Aonach

B’e aonach seòrsa beinne neo mòinteach. Se aonach ainmeil a tha ann an Aonach Mòr faisg air Beinn Nibheis. Dh’ath-ainmich cuid “Nevis Range” air sgàth nach robh a’ Ghàidhlig freagarrach dhaibh.

A' Chairtbheil

Is e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa an Ear neo ann an Àisia an Iar a tha sa Chairtbheil neo Seòirsia neo Grusia neo Georgia. Tha an Ruis ann an taobh tuath, Asarbaidean san iar agus ann an taobh a deas tha an Tuirc agus Airmeinia. Mar sin tha a' Chairtbheil eadar na Roinn-Eòrpa agus Àisia.

Tha eachdraidh na dùthcha inntinneach, a chionn ’s gun robh daoine a’ fuireach anns an àite seo gun stad bho 2000 ro Chrìosda. Aig an àm sin bha rìoghachd Colchis agus Iberia ann, a bha a’ leantainn do rìoghachd a' Chairtbheil anns na Meadhan-Aoisean.

An dèidh 1922 bha iad pàirt den Aonadh Sobhiat. Ann an 1991 nuair a bhris an Aonach Sobhiat às a chèile, stèidhich a' Chairtbheil an dùthaich aca fhèin a-rithist mar stàit neo-eisimeileach.

Tha Tbilisi na prìomh-bhaile.

Rugadh Iosif Stalin sa Chairtbheil.

An Teallach

'S e beinn ann an Dùn Dòmhnaill air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns an Teallach. Tha e 1062m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. 'S e beinn mhòr le 9 mullaich a th' ann agus tha dà bheinn rothaich air, Bidean a' Ghlas Thuill (1062m) agus Sgùrr Fiona (1060m). Air druim an ear-dheas tha Sàil Liath (954m), Stob Cadha Gobhlach (960m), Corrag Bhuidhe (1049m), Berkeley's Seat (1030) agus Sgùrr Fìona (1060m). Air druim an iar tha Sgùrr Creag an Eich (1017m). Air druim an ear air taobh tuath an locha, tha Glas Mheall Liath (960m) agus Bidean a' Ghlas Thuill (1062m). Nas fhaide tuath tha druim eile le Glas Mheall Mòr (979m) agus Sròn a' Choire (863m).

Leis gur e Aonach de mòran bheanntan a th' ann a tha glè fhaisg air a' chèile, tha coltas dùin air a' bheinn. Tha teallach a' ciallachadh àite teine aig a' ghobhann agus dh'fhaodadh cruth na beinne seo a bhith coltach ris.Mar as trice bithear a' dèanamh air a bheinn seo bho Dhùn Dòmhnaill agus a' leantainn na slighe gu Achadh an Iasgair, ach a' dìreadh Sàil Liath. Bithear an uair sin a' leantainn an droma gu Sròn a' Choire agus a' cromadh air ais gu Dùn Dòmhnaill

.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air beanntan Achadh an Iasgair, Thoirbheartain, Na Fanaichean, air an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar.

An t-Aonach Eagach

'S e aonach beinne ann an Gleann Comhann air Gàidhealtachd na h-Alba a th' anns an Aonach Eagach. Tha deich mullaichean air, dà dhiubh nam Beanntan Rothaich: Meall Dearg agus Sgorr nam Fiannaidh.

Tha an druim a' sìneadh bho thaobh an ear gu taobh an iar, agus tha e eadar Loch Lìomhann agus Devil's Staircase, air taobh tuath Ghleann Comhann.

Aonach Meadhoin

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Aonach Meadhoin. Tha e 1,001m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile mar phàirt de Dhruim nam Bràithrean.

