Eabhra

'S e Eabhra prìomh-chànan nan Iùdhaich agus Iosrael. Bha an cànan air a bhruidhinn leis na seann-Iùdhaich ann an Iosrael ro agus aig àm a Bhìoball. Nuair a chuir na Baibealonaich (Babylonians) fhas do dh'Iosraidheal agus chuir iad smachd air na Iùdhaich mar thràillean, thòisich na Iùdhaich air Aramais a bhruidhinn agus cha robh Eabhra air a chleachdadh ach mar chànan co-cheangailte ri creideamh. Le breith dùthaich ùr Iosrael an 1948, rinn cuid de na Iùdhaich aonta an cànan ath-bheòthachadh mar am prìomh-chànan aca gus am b' urrainn dhaibh uile aon cainnt a chleachdadh. Tha e a-nis aig mu 6 millean mar prìomh-theanga.

Artagailean co-cheangailte

Ada Yonath

'S e Ceimigear à Iosrael a th’ ann an Ada E. Yonath (Eabhra: עדה יונת‎, IPA: ˈada joˈnat, Ierusalem 22 an t-Ògmhios 1939). Bhuannaich i an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2009, còmhla ri Venkatraman Ramakrishnan agus Thomas A. Steitz. Is i an ceathramh boireannach a choisinn an duais seo.

Aibidil Eabhra

Tha aibideil Eabhra air a cleachdadh airson Eabhra is Iùdais. Bha e bho thùs aibidil Aramais.

Aleph (Eabhra)

Tha Alef/aleph (א) na chiad litir den aibidil Eabhra. Ged a tha alpha sa aibidil Ghreugach a’ tighinn à aleph, chan eil e co-ionnan ri A gu fior, ach glottal stop. Tha “aleph” a’ ciallachadh damh (bò).

Arabais

'S e Arabais (عربي neo ‘Arabii) a th’ ann an cànan oifigeil fad 26 dùthchannan anns an Ear Mheadhanach. Tha Arabais ga bhruidhinn ann an Aildiria, An t-Siad, An Èipheit, Bachrain, Catar, Cubhait, Diobutaidh, Eartra, Ioràc, Iosrael/Pàlastain, Iòrdan, Leabanon, Libia, Moratainia, Maroco, Na h-Eileanan Chomoro, Na h-Iomaratan Arabach Aonaichte, Omàn, Saud-Aràibia, Siria, Somàilia, Sudan, Sudan-a-Deas, Tuinisia agus Iemen ann an corra àite còmhla ri cànain eile. Tha Arabais uabhasach coltach ris na cànain Seimiteach eile, mar Eabhra. ‘S e cànan ùrnaigh na h-Ioslaim a th’ann. Tha Arabais air buaidh mhòr a thoirt air mòran de chànain eile air feadh an t-saoghail tron mheadhan na h-Ioslaim: thathar ga chleachdadh airson faclan ùra a dhèanamh anns na dùthchannan Muslamaich gus an latha an-diugh. Thug e buaidh fa leth mòr air Spàinntis cuideachd is tha sinn air tòrr fhacal saidheansail faighinn bhuaithe. Tha an Arabais eadar-dhealaichte anns gach sgìre is dùthaich, ach ‘s e Arabais an Coràn, le faclan ùra, a thathar a’ leughadh is a’ sgrìobhadh anns na meadhanan agus na sgoiltean.

Arieh Warshel

'S e Ceimigear à Iosrael agus Na Stàitean Aonaichte a th' ann an Arieh Warshel (Eabhra: אריה ורשל, Kibbutz Sde Nahum, 20 an t-Samhain 1940). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2013 còmhla ri Michael Levitt agus Martin Karplus. A bharrachd air a bhith na fhear-saidheans, 's e saighdear a thug pàirt ann an Cogadh nan Sia Latha (1967) agus Cogadh Yom Kippur (1973) a th'ann cuideachd is fiù's dh'fhàs e a bhith na oifigear san arm.

Avram Hershko

'S e Bith-eòlaiche à Iosrael a th’ ann Avram Hershko (Eabhra: ברהם הרשקו‎א, Karcag 31 an Dùbhlachd 1937). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2004, còmhla ri Aaron Ciechanover agus Irwin Rose airson na h-obrach aca air ubiquitin agus a ròl ann an sgriosadh grunnan-feòla.

Beth

Tha Bet/beth (ב) na dhàrna litir den aibidil Eabhra. Tha e co-ionnan ri B sa aibidil againne. Is ann à beth a tha beta. Tha “beth” a’ ciallachadh taigh.

Dan Shechtman

'S e ceimigear à Iosrael a th' ann an Dan Shechtman (Eabhra: דן שכטמן, Gearmailtis: Schechtman, Tel Aviv 24 am Faoilleach 1941). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2011.

