A' Chàisg

'S e a’ Chàisg an fhèis as cudthromaiche ann am bliadhna na h-Eaglaise Crìosdail. Is e seo an latha air a bheil muinntir na h-Eaglaise a’ còmharrachadh aiseirigh Ìosa Crìosd.

Bidh ceann-latha na Càisge ag atharrachadh gach bliadhna. 'S e Di-Dòmhnaich an dèidh na ciad gealaiche làin as t-Earrach nuair a bhios a’ Chàisg ann. Mar sin bidh i ann eadar 22mh am Màirt agus 25mh an Giblean.

Grunewald - christ
Dealbh altair bho Matthias Grünewald

Ainm

Nuair a bithear a’ coimhead air an ainm "Càisg" anns na cànanan diofraichte, chithear gu bheil dà sheòrsa ann, ainmean ceangailte ri “Pessach” agus ainmean ceangailte ri “Ostern/Easter”.

Tha dlùth-cheangal ann eadar an fhèis Chrìosdail agus an fhèis mhòir Iùdhaich “Pessach”. Dh’atharraich am facal Ebhra Pessach gu Pascha sa Ghreugais agus gu Laidinn. Ann an tòrr chànanan Eòrpach cleachdar ainmean a tha ceangailte ris an fhacal Laidinn, mar eisimpleir canar la Pascua san Spàinntis neo Pasqua san Eadailtis, påsk san t-Suainis, Ruiseis: Пасха (= Pas-cha) ris an fhèis seo.

'S e an aon rud anns na cànanan Breatannach. Canar Pasg ann an Cuimris agus Pask ann am Breatainnis agus ann an Còrnais. Chaidh am facal Breatannach iosaid bhon Laidinn, agus chun na Gàidhlige Àrsaidh, agus am fuaim /p/ air atharrachadh gu Q /kw/ (an Linn Oghaim). Dh'atharraich am fuaim /kw/ gu /k/ ro àm na Seanghaeilge, mar sin ‘s e Càisg ann an Gàidhlig, Cáisc sa Gaeilge agus Caisht ann an Gàidhlig Mhannain.

Ostara
Ostara, dealbh às an 19mh linn

Tha cùisean rud beag eadar-dhealaichte leis an ainm “Ostern” anns a' Ghearmailtis neo “Easter” sa Bheurla.

A-rèir an Duden (faclair briathrachas na Gearmailtis) thàinig an t-ainm Ostern bhon Seann Ghearmanais Austrō a tha a’ ciallachadh "Morgenröte" (dearg na maidne). Is dòcha gum b’ e fèis Ghearmanach aig tòiseach an Earraich a bha ann airson ùrram a thoirt do dh’ Ostara (neo Ēostre sa Bheurla), ban-dhia phaganach. Nochd am facal "Ēostra" sa’ chiad turas sa bhliadhna 738 aig Beda Venerabilis, manach is eachdraiche à Northumbria. Bha esan den bheachd gun robh na seann tràdaiseanan timcheall air Ostara agus ainm mios a’ Ghiblein (Ēosturmanoth aig an àm seo) ceangailte ri chèile.[1][2] Sgrìobh e:

„Eostur-monath, qui nunc paschalis mensis interpretatur, quondam a dea illorum, quae Eostrae vocabatur, et cui in illo festa celebrabant, nomen habuit; a cuius nomine nunc paschale tempus cognominant, consueto antiquae observationis vocabulo gaudia novae solemnitatis vocantes“.[3] (Eostur-monath has a name which is now translated Paschal month, and which was once called after a goddess of theirs named Eostre, in whose honour feasts were celebrated in that month. Now they designate that Paschal season by her name, calling the joys of the new rite by the time-honoured name of the old observance.)

Ged nach eil na h-eachdraichean cinnteach idir, idir san latha-diugh an robh ban-dhia le ainm Ostara riamh ann neo nach robh, tha sin a’ sealltainn gun robh tòrr de na seann tràdaiseanan paganach a’ tighinn a-steach don chreideamh Chrìosdail.

