Co-chomharran an Domhain

Thoir na co-chomharran tuairisgeul air an àite far am bheilear air an t-Saoghal. Tha dà loidhne ann. Tha an domhan-fhad còmhnard agus cleachdar na co-chomharran Tuath neo Deas ris. Tha an domhan-leud dìreach, cleachdar Ear neo Iar ris.

Aiste co-cheangailte

WorldMapLongLat-eq-circles-tropics-non
Cairt an t-Saoghail a shealltainn an domhan-fhad (còmhnard) agus an domhan-leud (dìreach). Eckert VI projection; large version (pdf, 1.8MB)
Ceàrn (Matamataig)

Far an tig dà loidhne nan coinneamh, canar ceàrn ris a' bheàirn eatarra, agus gob a' cheàirn ris a' cheann chumanta aig an dà loidhne. Aig an aon àm, tha ceàrn a' ciallachadh tomhas na beàirn - mar as caoile a' bheàrn eadar an dà loidhne 's ann as lugha an ceàrn. Ach tha bun-bheachd tomhas a' cheàirn a' buntainn ri cùrsa na dara loidhne an coimeas ri cùrsa na loidhne eile. Faodar a ràdh gur ann an ceàrn na th' ann de chuartachadh mu ghob a' cheàirn, a' phuing-thionndaidh, a chuireas an dara loidhne air muin na loidhne eile.

'S e an cleachdach ann am matamataig, ceàrnan a riochdachadh ann an co-aontar le litrichean beaga aibidil na Greugais (gu h-àraidh: α, β, ζ, η, θ, ξ, φ agus ψ).

Co-chomharran

'S ann an co-chomharran a tha àireamhan a shuidhicheas puingean air plàna no ann am fànas. Tha na h-àireamhan seo a' tomhas an astair eadar an dara phuing agus puing eile a-rèir siostam cho-chomharran air choreigin. 'S e seo dòigh rianail airson gach puing a lorg bho bhun-phuing - puing àraidh anns an t-siostam bhon tomhaisear astaran no cùrsaichean. Mar eisimpleir, lorgar gach àite air uachdar an t-saoghail leis an dà thomhais - domhan-fhad agus domhan-leud. 'S e domhan-fhad an astar ceàrnach iar no ear air Meridian Ghreenwich, agus domhan-leud an astar ceàrnach tuath no deas air a' Chrios-mheadhain. 'S e bun-phuing den t-siostam seo a' phuing far a bheil Meridian Ghreenwich a' trasnadh a' Chrios-mheadhain. Tha a' chàraid, domhan-fhad agus domhan-leud, na co-chomharran de dh' àite sam bith air uachdar an t-saoghail.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.