Confucius

B' e Confucius (gu tradaiseanta 28 an t-Samhain 551 RC - 479 RC) feallsanaiche ainmeil Sìonach. Bha buaidh mhòr aig a shaothair air dòigh beatha agus smaoineachadh ann an Aisia an Ear.

Confucius
Sloinneadh Sionach (姓): Zi¹ (Sìonais: ; Pinyin: Zǐ)
Sloinneadh Sionach (氏): Kong (Ch:  ; Py: Kǒng)
Given name (名): Qiu (Ch:  ; Py: Qiū)
Courtesy name (字): Zhongni (Ch: 仲尼 ; Py: Zhòngní)
Posthumous name (謚): The Ultimate Sage Master
of Yore²
(Ch: 至聖先師 ;
Py: Zhìshèng Xiānshī)
Styled: Master Kong³
(Ch: 孔子, less frequently 孔夫子;
Py: Kǒngzǐ, less fr. Kǒngfūzǐ;
WG: K'ung-tzu, less fr. K'ung Fu-tzu)
1|-
Confucius
Confucius Tang Dynasty
Beatha
Ainm slàn 孔丘
Breith Qufu, 551 BC (Julian)
Dùthaich Lu
Ciad chànan Historical Chinese
Bàs Lu, 479 BC (Julian)
Àite-adhlacaidh cladh Confucius
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra
Teaghlach
Athair Shu-liang He
Màthair Yan Zhengzai
Cèile 亓 官 氏
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Seann-Sìnis
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, neach-teagaisg agus sgrìobhadair
Àitichean-obrach Lu
Obraichean comharraichte Analects
Gluasad Confucianism
Creideamh
Creideamh Confucianism
IMDb ch0054073
Feallsanachd

‘S e sgrùdadh cheistean bhunasaich a th’ ann am feallsanachd agus tha i a’ cur ceistean mu bheò-bhith, eòlas, luachmhorachd, reusan, inntinn agus cànan.

Fidel Alejandro Castro Ruz

B’ e saighdear, fear-lagha, neach-poileataigs agus stàitire Comunnach à Cùba a bh' ann am Fidel Alejandro Castro Ruz (IPA: fiˈðel aleˈxandɾo ˈkastɾo ˈrus, Birán 13 an Lùnasdal 1926 - La Habana 25 an t-Samhain 2016).

Kofi Annan

'S e Kofi Annan (18 den Giblean 1938 - ) ceannard nan Nàisean Aonaichte. Rugadh e ann an Gàna.

Lao Zi

'S e feallsanach aosmhor ainmeil Sìonach a bha ann an Lao Zi (Sìonais: 老子, Pinyin: Lǎozǐ, a' ciallachadh "Seann Mhaighstir"; Beurla: Laozi, Lao-Tzu no Lao-Tze). Chan eil e cinnteach cuin a bha e beò: thathar ag ràdh gun robh sin ann an 6mh linn RC agus Lao Zi co-aimsireil ri Confucius, ach tha feadhainn a' smaointinn nach robh sin ach ann an 5mh no eadhon 4mh linn RC.

Stèidhich e Sgoil Tao, tè de na feallsanachdan as cudromaiche ann an Sìona. Tha e coltach gun do sgrìobh e Tao Te Ching (no Daodejing, Dao De Jing), teagsa bunaiteach na feallsanachd, leis a' bhun-bheachd wu wei - "neo-ghnìomh".

Vladimir Putin

'S e neach-poileataigs Ruiseach a tha ann an Vladimir Vladimirovich Putin (Ruiseis: Влади́мир Влади́мирович Пу́тин; rugadh 7 an Dàmhair 1952). Is e ceann-suidhe a' Chaidreachais Ruisich.

Voltaire

B’ e François Marie Arouet (IPA fʁɑ̃swa maʁi aʁuˈwe), neo Voltaire (IPA volˈtɛʁ), an t-ainm-brèige a chleachd e mar bu tric, ùghdar agus feallsanach a thug buaidh mhòr air an 18mh linn, gu seachd àraidh air cuimhne coitcheann nam Frangach. Rugadh e air an 21mh latha dhen t-Samhain 1694 ann am Paris, am baile far an do chaochail e air an 30mh latha dhen Chèitean 1788. 'S e a’ chiad cheannard na luchd-innteachail is e an sàs ag obair airson na Fìrinn, a’ Cheartais agus Saorsa na Smuain. Fhuair e an t-ainm pinn sin bho na litrichean AROUET L(e) J(eune), anagram an ainm aige, air an sgrìobhadh ann an Laideann, AROVETLI.Mar Shamhla An t-Soillseachaidh agus ceannard nam Feallsanach (Fraingis: Le Parti Philosophique), tha an t-ainm aige fhathast gu math ceangailte ris an strì ann an dà chuid an aghaidh na Gràinealachd (Fraingis: l’infâme), an t-ainm a thug e do dh’eudmhorachd chràbhach, agus airson adhartas agus ceadachas. ‘S e deist a bh' ann ged-tà, is e dhen bheachd gur e monarcachd chuimseach libearalach, air an soillearachadh leis na “feallsanaich”, an siostam na b’ fheàrr co-dhiù. Bha e dlùth air na uachdaran soillearaichte na Roinn Eòrpa aig àm an t-Soillseachaidh is ghabhadh e bràth mar bu tric air a chuid suaicheantais gus ìobairtich a dhìon bho an neo-cheadachas chràbhach agus an neo-riaghailteachas, mar eisimpleir na cùisean Calas, Sirven, Chevalier de La Barre agus Comte Lally, Dh’Fhàs e na bu chliùitiche air an sàilleabh.

