fèisean, taighean-seinnse agus clubaichean.

Na h-Eileanan Mhaladaibh

'S e dùthaich ann an Àisia a tha anns na h-Eileanan Mhaladaibh neo Maldives

'S e buidheann de dh'eileanan a th' innte. Tha i a’ gabhail a-steach 1,192 eilean, ach tha dìreach 250 eilean ann far a bheil daoine a’ fuireach.

Tha iad suidhichte deas air na h-Innseachan anns a’ Chuan Innseanach mu 700 cilemeatair san àird an iar-dheas Sri Lanka.

'S e an dùthaich as lugha ann an Àisia a th’ ann a-rèir àireamh-shluaigh.

Tha roinn na turasachd gu math làidir anns na h-eileanan, tha 20% den Làn-thoradh dùthchail a' thighinn às a' ghnìomhachas seo. Anns a' bhliadhna 1972 b' e Bandos island resort agus Kurumba Village a chiad “tourist resort” a chaidh a thogail an seo.

Sri Lanca

'S e dùthaich eileanach ann an Àisia a Deas a tha ann an Sri Lanca neo Sri Lanka (ainm oifigeal: Poblachd shòisealach dheomacrasach Sri Lanca).

B' e Sailon (Beurla: Ceylon) an t-ainm eile a bha oirre ro 1972.

Tha i na laighe san taobh a deas air na h-Innseachan.

'S e coimhearsnachd na Sinhalese an tè as motha a th' ann. Tha an cuid as motha den mhion-shluagh chinnidheach, na Tamils, a’ fuireach ann an earra-thuath na dùthcha.

Tha Sri Lanca cliùiteach airson cofaidh agus tì, m.e.: Ceylon tea.

Leis na coilltean tropaigeach, na tràighean brèagha agus an dualchas cultarach tha an roinn turasachd gu math làidir ann an Sri Lanca.

Tha an Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa am fear as àirde a tha ann an Àisia a Deas.

Tha Sgioba nàiseanta criogaid aig Sri Lanca. Chluich iad anns a h-uile Cupa na Cruinne.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.