Ferrari

'S e companaidh Eadailteach a th' ann am Ferrari a bhios a' dèanamh chàraichean agus a' gabhail pàirt ann am Formula 1.

'S iad càraichean luath daor a bhios Ferrari a dhèanamh. 'S ann ann am Maranello, An Eadailt a tha an companaidh stèidhichte.

Ann an 1939, stèidhich Enzo Ferrari Auto Avio Costruzioni agus thogadh a' chiad chàr ann an 1940. Cha b'ann gus 1947 ged-tà a nochd a' chiad chàr le suaicheantas Ferrari.

Bidh sgioba aca anns na co-fharpaisean Formula 1. On a thòisich an companaidh, tha e an sàs ann an spòrs agus a' dèanamh chàraichean-rèisidh. 'S e an aon chompanaidh a-mhàin a th' air a bhith an sàs ann am Formula 1 on thòisich co-fharpais na Cruinne ann an 1950. B'e José Froilán González a bhuannaich airon Ferrari a' chiad turas aig a' Grand Prix Bhreatainn ann an 1951.

Ferrari599 A6 1
Ferrari 599 GTB Fiorano

Ceanglaichean a-mach

Pàpa Pius XI

B' e Pàpa Eadailteach a bha ann am Pàpa Pius XI (Laideann Pius PP. XI, Desio, 31 an Cèitean 1857–Cathair na Bhatacain 10 an Gearran 1939). B' e Ambrogio Damiano Achille Ratti an t-ainm a bh' air bho thùs. Chaidh a thaghadh san 6 an Gearran 1922 mar phàpa an dèidh bàs Pàpa Beinidict XV. 'S e an 259mh fear a bh'ann.

Cuideachd ann an 1922 chaidh Benito Mussolini na dheachdair na h-Eadailte is dh'aontaich iad ris an Cùmhnant Lateran 11 an Gearran 1929.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.