Ged an do sgrìobh e iomadach rud, cha leughar an-diugh ach a chuid fheallsanachd ann an rosg: mar eisimpleir sgeulachdan agus nobhailean (‘s e Candide an leabhar as ainmeile aige), Lettres philosophiques, Dictionnaire philosophique agus na litrichean a sgrìobh e. Thathar a’ leigeil seachad a’ mhòr-chuid dhen dràma, dàn mòr agus na leabhraichean eachdraidheil a fhuair deagh chliù fad na 18mh linne. Tha e cliùiteach fhathast gus an latha an-diugh air sgàth an nòs sgrìobhaidh dreachmhor pongail ìoronasach cruaidh a bh’ aige.

Bha Voltaire còmhla ri daoine mòra fad a bheatha is e cho dèidheil air na rìghrean, gun a bhith a chuid dhìmeas taobh na daoine cumanta fhalach, ach chuir an Riaghaltas dragh airsan cuideachd: chaidh e a thoirt dhan Bhastille is b’ fheudar dha a dhol na fhògarrach gu Sasainn agus Paris fhàgail. Ann an 1749, an dèidh bàis Émilie du Châtelet, an leannan aige fad 15 bliadhna dhe càirdeas gu math stoirmeil, dh’ fhalbh e dhan Phrùis. Cha b’ urrainn dha pàirt cudromach fhaighinn ri taobh h Friedrich II na Prùise ann am Berlin, agus an ceann trì bliadhna chaidh e a-mach leis an rìgh agus dh’ fhàg e Berlin ann am 1753. An ceann greiseig chaidh e gu Délices anns an Eilbheis, faisg air Geneva, mus do cheannaich e oighreachd ann am Ferney-Voltaire dìreach air na crìochan eadar An Fhraing agus Geneva, fada às na daoine chumhachdach, ann an 1759. Dh’fhàs an oighreachd aige na bu luachmhoire agus bha Ferney àite ainmeil airson chultair anns an Roinn Eòrpa air fad. Cha do thill e gu Paris gu ruige gu 1778, is fhuair e urram le daoine a bhith a' seasamh agus a' bualadh bhasan an uair sin. Chaochail e an siud nuair a bha e 83 bliadhna a dh’ aois.Dìreach mar ghuth na "deagh amannan ann am làithean an iarainn sin" (Fraingis: «bon temps (de) ce siècle de fer!») anns an leabhar Le Mondain, bha Voltaire cho dèidheil air saimheachas agus air aoibhneas a’ bhìdh agus a’ chòmhraidh, agus bha e dhen bheachd gu robh iad, còmhla ris an dràma, na cleachdaidhean na b’ ionnsaichte anns a’ cho-chomann. Chuireadh e uallach air a chuid chomhfhurtachd shaoghalta oir gur e barantas a chuid shaorsa is neo-eisimeileachd a bh' ann. Dh’fhàs e a cho beartach tro sheilbhean baralach gum b’ urrainn dha caisteal a cheannach ann am Ferney ann an 1759, le companaich foghlaimte inntinneach a’ cèilidh air. A dh’aindeoin sin, bha e daonnan aimhreiteach agus gu math fiadhaich leis a chuid nàmhaidean, mar Jean-Jacques Rousseau.Aig àm Ar-a-mach na Frainge bhite dhen bheachd gur e ro-ruithear a bh’ ann an Voltaire agus an nàmhaid aige Jean-Jacques Rousseau, is chaidh an dust aige a thoirt dhan Panthéon ann an 1791, an dàrna fear an dèidh Honoré Gabriel Riqueti de Mirabeau. Ghlèidheadh an dìleab a leig Voltaire glè chudromach ri linne III Poblachd na Frainge is bho 1870 rachadh an t-ainm aige a chur gu rathad agus ceàrnaig ann am Paris (is beag air bheag gu cidheachan, sràidean, sgoiltean, stèiseanan trèana fo thalamh is a h-uile càil). Anns an 19mh Linn bha na sgrìobh is na smaoinich e aig cnag na cùise anns an strì eadar an fheadhainn a bha an aghaidh agus an fheadhainn a bha airson sgoiltean neo-chràbhach na Stàite, mòran na b’ fhaide na smaoinich na daoine aig àm an t-Soillearachaidh.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.