'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap Aonach Meadhoin, a bhith ga cheangal leis an dà bheinn eile, Sgùrr a' Bhealaich Dheirg agus Sàileag a tha san taobh an iar dheth. Mar as trice bithear a' tòiseachadh bho Chluanaidh agus a' dèanamh air Bealach na Lapain. Mus ruigear Aonach Meadhoin, ruigear Sgùrr Fhuarail a tha 918m de dh'àirde ach nach eil na Beinn Rothaich. Ma nìthear e mar seo gheibhear sealladh iongantach air na Còig Peathraichean agus an Eilean Sgitheanach.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Aonach Thailteann

'S e fèis lùth-chleasan àrsaidh a bh' ann an Aonach Thailteann (no Áenach Tailteann ann an Seann Ghaeilge) ann an Èirinn. Chaidh an cumail eadar 632 RC agus 1169/1171 AD gus urram a thoirt do Thailtiu ach chrìon iad is chaidh iad à bith ri linn tìr-ghabhail nan Normanach.

Tha e ainmichte ann an Trecheng Breth Féne, làmh-sgrìobhainn às an 9mh linn far a bheil e ag innse gu bheil trì aonaich ann an Èirinn: Trí óenaig hÉrenn: óenach Tailten, óenach Crúachan, óenach Colmáin Ela.

Aonach air Chrith

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Aonach air Chrith. Tha e 1,021m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile.

Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 bho thaigh-òsta Chluanaidh. Bidh cuid ga cheangal le Creag a' Mhàim agus Maol Chinn-Dearg agus a' cromadh air Druim Coire nan Eirechanach, air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde .

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.

Bidean nam Bian

'S e beinn mhòr no aonach ann an Gleann Comhann air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Bidean nam Bian. Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon iar-thuath dhan ear-dheas, agus tha ceithir mullaichean air: Bidean nam Bian (1,150m) agus Stob Coire Sgreamhach (1,072m) air an druim, agus 's e Beanntan Rothaich a th' anns na dhà, agus Stob Coire an Lochain agus Stob Coire nam Beith san tuath den druim. Tha a' bheinn san deas air an rathad A82 tro Ghleann Comhann.

Dh'fhaodadh gun robh an t-ainm a' tighinn bho thùs bho Bhidean nam Beann..

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A82 agus a' dìreadh tro Coire an Lochan, suas dhan druim. Bidh a' mhòrchuid a' dìreadh an dà Bheinn Rothaich agus a' cromadh tro Coire Gabhail, The Lost Valley sa Bheurla.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Buachaille Èite Mòr, An t-Aonach Eagach, Beanntan Ceann Loch Lìobhann, Beinn Nibheis, Loch Lìobhann agus am Blackwater Reservoir.

Buachaille Èite Beag

'S e beinn mhòr no aonach ann an Gleann Comhann air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Buachaille Èite Beag, Beurla: Buachaille Etive Beag. Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon ear-thuath dhan iar-dheas. Tha dà Bheinn Rothaich air: Stob Coire Raineach (925m) agus Stob Dubh (958m). Tha e suidhichte san deas air an rathad A82 tro Ghleann Comhann agus san iar de Bhuachaille Èite Mòr. Tha mullach eile air, eadar an dà mhullach eile, a tha 902m de dh'àirde.

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A82, agus a' dìreadh bhon iar-thuath dhan bhealach eadar an dà bheinn. Dh'fhaodadh an uair sin an dà bheinn a shreap agus tilleadh an aon rathad.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Buachaille Èite Mòr, Bidean nam Bian, An t-Aonach Eagach, Beanntan Ceann Loch Lìobhann, Beinn Nibheis, agus am Blackwater Reservoir.

Buachaille Èite Mòr

'S e beinn mhòr no aonach ann an Gleann Comhann air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Buachaille Èite Mòr (Beurla: Buachaille Etive Mor). Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon ear-thuath dhan iar-dheas. Tha dà Bheinn Rothaich air: Stob Dearg (1,021m) agus Stob na Bròige (956m). Tha trì mullaich eile air, Stob Coire Altruim (941m), Stob na Doire (1,011m) agus mullach a tha gun ainm anns a' mhapa, a tha 902m de dh'àirde. Tha Stob Dearg ainmeil am measg luchd-streap agus bidh iad a' streap diofar slighean air taobh tuath na beinne, mar eisimpleir Crowberry Ridge agus Curved Ridge. Tha a' bheinn san deas air an rathad A82 tro Ghleann Comhann agus san iar air an rathad tro Ghleann Èite. Tha a h-aghaidh ainmeil agus a' nochdadh ann an iomadh dealbh den ghleann.

