Cìopras

Ma tha thu lorg na craoibhe, feuch sìpreis

'S e eilean is dùthaich ann an Àisia a tha ann an Cìopras[1][2][3][4] neo Cìoprus[5] neo Cuprus ((Greugais: Κύπρος (Kýpros); Turcais: Kıbrıs; Beurla Cyprus). 'S e Nicosia am prìomh-bhaile a tha aice. Tha an t-eilean ainmeil airson an sgaradh aige eadar na Grèigich is Turcaich air, ach tha coimhearsnachd mhòr air aig a bheil Beurla mar cànan màthaireil, gu h-àraid sna resorts agus bunaitean an airm.

Κυπριακή Δημοκρατία
Kypriakī́ Dīmokratía
Kıbrıs Cumhuriyeti
Flag of Cyprus
Bratach
Coat of arms of Cyprus (old)
Gearradh-arm
EU-Cyprus
Laoidh Nàiseanta
Ὕμνος εἰς τὴν Ἐλευθερίαν
Ymnos is tin Eleftherian
Hymn to Liberty
Cànan(an) oifigeil Greugais, Turcais
Prìomh-bhaile Nicosia (Lefkosia, Lefkoşa)
Baile as motha Nicosia
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Dimitris Christofias
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd

bhon Rìoghachd Aonaichte

16mh, an Lùnasdal 1960
Farsaingeachd
Iomlan 9,251 km² (167mh)
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 788,457
Dlùths 85/km² (85mh)
LTD/CCC (2007)
Iomlan $ 36.533 billean (91mh)
gach pearsa $46,865 (7mh)
Roinn tìde EET (UTC+2)
as t-samhradh EEST (UTC+3)
Ruith-airgid Euro
Prìomh àrainn-lìn .cy
Còd Àireamh fòn 357

Eachdraidh

Bha Cìopras na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1748.

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse, duilleag 391
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. The Collected Poems and Songs of George Campbell Hay
Cyprus topo
Am Muir Meadhan-thìreach

'S e cuan eadar an Roinn-Eòrpa a Deas, Àisia an Iar, agus Afraga a Tuath a tha anns a' Mhuir Mheadhan-thìreach. Nochdaidh an t-ainm cuideachd mar am Muir Meadhanach neo a' Mhuir Mheadhanach .

Arm na Breatainne

Chaidh an t-Arm Bhreatannach a stèidheachadh le aonachadh Rìoghachdan Alba agus Shasainn airson an Rìoghachd Aonaichte a chruthachadh ann an 1707. Ghabh an t-arm ùr Breatannach a-steach seann rèiseamaidean bho Alba agus Sasainn agus bha e fo riaghailt an War Office ann an Lunnainn. Bho 1963 ‘s e Ministreachd an Dìon a tha air a bhith a' riaghladh na feachdan Breatannach.

Tha 112,100 neach saighdear san arm mar saighdear làn-thìde, nam measg 3,600 Gurkha, agus tha cuideachd mu 34,000 saighdear pàirt-ùine anns an Territorial Army. Mar sin tha mu 146,000 saighdear anns an arm air fad. Tha an t-arm Bhreatannach ri lorg ann an iomadach ceàrnaidh den t-saoghal agus e gu tric a' cur saighdearan a-mach fo bhratach nan Dùthchannan Aonaichte. An dràsta, tha an t-arm ag obair ann an Cosobho, Cìopras, a' Ghearmailt, Afganastan agus iomadh àite eile.

An coimeas ris a' Chabhlach Rìoghail, na Royal Marines agus Feachd an Àir, chan eil am facal “Rìoghail” ri fhaicinn ann an tiotal an Airm. Tha seo seach gu bheil an t-Arm, gu h-eachdraidheil, fo smachd na Pàrlamaid an àite a' mhonarcachd. Chaidh an suidheachadh seo a dhearbhadh tron Bill of Rights 1689 a thuirt gum feumadh a' Phàrlamaid Arm proifeiseanta a chumail fiù 's aig amannan sìtheil.

‘S e an Ridire Richard Dannatt ceannard proifeiseanta an Airm Bhreatannaich.

