Eaconomachd

Is e saidheans sòisealta a tha ann an eaconomachd a bhios ag amas a thuigsinn agus a thomhais ciamar a tha clann dhaoine a' cruthachadh beartas.

Chan urrainn do neach sam bith as aideachadh gu bheil beartas tarruinneachd, ach an sgrùdadh an ceist mu deidhinn a chruthachadh is fhearr don sgoilear cuimhneachadh nach ann an saidheans (sòisealta, nàdurra neo diadhachd) ach cruinneachadh fiosrachaidh air a chur an eagar. Is anns an eagar de sgoil-eaconomachd a dh'aithneachar na nithean a dh'aobhrachas agus na nithean a bhios aobharaichte ann an eaconomaidh ionadail neo nàiseanta.

Is ann aig deireadh an 18mh linn a chaidh sgoil-eaconomachd air stèidhicheadh, nuair a dh'fhoillsich am feallsanach ainmeil, An t-Ollamh Adam Smith a tràchd "On the Wealth of Nations". Mhinich an leabhar seo am bun-fath gur e saor-dhaoine (obair dhaoine), uidheamaichte le cuid talamh agus cuid calpa a chruitheachas beartas.

Roimhe am beachd seo, b' e am beachd cumanta gu robh am beartas a bha san t-saoghal glaiste agus mar sin cha robh ach aon dòigh a mheudaich beartas phearsanta agus sin a bhi ga chosnadh tro mhalairt. Theirear "Marcantailiseachd" ris a bhun-bheachd seo.

1944

'S e bliadhna-leum a bha ann an 1944 (MCMXLIV).

1973

MCMLXXIII

2002

MMII

Bùth

Is e a tha ann am bùth ionad far am bith ceannaiche a reic a bhathair ri luchd cleachdaidh a tha gan iarraidh a shàsaich na feuman aca fhèin. Tuigear gur e neach-malairt a tha anns an ceannaiche. Bithidh esan a' cosnadh a bheòshlaint eadar ceannaich agus reic. Bithidh esan a' ceannaich bathair "anns an tomad", aig prìs saor. Bithidh esan a reic gach aonad de bathar aig prìs daor. Their sinn "ràth" ris an difir eadar cosgais an ceannaich agus prìs an reic.

Is e a tha ann am bathar-bhòrd, bòrd fada a tha sìnte thar an ùrlar, eadar doras a' bheulaibh agus na bathair as luachmhor a tha air an cumail air sgeilpichean aig cùlaibh a' bhùth.

feòladair

fuineadair

margaid

Co-ionnannachd comais-cheannachd

'Se taisbeanair eaconomach a th’ann an Co-ionnannachd comais-cheannachd (CCC).

Duais Nobel

Is e duaisean airson saidheans agus sith a tha anns na duaisean Nobel. Thug Alfred Nobel, saothraiche nan buill-arm à Nirribhidh, airgead ann a thiomnaidh airson na duaisean a stèidheachadh, seachas duais ann an eacaonomachd, dè chuir am Banca na Suain air bonn.

Duais Nobel ann an Eaconomachd

'S e duais airson rannsachadh fior-mhath anns an roinn eaconomaidh a tha anns an Sveriges Riksbank Prize in Economic Sciences in Memory of Alfred Nobel (Suainis: Sveriges riksbanks pris i ekonomisk vetenskap till Alfred Nobels minne).

Mar is trice canar Duais Nobel ann an Eaconomachd ris agus tha e ceangailte ris an Duais Nobel, ged nach e aon de na còig Duaisean Nobel ceart a tha ann; (Fiosaig, Ceimigeachd, Leigheas, Litreachas, agus Sith) a chuir Alfred Nobel air bonn ann an 1895. Chuir am banca Sveriges Riksbank am banca nàiseanta às an t-Suain an Duais air bhonn anns a' bhliadhna 1968 agus tha e air a bhith ann gach bliadhna bhon uair sin.