Heth

Tha chet/het/heth (ח) na ochdamh litir den aibidil Eabhra. Tha e co-ionnan ri “h”

Iosrael

Is e dùthaich bheag ann an Àisia a tha ann an Iosrael neo Israel, (Eabhra: יִשְרָאֵל‎, Yisra'el; Arabais: إسرائيل‎, Isrā'īl), ainm oifigeil: Stàit Iosrael. Tha crìochan aice san ear le Iòrdan, sa tuath le Leabanon, san iar-dheas leis an Èipheit agus san ear-thuath leis an t-Siria.'S e Iùdhaich a tha ann an cuid as motha de na daoine.

Iùdhachd

‘S e creideamh nan Iùdhach a th’ann an Iùdhachd bhon Eabhra Yehudah (יהודה), agus am fear as aosda nan creideamhan aig a bheil dìreach aon Dhia cuideachd. A bharrachd air sin, ‘s e fear dhe na creideamhan as sine a tha fhathast ann is tha A’ Chrìosdaidheachd agus an Islam air an stèidheachadh air ionnsachadh, beachdan is eachdraidh nan Iùdhach, gu h-àraidh tro Abraham. Cha robh stàit Iùdhach ann idir bho àm nan Ròmach gu ruige Cruthachadh Iosrael, an dèidh an Dàrna Cogaidh ann an 1948. Do na h-Iùdhaich, tha am facal Iùdhachd a’ ciallachadh creideamhan, talamh, nàisean agus cultar, a thuilleadh air còrr is 4,000 mìle bliadhna dhe eachdraidh. Bidh na h-Iùdhaich a’ dèanamh ùrnaigh ann an Sìonagoga.

Lamedh

Tha lamed (ל) na dhàrna litir dheug den aibidil Eabhra. Tha e co-ionnan ri L sa aibidil againne. Tha e càirdeil ri lambda.

Martin Karplus

'S e Ceimigear às an Ostair agus na Stàitean Aonaichte a th' ann am Martin Karplus (Eabhra: מרטין קרפלוס, Vienna, 5 am Màrt 1930). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2013 còmhla ri Michael Levitt agus Arieh Warshel. B'fheudar dhan theaghlach aige an dùthaich fhàgail ann an 1938, nuair a ràinig na Nàsaich. S' e Iùdhaich innleachdail a bh' ann na Karplus. Stiùirich Linus Carl Pauling tron dotaireachd e ann an 1953. A bharrachd air sin, tha e ainmeil cuideachd airson a' cho-aontar Karplus: J(\phi) = A \cos^2 \phi + B \cos\,\phi + C

Michael Levitt

'S e ceimigear à Iosrael agus às Na Stàitean Aonaichte a th' ann am Michael Levitt (Eabhra: מיכאל לויט, Pretoria, 9 an Cèitean 1947). Rugadh e ann an Afraga a Deas do theaghlach Iùdhach le freumhan ann an Liotuàinia. Dh' fhàg iad Afraga ann an 1962 is chaidh iad gu Sasainn far an do rinn e dotaireachd aig Oilthigh Chambridge air tRNA. Rinn e a chiad postdoc aig an Institiud Weizmann còmhla ri Shneior Lifson, a dh'imrich e agus Arieh Warsheh do Chambridge ann an 1974 far an do rannsaich iad an structar aig lysozyme. Rinn e cuideachd postdoc aig an Institiud Salk còmhla ri Francis Crick. Dh'obair e aig an Institiud Weizmann eadar 1979 is 1986 agus an sin aig Oilthigh Stanford.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2013 còmhla ri Arieh Warshel agus Martin Karplus.

Pe

Tha pe (פ neo ף aig deireadh facal) na sheachdamh litir deug den aibidil Eabhra. Tha e co-ionnan ri P sa aibidil againne. Tha e càirdeil ri pi agus phi.

Robert Lefkowitz

'S e Ceimigear às Na Stàitean Aonaichte a th' ann Robert Joseph Lefkowitz (Eabhra: רוברט לפקוביץ', Eabhraig Nuadh 15 an Giblean 1943). 'S e inimrich Iùdhaich às A' Phòlainn a bh'ann a chuid phàrantan, Max agus Rose. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2012, còmhla ri Brian Kobilka.

Shin

Tha shin (ש) na aona litir air fichead den aibidil Eabhra. Tha e co-ionnan ri S sa aibidil againne mar ann am faclan “sin”, “sean”, neo “shop” sa Bheurla 7c. Tha e càirdeil ri Ш agus Щ sa aibidil Chirillach.

Shmuel Yosef Agnon

B' e sgrìobhadair Iùdhach a tha ann an Shmuel Yosef Agnon (Eabhra: שמואל יוסף עגנון). Rugadh e ann an 1888 ann am baile beag ris an canadh Buczacz, ann an Galicia, aig àm Ìompaireachd an Ostair, agus chaochail e ann an Ierusalem ann an 1970. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1966.

Tav

Tha tav/tau/taw (ת) na dhàrna litir air fichead den aibidil Eabhra. Tha e co-ionnan ri T sa aibidil againne. Tha e càirdeil ri tau.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.