Aëtius à Amida

B' e dotair agus sgrìobhadair Greugach cudromach dhan Impireachd Bheasantian a bh' ann an Aëtius à Amida (Greugais: Ἀέτιος Ἀμιδηνός, Laideann: Aëtius Amidenus, Diyarbakır, 5mh Linn/6mh Linn). Thathar dhen bheachd gur e Crìosdaidh a bh' ann o chionn 's gun do nochd dithis phears-eaglais anns an leabhraichean aige: Cyril à Alexandria (376 - 444) agus Theuderikhos (454 - 526). Fhuair e a chuid foghlaim ann an al-Iskandariyyah, san Èipheit agus shiubhail e gu Palastain agus Cìopras. Thug Galen agus Oribasius buaidh uabhasach fhèin mòr airsan. B' e Aëtius a chlàraich am facal acne (ἀκνή) airson a' chiad turais. A bharrachd air sin, sgrìobh e mu dheochan-eiridinn airson casg-breith agus casg-gin. Bha e cuideachd na lighiche pearsanta dhan Righ Justinian I.

Euro

'S e an Euro (samhla: €; còd-bhancaidh: EUR) an t-airgead oifigeil anns na dùthchannan a leanas den Aonadh Eòrpach:

A' Bheilg, Cìopras, an Eadailt, Eastòinia, Éirinn, an Fhraing, a' Ghearmailt, a' Ghrèig, an Laitbhe, Liotuàinia, Lucsamburg, Malta, An Ostair, a' Phortagail, an t-Slòbhac, Sloibhinia, an Spàinn, Suòmaidh, na Tìrean Ìsle, Còmhla, 's iad "ceàrn an euro" (Beurla: Eurozone) mar a chanas feadhainn - agus mar sin tha an Euro air a chleachdadh mar airgead airson barrachd air 300 millean neach anns an Roinn Eòrpa. Ma chunntas sinn àitean le airgead ceangailte ris an Euro tha buaidh aige air còrr is 480 millean neach 'san t-saoghal.

Iain MacAonghais

B' e aon de na sgoilearan Gàidhlig na bu chudromaiche a bh' ann an Dr Iain MacAonghais (1930). Bha ùidh mhòr aige ann an òrain thraidiseanta, beul-aithris agus cultar na Gàidhealtachd. Sgrìobh e iomadh artaigil is lèirmheas mu dhèidhinn an litreachais Gàidhlig airson irisean mar Gairm, Scottish Studies agus The Scotsman.

Nicosia

'S e prìomh-bhaile Chìoprais a tha ann an Nicosia, ainm eile: Lefkosia neo Lefkosha (Greugais Λευκωσία, Turcais, Lefkoşa)

Tha am baile suidhichte ann am meadhan na dùthcha air bruach na h-aibhne Pedieos. 'S e teas meadhan malairteach na dùthcha a tha ann an Nicosia. Tha an riaghaltas suidhichte an seo cuideachd.

Tha dà phàirt anns a’ bhaile: tha na Turcach a’ fuireach ann an taobh tuath a’ bhaile, agus na Greugach anns an taobh a deas. Tha àrainn ann eatarra a tha dìonta leis na Dùthchannan Aonaichte.

Tha mu 309,500 duine a’ fuireach anns an àrd-bhaile gu lèir.

Tha mu 224,500 duine a’ fuireach anns a’ phàirt Ghreugach, agus 84,893 duine anns a’ phàirt Turcach.

Turcais

'S e cànan Turcach a th’ ann am Turcais neo Türkçe. Tha Turcais ga bruidhinn le 50,750,020 duine anns An Tuirc agus ann an Cìopras, far a bheil i na cànan oifigeil, a bharrachd air ann an corra àite ann an Romàinia, Cosobho agus Masadoinia. Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh ann an Turcais anns an 11mh Linn. A bharrachd air sin, thathar air a bhith ga sgrìobhadh anns an Aibidil Ròmanach bho 1929, ged is e an Aibidil Arabach a bhite a’ cleachdadh roimhe làimhe.

Àisia

'S e am mòr-roinn as motha san t-Saoghal a tha ann an Àisia a-rèir talamh agus àireamh-shluaigh.

Is e seo liosta stàitean agus dùthchannan ann an Àisia a-rèir nan Dùthchannan Aonaichte. Ach tha liostaichean eile ann. Mar sin dheth, ma dh' fhaoidte gum bi diofar ann eadar ainmean nan stàitean, air neo na h-àireamhan.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.