Dh’atharraich an t-ainm "Ēostra" an uair sin ann an Seann Àrd Ghearmailtis gu ôstarun agus ann an Seann Bheurla gu Ēastre. Ged a chleachdadh an t-ainm pāsche timcheall air Köln anns a' Ghearmailt, bha buaidh mhòr le Bonifatius, àrd-easbaig Mhainz, a bha a’ cleachdadh ôstaruna a-rèir an tràdaisein aige-san. Tro na linntean dh’atharraich am facal a-rithist gu Ostern anns a' Ghearmailtis agus gu Easter ann am Beurla.

Cleachdaidhean anns a’ chreideamh Chrìosdail

A-rèir nan eaglaisean Crìosdail tha a' Chàisg a' tòiseachadh tràth sa mhadainn, nuair a chunnaic na boireannaich an uamh fhalamh. Tha e sgrìobhte anns a' Bhìoball: "Agus thàinig iad gu ro mhoch air madainn a’ cheud là de’n t-seachduin chum na h-uaighe, aig éirigh na greine". [4] Mar sin bidh aifreannan na Càisge a’ tachairt oidhche Di-Dòmhnaich (uaireannan oidhche Shathairne) neo aig èirigh na grèine Di-Dòmhnaich. Mar as trice thèid teine beag a losgadh air beulaibh na h-eaglaise, far an losgar coinneal na Càisge mus tèid an luchd creideamh a-steach dhan eaglais. Le coinneal na Càisge bidh an sagart a’ coisrigeadh an uisge-choisrigte ùir anns an aifreann.

Tha èirigh na greine na phàirt cudthromach ann an tradaisean na Càisge. Anns a’ chreideamh Chrìosdail 's e ìomhaigh a th’ ann gum bi a h-uile duine ag èirigh an dèidh bàis. Tha e a’ nochdadh ann an òrain na h-eaglaise neo ann an dealbhan cuideachd.

Ach tha Uan na Càisge, ìomhaigh na Càisge eile, a’ sealltainn a cheangail ris a’ chreideamh Iùdaich. Tha Uan na Càisge a thoirt dhuinn cuimhne air an tradaisean Iùdaich uan ìobradh aig fèis Phessaich.

Cleachdaidhean tradaiseanta

Teine na Càisge

Osterfeuer
Teine na Càisge anns a' Ghearmailt

'S e turlach mòr a tha ann an "Teine na Càisge" a thèid a losgadh oidhche na Càisge. Tha e gu math cumanta anns a' Ghearmailt, anns an Òlaind, anns an Danmhairg is anns an t-Suain agus anns na dùthchannan anns na h-Alpanan.

Cruinneachear fiodh, craobhan, sgudal às na gàrraidhean is seann chraobhan na Nollaige agus nithear cruach mhòr. Uaireannan cuirear ban-bhuidseach à sràbh oirre. Bidh muinntir na coimhearsnachd a' coinneachadh ri chèile, mar as trice bidh iad ag òl leann neo fìon teth agus bidh rudeigin ri ithe ann cuideachd (brot neo isbeanan). Uaireannan tha co-fharpais ann eadar na bailtean beaga air feadh nan coimhearsnachdan cò aig a tha a’ chruach as motha.

Mar as trice thèid an teine a losgadh oidhche Shathairne ro Di-Dòmhnaich na Càisge. Ach tha àitichean eile ann far am bi an teine a’ losgadh Di-Dòmhnaich neo Di-Luain na Càisge.

Tha an tràidisean gu math sean, tha cladhaichean anns an Eilbheis agus anns an Damhairg a’ sealltainn gun robh àitichean-teine ann a chaidh a chleachdadh anns an aon dòigh mar aig Linn an Uamha.

Tha na eachdraichean den bheachd gun tàinig an tràdaisean seo bho na seann làithean ron chreidheamh Chrìosdail. Dhèanadh teine airson an samhradh fhuadach agus an sìol a dhìon an aghaidh thaibhsean dona. Chuireadh an luath air na h-achaidhean an uair sin.

Bha na ciad tùsan sgrìobhte mu teine na Càisge a’ nochdadh anns an 17mh linn. Chithear eisimpleir ann an Westfalen, a' Ghearmailt: “Bha am Bauernschaft Menninghausen (coimhearsnachd nan tuathanaich) ann an Oelde a’ cumail an "ostara fiur" (teine na Càisge ) airson "nahgiburo" (nàbhaidhean ) agus "friuntschaft" (caraidean) ann an 1664.

