Galicia

'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha anns Galicia (Spàinntis: Galicia, Gailìsis: Galicia/Galiza). Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, ri taobh na A' Chuain Siar. Tha trì puirt-adhair eadar-nàiseanta ann, Vigo, Santiago de Compostela agus Corùna.[1] 'S e Galicia an 7mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 29,574.4 cilemeatair ceàrnagach, 5.8% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 2,797,653 duine de shluagh ann,[2] le dluths aig àireamh 93.78 duine gach km². A bharrachd air sin, tha dà chànain oifigeil ann: Spàinntis agus Gailìsis. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Xunta de Galiza. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige. Tha trì sgìrean annn Galicia, mar a leanas:

Sgìre Prìomh-bhaile Àireamh-shluaigh Dlùths
A Coruña Corùna 1,145,488 7,950 km²
Lugo Lugo 355,195 9,856 km²
Ourense Ourense 335,642 7,273 km²
Pontevedra Pontevedra 959,764 4,495 km²
Galicia
Galiza
Flag of Galicia Escudo de Galicia
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Localización de Galicia
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Spain.svg An Spàinn
Prìomh-bhaile Bandera de Santiago de Compostela.svg Santiago de Compostela
Roinnean A Coruña
Flag of Lugo province.svg Lugo
Provincia de Ourense - Bandera.svg Ourense
Flag of the Province of Pontevedra.PNG Pontevedra
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 29,574 km²
Àireamh-shluaigh 2,748,695 (2014)
Dlùths 92.94/km²
LTD
Stèidhichte 6 an Giblean 1981
Duilleag oifigeil http://www.xunta.gal/portada

Ceangal a-muigh

Iomraidhean

  1. Skyscanner
  2. Cunntas-sluaigh na Spàinne
A Coruña (provincia)

'S e provincia na Spàinne a tha ann an A Coruña (IPA: a koˈɾuɲa, Gàidhlig: Corùna, Spàinntis: La Coruña). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Corùna a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh A Coruña fad 7,950km² agus tha 1,147,124 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 32mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an deicheamh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Lugo agus Pontevedra. 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

A esmorga (film)

Tha A esmorga 'na fhilm dealbhachd le Ignacio Vilar a nochd ann an 2014.

Corùna

‘S e baile mòr agus port air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Corùna (Gàilisis: A Coruña, Spàinntis: La Coruña, Fraingis: La Corogne). Chaidh e a stèidheachadh ann an 1208 agus thathar dhen bheachd gu bheil e a' ciallachadh Baile na Cruinne. Tha Corùna suidhichte air Doirling, ri beulaibh a’ bhàigh Biscay, dìreach aig ìre na mara. Tha e 507km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 56km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile Ghalicia. Tha 246,056 daoine a’ fuireach ann an Corùna, an dàrna baile as motha ann an Galicia agus an 16mh baile na Spàinne. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na na Coruña a th' ann Corùna cuideachd. Fhuair am bàrd Gàidhealach Dòmhnall Ruadh Chorùna ainm bhon a’ bhaile sin.

Dhogs

Tha Dhogs 'na fhilm dealbhachd le Andrés Goteira a nochd ann an 2017.

Ferrol

‘S e baile mòr agus port cudromach dhan Chabhalach, air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann am Ferrol (Spàinntis: El Ferrol, IPA: feˈrɔl). Tha Ferrol suidhichte ann an A Coruña aig beul na h-Aibhe Grande de Xuvia aig an Loch mara Ferrol aig ìre na mara. Tha Ferrol 505km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 72km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise. Tha 74,273 a’ fuireach ann am Ferrol, an 100mh baile na Spàinne.

Francisco Franco

B' e Deachdaire na Spàinne bho 1936 gu 1975 a bh' ann am Francisco Franco y Bahamonde (Ferrol, 4 an Dùbhlachd 1892 – Madrid, 20 an t-Samhain 1975). Bha e os cionn na dùthcha bho 1939 gus a chaochail e ann an 1975. Dh’èirich e, còmhla ri oifigearan eile, an aghaidh riaghaltas laghail Dàrna Poblachd na Spàinne ann an 1936 agus fhuair e taic bhon Fhaisisteachas air feadh na Roinn Eòrpa: Chuir na Nàsaich anns a' Ghearmailt an reiseimeaid Chòndor agus stuth armachd ùr chun na Spàinne, a bharrachd air cuideachaidh a fhuaras bho na Faisitich thall san Eadailt, ri linn Cogadh Sìobhalta na Spàinne.

