Arabais

'S e Arabais (عربي neo ‘Arabii) a th’ ann an cànan oifigeil fad 26 dùthchannan anns an Ear Mheadhanach.[1] Tha Arabais ga bhruidhinn ann an Aildiria, An t-Siad, An Èipheit, Bachrain, Catar, Cubhait, Diobutaidh, Eartra, Ioràc, Iosrael/Pàlastain, Iòrdan, Leabanon, Libia, Moratainia, Maroco, Na h-Eileanan Chomoro, Na h-Iomaratan Arabach Aonaichte, Omàn, Saud-Aràibia, Siria, Somàilia, Sudan, Sudan-a-Deas, Tuinisia agus Iemen ann an corra àite còmhla ri cànain eile. Tha Arabais uabhasach coltach ris na cànain Seimiteach eile, mar Eabhra.[2] ‘S e cànan ùrnaigh na h-Ioslaim a th’ann.[3] Tha Arabais air buaidh mhòr a thoirt air mòran de chànain eile air feadh an t-saoghail tron mheadhan na h-Ioslaim: [4] thathar ga chleachdadh airson faclan ùra a dhèanamh anns na dùthchannan Muslamaich gus an latha an-diugh. Thug e buaidh fa leth mòr air Spàinntis[5] cuideachd is tha sinn air tòrr fhacal saidheansail faighinn bhuaithe. Tha an Arabais eadar-dhealaichte anns gach sgìre is dùthaich, ach ‘s e Arabais an Coràn,[6] le faclan ùra, a thathar a’ leughadh is a’ sgrìobhadh anns na meadhanan agus na sgoiltean.[7]

Arabic albayancalligraphy
Arabais ('Al Arabiya) sgrìobhte le litrichean Naskh

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

  1. CIA
  2. Phoenicia
  3. About Islam
  4. Ulaval
  5. Spanish pronto
  6. El arte de traducer
  7. Ulaval
Ahmed H. Zewail

'S e ceimigear agus ollamh às An Èipheit a th’ann an Ahmed Hassan Zewail (Arabais: أحمد حسن زويل‎, IPA: ˈæħmæd ˈħæsæn zeˈweːl, Damanhùr 26 an Gearran 1946). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1999 airson na h-obrach aige air leusairean os-luath.

Chaochail e ann an 2016.

Aildiria

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Aildiria (Arabais: لجزائر, Al Jaza'ir IPA: ɛlʤɛˈzɛːʔir; Cànan Bherber: , Dzayer IPA:ldzæjər). Ach tha ainm Gàidhlig eile oirre:

Ailgeria

Ailgear

Tìr’n Aildìr

Algeria

Ainm oifigeil: Sluagh-phoblachd Dheamocratach Aildiria'S e Aildiria an dàrna dùthaich as motha air feadh Afraga

. Tha crìochan aice san ear-thuath le Tuinisia, san ear le Libia, san ear-dheas le Nìgeir, san iar-dheas le Màili agus Moratainia agus le Maroco san iar-thuath. Tha i suidhichte air a’ Mhuir Mheadhanach. 'S e Algiers prìomh-bhaile na dùthcha.Tha mòran àitichean ann an Aildiria a tha dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO:

Al Qal'a of Beni Hammad, a ciad prìomh-bhaile aig àm Impireachd Hammadid

Tipasa, baile bho àm nam Poenicianaich

Djémila, tobhta bho àm nan Ròmanaich

Timgad, tobhta eile bho àm nan Ròmanaich

M'Zab Valley, Gleann

Tassili n'Ajjer, ruith-beanntain‘S e caisteal cliùiteach a tha ann an Casbah Aildiria.

Algiers

Is e prìomh-bhaile Algeria a tha ann an Algiers (Fraingis: Alger; (Arabais Algereach: الدزاير, Dzayer).

Tha Algiers 945km air falbh bho Rabat (Maroco), 635km bho Thunis (Tuinisia), 1,019km bho Tripoli (Libia), 1,031km bho Valletta (Malta), agus 717km bho Mhadrid (An Spàinn). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 224m os cionn ìre na mara. Chaochail Camille Saint-Saëns ann an Algiers ann an 1921.

Cànan

'S e cànan siostam a ghabhas a-steach leasachadh, togail, obair-ghlèidhidh agus cleachdadh siostaman iom-fhillte chonaltraigh.

El Aaiún

'S e am baile as motha ann an Sathara an Iar a tha ann an El-Aaiún, Arabais: لعيون, al-`ayūn, ainm eile: Laâyoune. Tha an t-ainm araibianach a’ ciallachadh: an t-earrach. Tha am baile suidhichte san earra-thuath na dùthcha. 'S e seo an co-chomharran aige:

27° 9’ 13" Tuath agus 13° 12’ 12" Iar . Anns a’ bhliadhna 2006 bha 188,084 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.

