Braisil

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann am Braisil,[1][2][3] neo Brasil[4][5] 'S e a' chòigeamh dùthaich as motha a-rèir farsaingeachd agus a-rèir àireamh-shluaigh san t-Saoghal air fad. Tha crìochan aice san tuath leis a' Bheiniseala, le Sùranam, Guidheana agus Guiana Frangach, san iar-thuath le Coloimbia, san iar le Boilibhia agus Pearu, san iar-dheas leis an Argantain agus le Paraguaidh agus san deas le Uruguaidh. Tha an Cuan Siar san ear dhith.

Tha Braisil a’ gabhail a-steach mòran eileanan cuideachd, m. e.:

  • Penedos de São Pedro e São Paulo
  • Fernando de Noronha
  • Trindade and Martim Vaz
  • Atol das Rocas
Poblachd Fheadarail Braisil
República Federativa do Brasil
Flag of Brazil
Bratach
Coat of arms of Brazil
Gearradh-arm
Location Brazil
Laoidh Nàiseanta
Hino Nacional Brasileiro (Portugalais)
Sluagh-ghairm nàiseanta
Ordem e Progresso
"Òrdugh agus Adhartas)"
Cànan(an) oifigeil Portagailis
Prìomh-bhaile Brasília
Baile as motha São Paulo
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Jair Bolsonaro
Iar-cheann-suidhe Hamilton Mourão
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Phortagail
7mh, an t-Sultain 1822
Aithnichte 29mh, an Lùnasdal 1825
Poblachd 15mh, an t-Samhain 1889
Farsaingeachd
Iomlan 8514877 km² (5mh)
Uisge 0.65 %
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 183,888,841 (5mh)
Dlùths 22/km² (182mh)
LTD/CCC (2007)
Iomlan US$1.804 trillean (8mh)
gach pearsa US$11,873 (65mh)
Roinn tìde BRT (UTC-3)
as t-samhradh BRST (UTC-2)
Ruith-airgid Real (R$)
Prìomh àrainn-lìn .br
Còd Àireamh fòn 55

Eachdraidh

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Ainm na dùthcha

Tha deasbad aig an luchd-rannsachaidh cò às a thàinig an t-ainm "Braisil". Tha cuid den bheachd gur e ainm Gàidhealach a th' ann. Tha ceangal làidir leis an ainm Í Breasail san Seann-Ghàidhlig[6][7] Bha an t-ainm sgrìobhte air mapa an t-Saoghail anns an 15mh linn. Bha na h-Èireannaich a' cleachdadh an ainm airson "Tìr nan Òg" cuideachd.

Raon Sòisio-eaconomach nam Braisil
Taisbeanair Raon 'san t-Saoghal Luach Dùthchannan Co-ionnana
Total Nominal GDP 14mh 604,855 millean USD Astrailia, An Ruis
Total PPP GDP 9mh 1,461,564 millean Int. Dollars An Eadailt, An Ruis
Per capita Nominal GDP 74mh 3,325 USD Romàinia, Doiminicia
Per capita PPP GDP 70mh 8,049 Int. Dollars Bulgàiria, Thailand
Gini coefficient 111mh 59,3 Paraguaidh, Guatamala
Clàr-innse an Leasachaidh na Daonnachd 63mh 0.792 An Ruis, Romàinia

Bailtean as motha

Bailtean eile

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Bun-chruinn-eòlas', le Dàibhidh Waugh is Tònaidh Bushell, Am Foilleachadh Gàidhlig 2004 le Stòrlann/Acair ISBN 0-86152-668-6
  6. www.irishargentine
  7. Irelandsown
  8. Geonames

Ceanglaichean a-mach

1953

MCMLIII

1973

MCMLXXIII

1977

MCMLXXVII

1979

MCMLXXIX

1982

MCMLXXXII

1986

MCMLXXXVI

8 am Màrt

'S e 8 am Màrt an 67mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich (68mh ann am bliadhna-leum). Tha 298 latha air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

A' Bheiniseala

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha anns a' Bheiniseala neo Benesuelaneo Bhenesuèla (Venezuela san Spàinntis).

'S e República Bolivariana de Venezuela an t-ainm oifigeil a th’ oirre.

Tha crìochan aice san ear le Guidheana, san iar le Coloimbia agus sa deas le Braisil.