Eaconamaiche

'S e eaconomaiche neach a bhios a rannsachadh, cruthachadh agus a cleachdadh smuaintean agus no teoiric bho Eaconomachd agus a bhios a sgrìobhadh mu poileasaidhean eoconomas.

Eaconomaidh

Is e a tha ann an eaconomaidh an iomlanas de cosnadh beòshlainte a tha muinntir ris, agus na daoine fa-leth a' dèanamh malairt le chèile. Chanar "eaconomaidh ionadail" ri leir-suim na gnìomhan a tha muinntir sgìreil a' gabhail fo làimhe, Chanar "eaconomaidh roinneil" ri leir-suim na gnìomhan ann an roinn dhùthaich. Chanar "eaconomaidh nàiseanta" ris an leir-suim de gnìomhan taobh a-steach ranntairean nàiseanta.

Liosta nan dùthchannan a rèir LTD (CCC)

Seo an liosta nan dùthchannan a rèir LTD (Co-ionnannachd comais-cheannachd)

Làn-thoradh Dùthchail

'S e tomhas eaconamaidh na dùthcha a th' ann Làn-thoradh Dùthchail no Làn-Thoradh Dùthchail (LTD). 'S e "Gross Domestic Product" a tha air anns a' Bheurla, "Producto Nacional Bruto" anns an Spàinntis agus "Produit National Brut" anns an Fhrangais.

Malairt

Is e a tha ann am malairt an gnìomh a bhitheas a' tachairt nuair a bhios duine a' ceannachd (rudan a tha dith orra) agus a' reic (rudan a th' aca air barrachd na tha dith orra).

Bha Adam Smith agus David Ricardo cudromach ann an eachdraidh teòiridh na mhalairt.

Milton Friedman

B' e eaconamaiche às na Stàitean Aonaichte a bha ann am Milton Friedman (31 an t-Iuchar 1912 Eabhraig Nuadh–16 an t-Samhain 2006, San Francisco, California).

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Eaconomachd ann an 1976.

Paul Samuelson

B' e eaconamaiche às na Stàitean Aonaichte a bha ann am Paul Anthony Samuelson (Gary, Indiana, 15 an Cèitean 1915–Belmont, Massachusetts, 13 an Dùbhlachd 2009). Thug e clasaichean do Virgilio Barco Vargas, a bhiodh na cheann-suidhe Choloimbia eadar 1986 agus 1990. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Eaconomachd ann an 1970.

Paul Wheelhouse

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann am Paul Wheelhouse BPA.

Rugadh e ann am Beul Feirste ann an 1970.

Bha e na oileanach aig Oilthigh Obar Dheathain far an do dh'ionnsaich e eaconomachd .

Dh'obair e mar eaconomaiche mus do thaghadh e mar BhPA airson Alba a Deas ann an 2011.

Tha e na bhall Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.

Chaidh e na Mhinistear airson Gnothachais, Tionnsgnaidh agus Lùtha san Cèitean 2016.

Riaghaltas na h-Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba uallach airson cuisean ann an h-Alba ach cumhachdan glèidhte fo chùram Westminster.

Chruthachadh e ann an 1999 agus tha e fo chùram Pàrlamaid na h-Alba. Tha am Prìomh Mhinistear na h-Alba a' stiùireadh an riaghaltais.

Chan eil roinnean aig Riaghaltas na h-Alba ach sia àrd-bhuidheannan-stiùiridh:

Ionmhas, àrd-stiùiriche Alyson Stafford

Foghlam agus Ceartas, àrd-stiùiriche Paul Johnston

Eaconomachd, àrd-stìuiriche Liz Ditchburn

Slàinte agus Cùram Shòisealta, àrd-stiùiriche Paul Gray

Coimhearsnachdan, àrd-stiùiriche Sarah Davidson

Ro-innleachd agus Cùisean Taoibh A-Muigh, àrd-stiùiriche Ken Thompson

Tionndadh Gnìomhachais

'S e atharrachadh mòr eaconomach, teicneòlach, gnìomhachasail sòisealta a bh' anns an Tionndadh Gnìomhachais.