Ugh na càisge

Sorbische Ostereier
Uighean na Càisge

'S e ugh bruichte a tha ann an ugh na Càisge. Mar as trice thèid a dhathadh, ach uaireannan thèid a sgeadachadh ann an dòigh eile. 'S e tradaisean a tha ann, ugh na Càisge a thoirt do dhuine eile mar ghiftean aig Latha na Càisge. An-diugh bidh na bùthan a’ reic uighean na Càisge à seoclaid cuideachd.

A-rèir tradaisein paganaich 's e ìomhaigh-bheatha a tha ann an ugh na Càisge. Bha agus tha an tràdaisean, uighean a dhathadh, gu math cumanta air feadh na h-Eòrpa.

Bho na Meadhan Aoisean bhruicheadh na h-uighean aig àm a’ Charghais, air sgàth 's gun robh e toirmisgte an ithe a-rèir a’ chreideimh. Aig an aon àm thòisich na circean uighean a bhreith a-rithist, mar sin bhiodh na tuathanaich a’ bruich nan uighean airson an cumail maireannach. B’ fheudar do na tuathanaich cìs a phàigheadh do na daoine uaisle, aig latha Diardaoin a’ Bhrochain Mhòir, agus bhiodh iad a’ pàigheadh le uighean bruichte (a-measg rudan eile).

Nochd a’ chiad ìomradh sgrìobhte anns a’ bliadhna 1682. Sgrìobh an t-Ollamh Georg Franck von Frankenau pìos air an robh an t-ainm "De ovis paschalibus – von Oster-Eiern" (mu uighean na Càisge), far an robh e a’ sgrìobhadh mun tràdaisean seo ann an Alsace agus e a’ gearran nach biodh e math idir don t-slàinte cus uighean ithe.

Geàrr na Càisge

A-rèir beul-aithris bidh geàrr na Càisge a’ peantadh uighean is e gan breith anns na nid a chuireas clann anns na taighean neo anns na gàrraidhean.

Chan eilear cinnteach carson a tha geàrr ceangailte ris an tradaisean seo. Tha cuid a’ creidsinn gum b' e an t-ugh agus an geàrr ìomhaighean Ostara, tha feadhainn eile ag ràdh gur e dìreach ìomhaigh-bheatha às an tradaisean phaganach a th’ ann an geàrr.

Chithear cuideachd nach eil an geàrr cumanta anns a h-uile àite. Bho thùs chleachdadh beathaichean eile cuideachd. Anns an Eilbheis b’ e an cuthag a chuir na h-uighean anns na nid, anns a’ Ghearmailt, ann an Westfalen b’ e an sionnach a dhèanadh sin agus ann am Bohemia b’ e a’ chearc a rinn an obair sin.

Eile

Sorben-Osterreiter-Panschwitz-Kuckau
Marcachd na Càisge ann an Oberlausitz

Ged ’s e sin na cleachdaidhean as cumanta, tha mòran eile dhiubh ann a tha a’ buntainn do ghach àite fhèin. Seo dìreach eisimpleir às an Oberlausitz:

  • 'S e seann tràdaisean Sorbach a tha ann an Osterreiten (Marcachd na Càisge) a tha gu math cumanta an seo. Bidh na fir Caitligeach a’ marcachd bhon bhaile aca fhèin gu eaglais an ath-bhaile Di-Dòmhaich na Càisge. An uair sin bidh aifreann an sin. Anns a’ bhliadhna 2007 bha timcheall air 1700 marcach a’ gabhail pàirt anns an tachartas seo.[5] B’ e tradaisean paganach a bha ann, b’ àbhaist do na marcaich a mharcarchd timcheall air na h-achaidhean aca airson “taibhsean a’ gheamhraidh” fhuadach.
  • Bidh Ostereierschieben (Gluasad ugh na Càisge) ann am Bautzen Di-Dòmhnaich na Càisge. A-rèir an tràdaisein a tha nas sine na 400 bliadhna b’ àbhaist do na daoine uaisle uighean a chur car mu char sios beinn Phrotschenberg, far am biodh clann bhochd a’ feitheamh riutha. 'S e deagh spòrs a tha ann airson giftean a thoirt ri chèile san latha an-diugh.