Jorge Robledo (ceannsaiche)

B' e saighdear às An Spàinn a bh' ann an Jorge Robledo (Úbeda, mu 1500 - La Merced, 1546). Rugadh e ann an Jaén, tè dhe na h-ochd roinnean ann an Andalusia ann an ceann a deas na Spàinne an latha an-diugh, ach chan eil cinnte againne air ceann-latha a bhreith, ach bha freumhan flaitheil aige. Phòs e aig María de Carvajal y Mendoza. Bha e na cheann-feachdan anns na cogaidhean anns An Eadailt, far an do bhuannaich na Spàinnteach. Cha robh àite aige ann an ceannsachaidhean an t-Saoghail Ùire anns an sgìre Paisa ann an Coloimbia a-mhàin. Bha e eadar an fheadhainn a rinn taisgleadh Nueva Galicia cuideachd (far a bheil sgìre mòra Mheagsago an latha an-diugh), bha e an sàs anns a' cheannsachadh Ghuatemala, Cath Cajamarca ann am Pearu, agus 's dòcha gun do dh'aontaich e fhèin leis an airm aig Sebastián de Belalcázar, is iad a' sìreadh Eldorado. Stèidhiche e Santa Fe de Antioquia.

Lugo

'S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Lugo. ‘S ann às an Laideann Lucus Augusti a th' ann an t-ainm, is bha am baile a stèidheachadh mu 25 Ro Chrìosd. 'S docha gun do stèidhich na Ròmanaich an t-ainm aca air an t-seann ainm Lugh, Dia Ceilteach. Tha Lugo suidhichte ann an Roinn Lugo, shuas air còmhnard àrd, aig 370m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Miño. Tha Lugo 492km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 81km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise. Tha 97,635 daoine a’ fuireach ann an Lugo, an 4mh baile as motha anns a' Ghàilis agus an 66mh baile na Spàinne. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Lugo a th' ann Lugo cuideachd.

Lugo (provincia)

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Lugo (IPA: luɣo). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Lugo a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghlaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh Lugo fad 9,856km² agus tha 351,530 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 25mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 38mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Astùrias, A Coruña, León, Ourense agus Pontevedra. 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Láncara

‘S e baile beag air an iar-thuath na Spàinne a th’ ann an Láncara. Tha e suidhichte ann an Lugo, eadar Lugo fhèin agus Ponferrada, 406km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha, 103km bho Chorùna, prìomh-bhaile na roinne agus 706km bho Ghranada. Tha am baile ann am meadhan na Gàilise. Tha 2,908 daoine a' fuireach anns a' bhaile, agus b' ann à seo a bha Ángel Castro y Argiz (1875 - 1956), athair Fidel agus Raúl Castro.

Mariano Rajoy Brey

'S e neach-poileataigs Spàinnteach a tha ann am Mariano Rajoy Brey (Santiago de Compostela, 27 am Màrt, 1955). Chaidh a thaghadh mar Prìomh-mhinistear na Spàinne 21 an Dùbhlachd 2011 is chaill e gluasad cronachaidh 1 an t-Ògmhios 2018 is lean an Sòisealach Pedro Sánchez e.

Ourense

‘S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Ourense (Gàilisis) neo Orense (Spàinntis). Tha Ourense suidhichte ann an Roinn Ourense, shuas air còmhnard àrd, aig 327m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Miño. Tha Ourense 403km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 83km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise. Tha 107,057 daoine a’ fuireach ann an Ourense, an 3mh baile as motha ann an Galicia agus an 61 baile na Spàinne. A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Ourense a th’ann Ourense cuideachd.