Tha na h-eileanan Trianaid agus Tobago, Greanada, Naomh Lùisia, Barbados, Curaçao, Bonaire, Arùba, Naomh Bhionsant agus Eileanan Greanadach agus na Lesser Antilles san àird a tuath dhith anns a’ Mhuir Chairibianach.

Tha ola gu leòr ann.

Tha Caracas na phrìomh-bhaile aige.

'S e Hugo Chavez am prìomhaire an dràsda.

Aimearaga a Deas

'S e mòr-roinn a th' ann an Aimearaga a Deas , aon de na seachd mòr-roinnean, agus 's e pàirt de na h-Aimearagan. Tha an Cuan Siar air taobh an ear, agus an Cuan Sèimh air an taobh an iar, agus tha am Muir Caraibeach air an oirthir a tuath. Ged a tha Aimearaga Mheadhanach ann an Aimearaga a Tuath, san fhirinn, gu tric tha e cruinnichte le Aimearaga a Deas air sgàth gu bheil iad ann an Aimearaga Laideannach còmhla.

'S e Spàinntis a tha aig a' mhòrchuid ann an Aimearaga a Deas, ach tha Braisil a' cleachdadh Portagailis (a tha gu math càirdeil ris), agus gheibhear cànanan eile ann: cànanan Eòrpach mar Beurla, Fraingis is Duitseis, agus mòran cànanan tùsach. Ged a tha an àireamh de chànanan tùsach gu math àrd, chan eil ach dà neo trì aig a bheil mòran luchd-bruidhinn ann fhathast - Quechua (cànan Incach) is Guaranaidh (cànan oifigeil ann am Paraguaidh, agus làidir)

An Argantain

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha anns an Argantain neo Argentina (Spàinntis is Beurla: Argentina, Cuimris: Yr Ariannin).

Tha Buenos Aires na phrìomh-bhaile. Tha crìochan aice san taobh tuath le Paraguaidh agus Boilibhia, san ear-thuath le Braisil agus Uruguaidh agus leis an t-Sile san iar dheas.

Boilibhia

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann am Boilibhia neo Bolibhia (Bolivia sa Beurla). Tha crìochan aice san taobh an earra-thuath le Braisil, sa deas le Paraguaidh agus leis an Argantain agus san ear leis an t-Sile agus le Pearù.Tha La Paz na prìomh-bhaile aice, ach 's e prìomh-bhaile bun-reachdail Bhoilibhia a tha ann an Sucre.

Coloimbia

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an Coloimbia , no Colombia, agus 's e Bogotá am prìomh-bhaile aice. Tha crìochan aice leis a' Bheiniseala agus le Braisil 'san ear, Pearù agus Eacuador gu deas, Panama gu siar agus am Muir Caraibeach gu tuath. Tha an dùthaich air ainmeachadh airson Christopher Columbus a lorg an t-Saoghal Ùr. Chaidh Coloimbia a stèidheachadh ann an 1810 an dèidh dhà briseadh air falbh bho Ìmpireachd an Spàinn agus 's e Spàinntis an cànan oifigeil aice.

Liosta nan dùthchannan a rèir LTD (CCC)

Seo an liosta nan dùthchannan a rèir LTD (Co-ionnannachd comais-cheannachd)

Paraguaidh

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an Paraguaidh neo Paraguay, ainm oifigeil: Poblachd Pharaguaidh (Spàinntis: República del Paraguay, Guaranaidh: Tetã Paraguái). Tha an dùthaich suidhichte ann am meadhan Aimearaga a Deas.

Tha crìochan aice san ear le Braisil, san iar-thuath le Boilibhia agus san deas leis an Argantain. Tha an Abhainn Paraguaidh a’ ruith troimhpe.

'S e Asunción am prìomh-bhaile aice.

Portagailis

'S e cànan Innd-Eòrpach a tha ann am Portagailis, ainm eile: língua portuguesa. Thàinig e bhon chànan Laideann a bha na daoine air a bhruidhinn ann an àirde a tuath na Portagail mu 2000 bliadhna air ais.

An diugh 's e aon de na cànain as motha a tha ann air feadh an t-Saoghail. Canar gu bheil mu 280 millean duine ga bhruidhinn mar prìomh-chànan, gu h-àraid ann am Braisil.