Iomraidhean

  1. Rudolf Simek: Lexikon der germanischen Mythologie, duilleagan 90, 73, 217. Foillsichte aig Alfred Kröner, Stuttgart 1984 ISBN 3-520-36801-3
  2. Karl Helm: Altgermanische Religionsgeschichte, Leabhar 2: Die Nachrömische Zeit; pàirt 2: Die Westgermanen. §§ 162 duilleag 277–280. Foillsichte aig Verlag Carl Winter, Heidelberg 1953.
  3. De temporum Ratione, Aonad 15, Beda Venerabilis ann am: Patriologiae cursus completus: Series Latina, leabhar 90, Paris 1862
  4. Marc, caib. XVI , rann 2, Tiomnadh Nuadh, Commun-Bhìobull Dùthchaill na h-Alba, Dùn Èideann agus Glaschu
  5. Schorch, Marén: "Rituelle und symbolische Inszenierung von Zugehörigkeit. Das sorbische Osterreiten in der Oberlausitz", ann an: Herbert Willems (foillsichear): Theatralisierung der Gesellschaft. Band 1: Soziologische Theorie und Zeitdiagnose, Wiesbaden: VS Verlag für Sozialwissenschaften, 2009, duilleag 331-354.

Ceanglaichean a-mach

Bautzen

S' e baile beag san àird an ear na Gearmailt a tha ann am Bautzen (IPA: [ˈbaʊ̯t͡sən]), Sòrbais Uarach: Budyšin (IPA: [ˈbudɨʃin]). Tha e suidhichte air bruach an abhainn Spree mu 50 cilemeatair air falbh san àird a tuath Dresden. Tha mu thimcheall 42.000 duine a’ fuireach an seo.

Tron eachdraidh bha Bautzen na phrìomh-bhaile dhen roinn Oberlausitz (Beurla:Upper Lusatia). Ged nach eil ach eadar 5 % agus 10 % den sluagh nan Sorbaich an-diugh, canar gur e Bautzen an teas meadhan cultarach is poileataigeach nan Sorbach. Chìthear sanasan-rathaid dà-chànanach air feadh a' bhaile.

Chocontá (Cundinamarca)

'S e baile beag ann an Cundinamarca, Coloimbia, a th’ann Chocontá neo Santiago de Chocontá. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,655m os cionn ìre na mara agus dìreach 75km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 13˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1538.

Dabeiba

'S e baile beag faisg air Frontino air an àirde an iar Antioquia ann an Urabá, Coloimbia a th'ann Dabeiba. Tha crìochan aige mu thuath còmhla ris na bailtean Mutatá agus Ituango, air an àirde an ear còmhla ri Ituango, Peque agus Uramita, agus mu dheas còmhla ri Uramita agus Frontino agus air an àirde an iar còmhla ri Murindó, Turbo agus Mutatá. Tha am baile fhèin suidhichte aig 183 ciolomeatair bho Mhedellín, prìomh-bhaile na Roinne Antioquia. Tha farsaingeach dhe 1,883 km² aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1887.

Di-Dòmhnaich

'S e Di-Dòmhnaich/DiDòmhnaich neo Là na Sàbaid a' chiad (neo uaireannan an seachdamh) latha den t-seachdain.

Tha e a' ciallachadh "Latha an Tighearna" (Domines), neo "Sàbaid".

Air an latha seo, is tric a bhith Crìosdaidhean a' dol dhan eaglais. (Bidh na Seventh Day Adventists a' dol air Di-Sathairne)

"a' Chàisg Mhòir", "Di-Dòmhnaich na Càisge", "Dòmhnaich-Càisg", "Latha Bàs nan Uighean" 7 "Latha Guileagan" (Easter Sunday)

"Di-Dòmhnaich Tùrnais" (Palm Sunday)

"Di-Dòmhnaich nan Cuimhneachan" (Remembrance Sunday)

Guatavita (Cundinamarca)

'S e baile beag ann an Cundinamarca, Coloimbia, a th’ ann Guatavita. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,680m os cionn ìre na mara agus agus 57km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dmu 14˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1593.