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A82 aig Allt na Feadh, agus a' dìreadh Coire na Tulaich. dh'fhaodadh an uair sin dìreadh an dà Bheinn Rothaich, tilleadh dhan bhealach agus cromadh tro Coire Altruim.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Buachaille Èite Beag, Bidean nam Bian, An t-Aonach Eagach, Beanntan Ceann Loch Lìobhann, Beinn Nibheis, agus am Blackwater Reservoir.

Còig Peathraichean Chinn Tàile

'S e aonach beinne ann an Cinn Tàile a th' ann an Còig Peathraichean Chinn Tàile, Beurla: Five Sisters of Kintail. Cha robh an t-ainm sin anns a' Ghàidhlig bho thùs , ach sa Bheurla 's e cruth an droma mar a chìthear e bho Ratagan thairis air Loch Dubhthaich a thug an t-ainm dhan aonach, le còig beanntan ag èirigh gu soilleir bhuaithe. A rèir beul-aithris 's e còig bana-phrionnsaichean a bh' ann a dh'atharraich gu creag fhad 's a bha iad a' feitheamh air còig prionnsaichean Lochlannach a phòsadh iad, ach nach tàinig a-riamh.

Tha an druim a' sìneadh bho thaobh an ear gu taobh an iar air eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich, taobh tuath Ghleann Seile agus an rathad A87. San àrd an ear dheth tha Druim nam Bràithrean, a bheir an druim gu ceann aig Cluainidh.

Ged a tha barrachd na còig mullaichean air an druim seo, 's iad na mullaich Sgùrr nan Spàinteach, Sgùrr na Ciste Duibhe, Sgùrr Fhuaran, Sgùrr nan Saighead agus Sgùrr na Mòraich a chruthaicheas na còig peathraichean. Tha trì beanntan Rothaich air an druim: Sgùrr na Ciste Duibhe, Sgùrr Fhuaran agus Sgùrr na Càrnach.

Druim nam Bràithrean

'S e aonach beinne ann an Cinn Tàile a th' ann an Druim nam Bràithrean, Beurla: Brothers Ridge. Cha robh an t-ainm sin anns a' Ghàidhlig bho thùs, ach leis gu bheil na Còig Peathraichean san iar den druim seo, thàinig an t-ainm seo gu bith. Thathar a' bruidhinn mu na trì bràithrean, a' ciallachadh na trì Beanntan Rothaich air an druim: Aonach Meadhoin, Sgùrr a' Bhealaich Dheirg agus Sàileag. Tha mullach eile air an druim, Sgùrr an Fhuarail, dhan àird an ear bho Aonach Meadhoin.

Tha an druim a' sìneadh bho thaobh an ear gu taobh an iar air eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich, taobh tuath Ghleann Seile agus an rathad A87. Tha e a' ceangal ris na Còig Peathraichean san àird an Iar.

Gilleasbuig Grannda

B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Gilleasbuig Grannda (Archibald Grant se Bheurla) à Aonach, Gleann Mhoireasdan. Rugadh e ann an 1785, agus bha e fhathast beò ann an 1863. Bha e càirdeach ri Sìleas na Ceapaich.

Gleann Nibheis

ʼS e gleann ann an Loch Abar a tha ann an Gleann Nibheis. Tha baile An Gearasdan aig a bhun, agus tha am bad bheanntan as àirde ann am Breatainn air taobh aʼ tuath aʼ ghlinne: Beinn Nibheis, Càrn Mór Dearg, Aonach Mór, and Aonach Beag.