Ghabh a' chiad Thionndadh Gnìomhais àite ann am Breatainn aig deireadh na 18mh linn agus rè na 19mh linn. Mar is tric, measar 1709 (nuair a lorg Abraham Darby gu robh gual-rosta na connadh freagaireach ri leaghadh-iarruinn) mar toiseach den raithe seo, ach laigheadh a' bhun-steidh an Sasainn re linn na ban-righ Ealasaid.

Raithe ann an Eachdraidh Breatainneach, 's an do ghearr eaconomaidh na stàite car a' mhuiltean, bho eaconamachd stèidhichte air aiteachais, ri eaconomaidh steidhichte air giollachas. An co-bhonn le seo, chrion an sluagh a bha nan comhnaidh ann am bailtean-fhearann, ach mheudaich am bloigh den shluagh a bha na comhnaidh ann am bailtean-mòra.

Tràilleachd

‘S e siostam eaconomach a th’ann an Tràilleachd, far am bithear ag ùisinneachadh nan daoine mar rudan neo seilbh, an àite mar dhaoine le còirichean. Ann an iomadh àite, bha tràilleachd stèidhichte ann an lagh. Ann an dòigh as simplidh bunaitiche ri ràdh, 's e duine sam bith a bhios ag obair airson duine eile às aonais chòirichean neo tuarastal a th' ann an tràill. Ghairmeadh ann an Coinbheinsean mu Thràilleachd a chuir Comhairle nan Nàisean an gnìomh air 25 an t-Sultain 1926 nach ann tràilleachd ach:

"... stàit neo suidheachadh anns a bheil neach fa leth fo sheilbh duine eile ... mar sin thathar dhen bheachd gur e tràill a th’ann neach fa leth nach fhaod a mhaighstir, a neach-seilbhe neo a cheannard fhàgail, ... gun chead agus thèid an tràill a thoirt air ais ma chailleas neo ma theicheas e. Feumaidh ga chumail ann an dòigh neo-fhoirmeil, tro chòrdaidhean oifigeil neo tostach leis a’ Phoileis neo ùghdarrasan eile – airson nam maighstirean cumhachdail, air sàilleabh gur e daoine beairteach aig a bheil oighreachdan a th’ annta."

Tha iomadh teacsa laghail eadar-nàiseanta air mìneachadh a thoirt dhan fhacal tràilleachd. Thuirteadh anns a' chiad artaigeil Coinbheinsean mu Thràilleachd Chomhairle nan Nàisean (1927), gur e stàit neo suidheachadh far am bithear a' làimhseachadh neo a’ dèiligeadh ris na daoine mar sheilbh a th’ ann tràilleachd". Ann an 1930 ghabh Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach (BENO) ri mìneachadh mu obair-èiginn a ghairm gur e coltach ri tràilleachd: "Tha an teirm obair-èiginn, neo obair mar dhleastanas, a’ gabhail a-steach a h-uile obair neo seirbheis a nì neach fa leth fo dhaorsa cuideigin agus obair nach do thairg an neach gu saor-thoileach". A thuilleadh air sin, tha BENO dhen bheachd gur e seòrsa thràilleachd a th' ann clann ag obair. Bithear daonnan a’ cleachdadh an fhacail tràilleachd mar argamaid phoileataigeach neo ideòlach: tràilleachd thuarastail an aghaidh Chalpachas, tràilleachd fhiosgail nam libearalach, smuaintean nan sìochantair agus nam libearalach a nì coimeas eadar seirbheis san arm agus tràilleachd, a bharrachd air tràilleachd nam beathaichean.

Wassily Leontief

B' e eaconamaiche a bha ann an Wassily Wassilyovitch Leontief (Ruisis: Василий Васильевич Леонтьев (5 an Lùnasdal 1906 Sankt Peterburg, a' Ghearmailt–5 an Gearran 1999, Eabhraig Nuadh).

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Eaconomachd ann an 1973.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.