Heliconia (Antioquia)

'S e baile beag ris an taobh an iar Antioquia ann an Coloimbia a th' ann Heliconia. Chaidh e a stèidheachadh mar bhaile ann an 1843, ged a thàinig an ceannsaiche Jorge Robledo ann an 1514. B' e Heliconia a' chiad àite ann an Antioquia far an ràinig na Spàinntich. Tha crìochan a' bhaile ris na bailtean Armenia, Angelopolis, Ebéjico agus Medellín.

La Ceja

‘S e baile beag ann an sgìre àirde an ear na h-Antioquia, Coloimbia, a th’ann La Ceja neo La Ceja del Tambo. Tha crìochan aig La Ceja leis na bailtean Rionegro agus El Carmen de Viboral mu thuath, leis a bhaile La Unión air an àirde an ear, leis na bailtean Montebello agus El Retiro air an àirde an iar agus leis a’ bhaile Abejorral mu dheas. Tha am baile fhèin suidhichte aig 41 cilemeatairean bho Mhedellín. ha e dìreach ri taobh Rionegro, far a bheil am Port-Adhair Eadar-nàiseanta Jose María Córdova, a fhrithealas Medellín. 'S La Ceja an 94mh baile as motha na dùthcha. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1789.

La Estrella

'S e baile meadhanach anns a' Ghleann Aburrá ann an Antioquia, Coloimbia, a tha ann an La Estrella. Tha e dìreach ri taobh Medellín (16km), prìomh-bhaile na roinne. Tha e suidhichte aig 1,775m os cionn ìre na mara. ' S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann La Estrella agus tha teodhachd mheadhanach dhe 20˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1685.

Liborina

'S e baile beag ann an Antioquia, Coloimbia, a th’ ann Liborina. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 700m os cionn ìre na mara agus 115km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1832.

Mìosachan Griogarach

'S e am Mìosachan Griogarach mìosachan na grèine.

Tha e ga chleachdadh as farsainge san t-saoghal. Dh'ainmicheadh e air Pàpa Griogair XIII.

Pamplona (Coloimbia)

‘S e baile beag ann an Coloimbia a th’ann am Pamplona. Tha e suidhichte ann an sgìre iar-dheas na roinne Norte de Santander. Chan eil e ach 74km bho Chúcuta, fear dhe na bailtean mòra nas cudromaiche na dùthcha. Ged nach eil port-adhair ann, tha deagh rathaidean ann gu ruige Chúcuta fhèin, Bucaramanga agus na bailtean beaga ri taobh an iar na roinne.

Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math ceangailte ri gnothach a’ bhidh (mar eiseimpleir deànamh mìlsean, briosgaidean, cèicichean, etc.), turasachd na fèisean Caitligich (gu seach àraidh aig àm na Càisge) agus goireasan eile (àiteachan-fuirich, biadh, etc.) airson oileanaich an Oilthigh Pamplona. ‘S ann Cúcuta fhèin agus bailtean eile a’ Chairib air Costa an Tuath Choloimbia a th’ann a mhòr-chuid dhuibh.

A-rèir cunntas-sluaigh nàiseanta dhe 2005, tha àireamh-shluaigh dhe 102,785 ann. Mar sin, ‘s e Pamplona an còigeamh baile nas motha na roinne agus an 56mh baile as motha na dùthcha.Tha am baile baile suidhichte air leathad na Cordillera Oriental ann am beanntan na h-Andes, aig 2342m os cionn ìre na mara. Tha farsaingeachd dhe 1,176 km2 aige agus tha teodhachd mheadhanach dhe 16°C ann. Tha crìochan aige leis na bailtean Pamplonita, air an àirde an iar, le Cácota agus Chitagá, ann an ceann a deas, le Labateca air an àirde an ear agus le Cucutilla air an àirde an iar.

San Luis (Antioquia)

'S e baile beag ann an Antioquia, Coloimbia, a th’ ann San Luis. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha faisg air El Santuario aig 1,050m os cionn ìre na mara agus 116km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1875.