Ourense (provincia)

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ourense (IPA: owˈɾɛnse, Spàinntis: Orense). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Ourense a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh Lugo fad 7,273km² agus tha 333,257 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 36mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 39mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le León, Lugo, Pontevedra, Zamora agus A' Phortagail. 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Padrón

‘S e baile beag air an iar-thuatha na Spàinne a th’ ann Padrón. Tha e suidhichte ann an A Coruña, aig inbhir na h-Aibhnichean Sar agus Ulla, aig astar dhe 491km bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha, 73km bho Chorùna, prìomh-bhaile na roinne agus 18km bho Shantiago de Compostela, prìomh-bhaile na coimhearsnachd. Tha am baile air an àirde an iar na Gàilise. Tha 8,841 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,

Pontevedra

‘S e baile mòr agus port beag air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Pontevedra (IPA: ponte'βɛ.ðɾa). 'S ann às an ainm Laideann Pons veteris (Seann Drochaid) a th'ann ainm a' bhaile. Tha Pontevedra suidhichte ri beulaibh a’ Bhàigh Pontevedra, aig 27m os cionn ìre na mara, aig inbhir na h-aibhnichean Tomeza agus Lérez. Tha Pontevedra 465km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 51km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise. Tha 81,576 daoine a’ fuireach ann am Pontevedra, an 4mh baile as motha ann an Galicia agus an 84mh baile na Spàinne. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Pontevedra a th’ann am Pontevedra cuideachd.

Pontevedra (provincia)

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Pontevedra (IPA: ponteˈβɛ.ðɾa). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Pontevedra a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh Pontevedra fad 4,495km² agus tha 963,511 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 45mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 16mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le A Coruña, Lugo, Ourense agus A' Phortagail. 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Santiago de Compostela

Tha Santiago de Compostela (IPA: Gailìsis: [sanˈtjaɣo ðe komposˈtɛla], Spàinntis: [sanˈtjaɣo ðe komposˈtela]) na phrìomh-bhaile den comunidad autónoma de Galicia.

Shmuel Yosef Agnon

B' e sgrìobhadair Iùdhach a tha ann an Shmuel Yosef Agnon (Eabhra: שמואל יוסף עגנון). Rugadh e ann an 1888 ann am baile beag ris an canadh Buczacz, ann an Galicia, aig àm Ìompaireachd an Ostair, agus chaochail e ann an Ierusalem ann an 1970. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1966.

Slighe Fhrangach

’S e an t-Slighe Fhrangach (Spàinnis: Camino Francés, Beurla: French Way) an t-slighe as gnàthaichte de na slighean ris a theirear “Slighe Naoimh Sheumais”, seann rathaidean turasachd gu Santiago de Compostela ann an Galicia na Spàinne.

Tha an t-Slighe Fhrangach a’ tòiseachadh sa bhaile Saint-Jean-Pied-de-Port air taobh na Frainge de na Beanntan Pirineach agus a’ dol a-null tarsainn gu Roncesvalles air taobh na Spàinne. Às dèidh sin tha i a’ cumail oirre 780 cilemeatair a bharrachd gu ruige Santiago de Compostela, a’ leantainn tro na bailtean mòra Pamplona, Logroño, Burgos agus León. Feumadh i mu cheithir seachdainean co-dhiù de choiseachd, le lath no dhà saor ri linn an t-siubhail. Tha cuid ga marcachd air rothar. Tha na slighean bho thrì bailtean mòra sa Fhraing, Tours, Vézelay agus Le Puy-en-Velay a’ tighinn còmhla aig Saint-Jean-Pied-de-Port, far a bheil iad a’ sruthadh a-steach anns an t-Slighe Fhrangach.

Tha a’ cheathramh slighe ann, a thòisicheas ann an Arles ann am Provence, ach tha i seo a’ dol thairis na crìche eadar an Fhraing agus an Spàinn ann an àite eile, eadar na bailtean Somport agus Canfranc anns na Beantan Pirineacha. Tha an t-slighe seo a’ leantainn na Slighe Aragonaich, a tha a’ coinneachadh ris a’ phrìomh Shlighe ann am Puente la Reina, deas air Pamplona ann an Navarre, aig astar mu sheachd ceud cilemeatair bho Shantiago de Compostela.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.