Aʼ leantainn suas an gleann, aʼ siubhail gu deas bhon Gearasdan, tha an gleann ʼna shrath beag an toiseach, le àite campaidh agus òstail-òigridh. Tha rathad poblach aʼ dol 10 km suas an gleann. An déidh 7 km tha uileann sa ghleann; tha an gleann aʼ tionndadh dhan àird an ear agus tha an rathad aʼ tionndadh ʼna rathad singilte. An déidh pàirc nan càraichean aig ceann aʼ rothaid, tha an gleann ʼna shloc fad 2 km, agus the ceum coise rud beag doirbh ga leantainn gu ruige an gleann uachdarach a car sìtheil. Tha an ceum coise còmhla ri Beinn Nibheis fhéin fo chùram Urras Iain Muir. An seo aig toiseach aʼ ghlinne uachdair tha drochaid uèire tarsainn na h-abhainne, an t-Uisge Nibheis, tha bothan glaiste aig an luchd-sreap a bha roimhe ʼna thaigh cìobair, agus tha fear de na h-easan as àirde ann am Breatainn, An Steall. ʼS e Steall a theirear cuideachd ris aʼ bhothan.

Maol Chinn-Dearg

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Maol Chinn-Dearg. Tha e 981m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile. Tha beinn eile le ainm coltach ris, Maol Cheann-Dearg, eadar Achadh na Seileach agus Toirbheartan.

Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 suas Druim Thollaidh. Bidh cuid ga cheangal le Aonach air Chrith, air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.

Sgùrr Fhuaran

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr Fhuaran. Tha e 1,067m de dh’àirde agus ’s e a' Bheinn Rothaich as àirde anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile.

Dh'fhaodadh gu bheil an t-ainm a' ciallachadh gu bheil fuarain an sin, ach tha e aithnichte gu h-ionadail mar Sgùrr Ùrain, a dh'fhaodadh a bhith na h-ainm pearsanta, air neo dh'fhaodadh gur e odhar-choin as ciall dha.

'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap na còig beanntan ann an streath bho Bhealach na Lapain gu Allt a' Chruinn. Tha e comasach cuideachd cromadh air druim an iar Sgùrr Fhuaran air ais gu Gleann Seile.Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Sgùrr na Càrnach

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Càrnach. Tha e 1,002m de dh’àirde agus ’s Beinn Rothaich anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile a th' ann Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile. Tha e eadar Sgùrr Fhuaran agus Sgùrr na Ciste Duibhe air an druim.

Cha b' e Beinn Rothaich a bh' ann bho thùs, leis gun robhar ga fhaicinn a-mhàin mar dàrna mullach de Sgùrr Fhuaran. Ach chaidh a h-ainmeachadh mar Beinn Rothach ann an 1997.

'S e an dòigh as fheàrr a bhith ga dhìreadh mar phàirt den aonach air fad. Tha corra ceum doirbh ann air cromadh bhon mhullach air pìos goirid creagach casBhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Sgùrr na Mòraich

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Mòraich. Tha e 876m de dh’àirde agus 's e a' bheinn as fhaide dhan iar anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile. Tha e suidhichte os cionn Loch Dubhthaich agus Allt a' Chruinn. Tha e cudromach airson cruth na tìre a chruthaicheas na Còig Peathraichean.

Mar as trice 's i a' bheinn mu dheireadh a dhìricheas daoine air an t-slighe thairis air an aonach, ach gu tric fàgar às i, air sgàth 's nach e Beinn Rothaich a th' ann agus gu bheil slighe mhath sìos bhon bhealach eadar Sgùrr na Mòraich agus Sgùrr an t-Searraich air ais gu Allt a' Chruinn. Ach tha na seallaidhean air leth bhon mhullach seo, oir chithear an t-Eilean Sgitheanach cho math ri beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Sliabh

'S e sliabh, aonach ìseal leathann.

Sàileag

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sàileag. Tha i 956m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile mar phàirt de Dhruim nam Bràithrean.

'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap Sàileag, a bhith ga cheangal leis an dà bheinn eile, Sgùrr a' Bhealaich Dheirg agus Aonach Meadhoin bho Chluanaidh gu Bealach na Lapain. Ma nìthear e mar seo gheibhear sealladh iongantach air na Còig Peathraichean agus an Eilean Sgitheanach.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.