Tunja

‘S e baile meadhananch ann an Coloimbia, agus prìomh-bhaile na roinne Boyacá, a th’ann Tunja neo Santiago de Tunja. Tha e suidhichte ann an iar-mheadhan na dùthcha anns an sgìre ris an canar Alto (Àrd) Chicamocha, 122km air falbh bho Bhogotá.. Tha farsaingeachd dhe 118 km² aige, 87% dhuibh air an dùthaich agus 13% anns a’ bhaile fhèin. Tha meadhan a’ bhaile Tunja suidhichte aig 2,775m os cionn ìre na mara, ach tha an t-àite as àirde am broinn crìochan a’ bhaile aig 3,200m os cionn ìre na mara, ri taobh Cucaita. Tha an t-àite as ìsle suidhichte aig 2,400m os cionn ìre na mara, ri thaobh Moniquirá.

Bha àireamh-sluaigh dhe 154,096 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh. 'S e Tunja an 31mh baile as motha na dùthcha.Tha crìochan aige leis na bailtean beaga dhe Motavita agus Cómbita air an ceann a tuath, le Oicatá, Chivatá agus Soracá air an àirde an ear, le Boyacá, Ventaquemada agus Samacá air an ceann a deas, agus mu dheireadh thall le Samacá, Sora agus Cucaita air an àirde an iar. Chaidh e a steidheachadh leis na Spàinntich 6mh an Lùnasdal 1539.

‘S e sgìre fo riaghladh sònraiche a bh’ann, ro Bhun-Reachd 1991.

Ìosa Crìosd

R. Bethlehem, mu 4 R.C. B. Ierusalem mu 33 A.C.

A-rèir na Crìosdaidhean se "Mac Dhè. Slànaighear. Mac an Duine." a tha ann, ach se figear gu math connspaideach a tha ann, gu h-àraid a-measg nan Iùdhach.

'Se Ìosa an Iùdhach bho Nasaret a thòisich an creideamh Crìosdaidh le na thuirt e is na theagaisg e. Tha e cuideachd air ainmeachadh mar "Ìosa Crìosd" no dìreach "Crìosd". Tha an t-ainm Ìosa a tighean bhon ainm Eabhra "Yeshua" a tha tighean bho "Yehovah-shua" a ciallachadh "Glèidhidh Dia." Tha am facal Crìosd a tighean 'on facal Greugais "Khristós" (Χριστός) a ciallachadh "an neach coisrigeadh." Tha am facal Eabhra "Moshiach", no Mesiah 'sa Ghàidhlig agus 'sa Bheurla, a ciallachadh an aon rud ris an Greugais Khristós.

'S ann anns an Tiomnadh Nuadh 'sa Bhìoball a lorgas sinn na sgeulachdan mu Ìosa. Cha do sgrìobh duine mu dheidhinn nuair a bha e beò agus mar sin chan eil sinn cho eòlach air a bheatha 'sa bhitheadh sinn an dòchas.

Tha am Bìoball ag ràdh gun robh Ìosa beò ann an àm Impireachd an Roimh anns an dùthaich far a bheil Israel an diugh. Chaidh a' bhreith fhad 's a bha a mhàthair agus athair a fuireach ann an sabhal seach nach robh rum anns na taighean-òsda. Tha latha Nollaig againn mar latha-saor airson seo a chuimhneachadh.

Nuair a dh'fhàs Ìosa na inbheach thoisich e a siubhal mun dùthaich a teagaisg agus an innis sgeulachdan. Bha e a teagaisg gum bu chòir do dhaoine gaol a thoirt do Dhia agus cuideachadh a thoirt do chèile.

Bha gu leòr ag ràdh gum b' urrainn dha mìorbhail a dhèanamh mar uisge a thionndadh gu fìon, slàinte a thoirt air ais do dhaoine tinn agus fiù beatha thoirt air ais do feadhainn a bhàsaich.

Nuair a dh'fhàs Ìosa ainmeil chaidh e gu Ierusalem. An sin thionndaidh na sagartan cumhachdach Iùdhach na aghaidh agus chaidh a mharbhadh le na Ròmanaich air A' Chrois.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.