Rio de Janeiro

'S e Rio de Janeiro (fuaimneachadh Portagailis ann an IPA: ˈhiw dʒi ʒʌˈnejɾu) an dàrna baile as motha ann am Braisil, an-dèidh São Paulo. Tha an t-ainm a' ciallachadh "Abhainn den Fhaoilteach". Tha e na laighe ann an earra-dheas na dùthcha. B' àbhaist dha a bhith na phrìomh-baile Braisil, gus an do ghluais an riaghaltas gu Brasília ann an 1960. Tha am baile ainmeil airson na traighean brèagha, m.e. Copacabana agus Ipanema agus an ìomhaigh mhòr "Cristo Redentor" (Crìosd am Fear-Saoraidh) air mullach Beinn Chorcovado. Tha an àrd-fhèill (carnival) agus fèis na bliadhna ùir (reveillon) ann an Rio de Janeiro cliùiteach air feadh an t-Saogail.

Santos Gutiérrez Prieto

B' e Santos Gutiérrez Prieto (El Cocuy, Boyacá, 24 an Dàmhair 1820 - Bogotá, Cundinamarca, 6 an Gearran 1872) stàitire, saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bho 1868 gu 1870. Fhad 's a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh am Foghmal Poblach a bhrosnachadh, chaidh na crìochan le Braisil a stèidheachadh agus chaidh a' chiad cumhnant airson a' Chanail eadar an dà chuain tro Chaolas a' Panama a rèiteachadh.

São Paulo

'S e baile-mòr faisg air Santo André ann am Braisil a tha ann an São Paulo (IPA: sɐ̃w̃ 'pawlu). Tha e na phrìomh-bhaile den stàit São Paulo. Tha e suidhichte ann an sgìre mhòr air a bheil Coille a' Chuain Shiar (Portagailis: Mata Atlântica), aig 769m os cionn ìre na mara, 123km air falbh bho Taubaté, 357km bho Rio de Janeiro, 339km bho Churitiba agus 874km bho Bhrasília, prìomh-bhaile na dùthcha.

Tràilleachd

‘S e siostam eaconomach a th’ann an Tràilleachd, far am bithear ag ùisinneachadh nan daoine mar rudan neo seilbh, an àite mar dhaoine le còirichean. Ann an iomadh àite, bha tràilleachd stèidhichte ann an lagh. Ann an dòigh as simplidh bunaitiche ri ràdh, 's e duine sam bith a bhios ag obair airson duine eile às aonais chòirichean neo tuarastal a th' ann an tràill. Ghairmeadh ann an Coinbheinsean mu Thràilleachd a chuir Comhairle nan Nàisean an gnìomh air 25 an t-Sultain 1926 nach ann tràilleachd ach:

"... stàit neo suidheachadh anns a bheil neach fa leth fo sheilbh duine eile ... mar sin thathar dhen bheachd gur e tràill a th’ann neach fa leth nach fhaod a mhaighstir, a neach-seilbhe neo a cheannard fhàgail, ... gun chead agus thèid an tràill a thoirt air ais ma chailleas neo ma theicheas e. Feumaidh ga chumail ann an dòigh neo-fhoirmeil, tro chòrdaidhean oifigeil neo tostach leis a’ Phoileis neo ùghdarrasan eile – airson nam maighstirean cumhachdail, air sàilleabh gur e daoine beairteach aig a bheil oighreachdan a th’ annta."

Tha iomadh teacsa laghail eadar-nàiseanta air mìneachadh a thoirt dhan fhacal tràilleachd. Thuirteadh anns a' chiad artaigeil Coinbheinsean mu Thràilleachd Chomhairle nan Nàisean (1927), gur e stàit neo suidheachadh far am bithear a' làimhseachadh neo a’ dèiligeadh ris na daoine mar sheilbh a th’ ann tràilleachd". Ann an 1930 ghabh Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach (BENO) ri mìneachadh mu obair-èiginn a ghairm gur e coltach ri tràilleachd: "Tha an teirm obair-èiginn, neo obair mar dhleastanas, a’ gabhail a-steach a h-uile obair neo seirbheis a nì neach fa leth fo dhaorsa cuideigin agus obair nach do thairg an neach gu saor-thoileach". A thuilleadh air sin, tha BENO dhen bheachd gur e seòrsa thràilleachd a th' ann clann ag obair. Bithear daonnan a’ cleachdadh an fhacail tràilleachd mar argamaid phoileataigeach neo ideòlach: tràilleachd thuarastail an aghaidh Chalpachas, tràilleachd fhiosgail nam libearalach, smuaintean nan sìochantair agus nam libearalach a nì coimeas eadar seirbheis san arm agus tràilleachd, a bharrachd air tràilleachd nam beathaichean.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.