Tha am baile suidhichte faisg air a' Chuan Siar. Tha dà pàirt anns a' bhaile: an seann bhaile agus am baile ùr. Air an taobh tuath a' bhaile tha an Abhainn Saguia el Hamra (eadar-theangachadh: Abhainn dearg) a' ruith. Cha bhi an abhainn làn ach ma bhios an t-uisge ann. 'S e El Aaiun Hassan I an t-ainm air a' phort-adhair, tha e suidhichte deas air a' bhaile.

Tha El Aaiún 1,441km air falbh bho Dhakar (Senegal), 1,885km bho Algiers (Aildiria), 1,033km bho Nouakchott (Mauritania), 995km bho Rabat (Maroco), agus 318km bho Shanta Cruz (An Spàinn). Bhon bhliadhna 1976 tha am baile fo smachd Mharoco.

Elias James Corey

‘S e Ceimigear às Na Stàitean Aonaichte a th’ann Elias James Corey (Arabais: إلياس جيمس خوري, Methuen (Massachusetts) 12 an t-Iuchar 1928). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1990. Rugadh e anns Na Stàitean Aonaichte ach bhuineadh an teaghlach aige do Leabanon.

Giotàr

Tha an giotàr na inneal-ciùil mar bhainsiò, le corp cruinn air. 'S e inneal-ciùil Arabach-spàinnteach a th' ann agus 's ann às an fhacal قيثارة (qitara) ann an arabais a tha e.

Iemen

'S e dùthaich ann an Àisia a tha ann an

Iemen neo An Eaman (Arabais: اليَمَن al-Yaman), ainm oifigeil: Poblachd Iemein (Arabais: الجمهورية اليمنية al-Jumhuuriyya al-Yamaniyya).

Tha i suidhichte air an leth–eilean Arabach. Tha crìochan aice san ear le Omàn agus sa tuath le Saud-Aràibia.

Tha am Muir Arabach, am Muir Ruadh agus an Camas Aden san taobh a deas dhith.

Impireachd nan Otomanach

B' e impireachd Mhuslamach làidir a mhair bho 1299 gu ruige 1922 a bh' ann an Impireachd nan Otomanach. Chaidh a stèidheachadh le Osman I - às an tàinig an t-ainm - ann an Söğüt agus thàinig e gu crìoch tron ar-a-mach a chruthaich Mustafa Kemal Atatürk. Nuair a bha Impireachd nan Otomanach aig àrd a chumhachdan shìneadh i air feadh na Roinn Eòrpa, Afraga agus Aisia fad 5,200,000km2 (1683) agus bha 35,350,000 (1856) duine a' fuireach taobh a-staigh a cuid chrìochan.

Ioràc

'S e dùthaich ann an Àisia a tha ann an Ioràc neo Iarac neo Iraq, ainm oifigeil: Poblachd Ioràic (Arabais: جمهورية العراق (Jumhūrīyatu l-‘Irāq). Tha i suidhichte aig ceann an earra-thuath na ruith-bheanntan Zagros agus a’ gabhail a-steach pàirt den Fhasach Sirianach agus den Fhasach Araibianach. Tha crìochan aice san iar-thuath le Siria, san iar le Iòrdan, sa tuath leis an Tuirc, san ear le Ioràn agus sa deas le Cuibhèit is Aràibia na Sabhd. Tha dà abhainn mhòr ann, an Hidecel agus an Euphràtes.

Ioslam

'S e creideamh a tha ann an Ioslam (Arabais: الإسلام) a thoisich Mohammad.

Iosrael

Is e dùthaich bheag ann an Àisia a tha ann an Iosrael neo Israel, (Eabhra: יִשְרָאֵל‎, Yisra'el; Arabais: إسرائيل‎, Isrā'īl), ainm oifigeil: Stàit Iosrael. Tha crìochan aice san ear le Iòrdan, sa tuath le Leabanon, san iar-dheas leis an Èipheit agus san ear-thuath leis an t-Siria.'S e Iùdhaich a tha ann an cuid as motha de na daoine.

Maroco

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Maroco, ainmean eile: Morogo neo Moroco.Tha i suidhichte aig a’ Chuan Siar agus a’ Mhuir Mheadhanach. Tha crìochan aice le san ear le Aildiria agus 'sa tuath leis an Spàinn.

Bruidhnidh iad Arabais is Berber ann am Maroco. 'S e Rabat prìomh-bhaile na dùthcha.

Bailtean mòra eile ann am Maroco -

Casablanca

Marrakesh

Mogadishu

'S e prìomh-bhaile Shomàilia a tha ann am Mogadishu (IPA: mogaˈdɪʃu, Arabais: مقديشو , Cànan Shomàilia: Muqdisho) Tha e suidhichte anns a’ ceàrn Benadir aig a’ Chuan Innseanach. Mar sin dheth tha port-mara cudthromach aige bho linntean. Tha Mogadhishu 1,069km air falbh bho Addis Ababa (An Aetiòp), 1,635km bho Asmara (Eartra), 1,557km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 2,059km bho Khartoum (Sudan), 1,021km bho Nairobi (Ceinia) agus 1,087km bho Dhijbouti. Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, aig 39m os cionn ìre na mara. Anns a’ bhliadhna 2006 bha mu 1.700.000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. 'S e seo an co-chomharran aige: 2° 4' Tuath agus 45° 22' Ear.

Naguib Mahfouz

B' e Naguib Mahfouz (نجيب محفوظ) sgrìobhadair às an Èipheit a sgrìobhadh ann an Arabais. Rugadh e ann an Cairo ann an 1911 agus chaochail e an siud fhèin ann an 2006. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1988.

Rabat

'S e Rabat prìomh-bhaile Mharoco (Arabais: الرباط, - ar-Rabāṭ, neo ar-Ribāṭ). Anns a’ bhliadhna 2007 bha mu 1.7 millean duine a’ fuireach ann. Tha am baile suidhichte air a' Chuan Siar aig inbhir Abhainn Bou Regreg. Tha Rabat 1,570km air falbh bho Thunis (Tuinisia), 946km bho Algiers (Aildiria), 1,857km bho Tripoli (Libia), 995km bho El Aaiún (Sathara an Iar), agus 776km bho Mhadrid (An Spàinn). Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 24m os cionn ìre na mara.'S e Rabat an dàrna baile as cudthromaiche den dùthaich às dèidh Casablanca. Chaidh am baile a stèidheachadh mar thuineachadh anns an 3mh linn RC. B’e Chellah an t-ainm a bha air aig an àm. Anns a' bhliadhna 40 AD bha am baile fo smachd nan Ròmanach, an uair sin (250 AD) fo smachd nam Berber.

Chaidh ainm a’ bhaile atharrachadh gu Ribatu l-Fath (a’ ciallachadh: "daingneachd a' bhuaidh-làraich,"). Thàinig an t-ainm Rabat bhon ainm sin. Chaidh Tùr Hassan, neo Tour Hassan (Arabais: صومعة حسان) a thogail anns a’ bhliadhna 1195. Mhiannaich an Sultan Yacoub al-Mansour am minaret agus am mosg as motha air feadh an t-Saoghail a thogail. Ach chuir bàs an t-Sultan stad air an obair.

Sudan

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Sudan

ainm eile: Sudàn neo an t-Sudan

(Arabais: السودان, as-Sūdān), ainm oifigeil: Poblachd Shudan.

'S e Sudan an dùthaich as motha ri taobh farsaingeachd a tha ann an Afraga.

Tha crìochan aice 'sa tuath leis an Èipheit, san ear le Ertra agus An Itiop, san earra-dheas le Ceinia agus Uganda, 'sa deas le Sudan a Deas agus Poblachd Meadhan Afraga, san iar leis an t-Siad agus le Libia san iar-thuath.

Thàinig an t-ainm Sudan bhon fhacal Arabais: Bilad-al-sudan. Tha sin a’ ciallachadh: Dùthaich nan daoine dubha.

Tuinisia

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an

Tuinisia neo Tunisia (Arabais: تونس , Tūnis),

Ainm oifigeil: Poblachd Tuinisia, (Arabais: لجمهورية التونسية).

Tha i suidhichte air a’ Mhuir Mheadhanach. Tha crìochan aice san iar le Aildiria agus san earra-thuath le Libia.

'S e fàsach a tha ann an 40% den dùthaich.

Tha Tunis na prìomh-bhaile.

Tunis

'S e prìomh-bhaile Thuinisia a tha ann an

Tunis (Arabais: تونس, Tūnis). Anns a’ bhliadhna 2004 bha 728,453 a' fuireach anns a’ bhaile fhèin.

Tha Tunis suidhichte air an ear-thuath na dùthcha air Gulf of Tunis, pàirt den Mhuir Mheadhanach. Tha Tunis 1,570km air falbh bho Rabat (Maroco), 635km bho Algiers (Aildiria), 514km bho Tripoli (Libia), 401km bho Valletta (Malta), agus 600km bhon An Roimh (An Eadailt).Tha an seann bhaile Carthage dìreach taobh tuath Tunis. Ann am meadhan a’ bhaile Thunis tha seann pàirt ann ris an canar Medina. Tha Medina dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO. Tha Medina a’ gabhail a-steach mòran lùchairtean, mosgan, mausoleums, agus togalachan tùsail eile.

Seo cuid dhiubh:

Great Mosque (a’ gabhail a-steach an Muslim University agus an leabharlann )

Aghlabid Ez-Zitouna Mosque ("Mosque of the Olive") a chaidh a thogail anns a’ bhliadhna 723 le Obeid Allah Ibn-al-Habhab

Dar-al-Bey, neo Lùchairt BeyAir an taobh eile den Bab el Bahr (ainm eile:Sea Gate neo Porte de France),

tha am baile nua-aimsireil neo an Ville Nouvelle (Fraingis). 'S e teas meadhan poileataigeach agus cridhe malairteach a tha ann. Tha port-adhair eadar nàiseanta faisg air a’ bhaile: Tunis-Carthage International Airport.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.