1916

'S e bliadhna-leum a bha ann an 1916 (MCMXVI).

Bliadhna:

1913 | 1914 | 1915 | 1916 | 1917 | 1918 | 1919

Deichead:

1890an | 1900an | 1910an | 1920an | 1930an

Cheshire Regiment trench Somme 1916
Saighdearan Rèiseamaid Cheshire aig Somme, an t-Iuchar 1916.

Tachartasan

Breithean

Bàsan

1910an

Bha na 1910an, sa 20mh linn, eadar 1 am Faoilleach 1910 is 31 an Dùbhlachd 1919. 'S e an dàrna deich-bliadhna den linn.

Bha an Cogadh Mòr sna bliadhnaichean seo, eadar 1914-1918, agus Ar-a-mach Ruiseanach.

1910

1911

1912

1913

1914

1915

1916

1917

1918

1919

1914

MCMXIV

1918

MCMXVIII

Camilo José Cela

B' e Camilo José Cela (IPA: /kaˈmilo xoˈse ˈθela/), an t-ainm goirid aig Camilo José Manuel Juan Ramón Francisco de Gerónimo Cela Trulock, Marcas Iria Flavia, sgrìobhadair às an Spàinn. Rugadh e ann am Padrón ann an 1916 agus chaochail e ann am Madrid ann an 2002. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1989.

Carl Gustaf Verner von Heidenstam

B’ e sgrìobhadair às an t-Suain a bha ann an Carl Gustaf Verner von Heidenstam. Rugadh e ann an Olshammar ann an 1859 agus chaochail e ann an taigh mòr Övralid, ann am Motala ann an 1940. Fhuair e a cuid fhoghlaim sa Kungliga Akademien för de Fria Konsterna. Fhuair ballrachd Acadamaidh na Suaine ann an 1912 agus bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas anns a’ bhliadhna 1916.

Charles Grey, 2nd Earl Grey

B' e Prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte a bh' ann an Charles Grey, 2na Iarla Grey, KG, PC (13 am Màrt 1764 – 17 an t-Iuchar 1845).

Christian B. Anfinsen

B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Christian Boehmer Anfinsen (Monessen, Pennsylvania, 26 am Màrt 1916–Randallstown, Maryland, 14 an Cèitean 1995). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1972, còmhla ri Stanford Moore agus William H. Stein airson na h-obrach aca air a' phròtain, ribonuclease, a tha giullachd RNA.

David Lloyd George

B' e neach-poileataigs agus prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte eadar 7mh an Dùbhlachd 1916 agus 22na an Dàmhair 1922 a bh' ann an David Lloyd George, OM, PC (17 am Faoilleach, 1863 - 26 am Màrt 1945).

'S e an aon phrìomh-mhinistear às a' Chuimrigh a th' air a bhith aig an RA: ged an do rugadh e ann an Sasainn, b' e Cuimrich a bha anns a phàrantan agus b' e a' Chuimris a' chiad chànan aige.

Edward Heath

B' e neach-poileataigs à Sasainn a bh' ann an Edward Richard George Heath (Broadstairs, 9 an t-Iuchar 1916 – Salisbury 17 an t-Iuchar 2005). Bha e na Phrìomh-mhinistear san Rìoghachd Aonaichte bho 1970 gu ruige 1974 an dèidh agus ro Arailt MacUilleim.

H. H. Asquith

B' e Prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte bho 1908 gu 1916 a bh' ann an Herbert Henry Asquith, 1ad Iarla Oxford agus Asquith, KG, PC, KC (12 an t-Sultain 1852 – 15 an Gearran 1928).Rugadh e ann am Morley, Siorrachd Eabhraig, Sasainn.

Harold Wilson

B' e neach-poileataigs à Sasainn a bh' ann an Harold Wilson (Huddersfield, 11 am Màrt 1916–Lunnainn 24 an Cèitean 1995). Bha e na phrìomhaire san Rìoghachd Aonaichte dà thuras: bho 1964 gu ruige 1970, eadar Ailig Dùghlas-Home agus Edward Heath agus ann uair sin bho 1974 gu ruige 1976, eadar Edward Heath agus James Callaghan.

Dh'ionnsaich e poileataigs, feallsanachd is eaconomachd aig Oilthigh Oxford agus chaidh a thaghadh mar BhP Làbarach airson Ormskirk ann an 1945. Chaidh e sa' chaibineit ann an 1947 mar Cheann-suidhe Bòrd na Malairt. Anns an dùbhlan bha e na sheansalair dùbhlanach is Rùnaire Cèin Dùbhlanach mus do chaochail Hugh Gaitskell is bhuannaich e ceannardas a' Phàrtaidh Làbarach ann an 1963 is an Taghadh Coitchinn ann an 1964, le mòr-chuid de 4 seataichean, is a-rithist ann an 1966 le 98 seataichean. Chaill e an taghadh ann an 1970 ach thill e ann an 1974. Leig e a dhreuchd suas ann an 1976.

Henryk Sienkiewicz

'S e Henryk Adam Aleksander Pius Sienkiewicz de Oszyk (IPA: [xɛnrɨk ˈadam alɛˈksandɛr ˈpʲus ɕɛnˈkʲevʲitʂ de ˈɔʂɨk]) sgrìobhadair Pòlach. Rugadh e ann an Wola Okrzejska ann an 1846 agus chaochail e ann an Vevey ann an 1916. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1905. Tha e ainmeil aig ìre eadar-nàiseanta gus ar làithean airson an nobhail Quo Vadis. A bharrachd air sin, b' e esan an dàrna neach às A' Phòlainn a choisinn duais Nobel a-riamh.

José Echegaray y Eizaguirre

B’ e sgrìobhadair às an Spàinn a bha ann an José Echegaray y Eizaguirre.

Rugadh e ann am Madrid ann an 1832 is chaochail e an siud fhèin ann an 1916.

Bha e na oileanach aig an Sgoil Einnseanaireachd Rathaidean ann am Madrid agus an sin chaidh e na neach-teagaisg an siud.

An dèidh don aramach ann an 1868 chaidh e san riaghaltas is bha e na mhinistear leasachadh eaconomaigeach ann an 1869 is 1872, agus na mhinistear ionmhais gus thill am monarcachd ann an 1874.'S e "El gran Galeoto" an leabhair as ainmeile aige. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas còmhla ri Frédéric Mistral anns a’ bhliadhna 1904.

Julio César Turbay Ayala

B' e neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann an Julio César Turbay Ayala (Bogotá, 18 an t-Ògmhios 1916, ibidem, 13 an t-Sultain, 2005). Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1978 agus 7 an Lùnastal 1982. Bhuineadh Turbay do theaghlach in-imrich: b' ann à Leabanon a bha athair, ged a rugadh a mhàthair ann an Coloimbia. Cha deach e idir dhan oilthigh, ged a fhuair e dotaireachd honoris causa à Oilthigh an Rosario. Phòs e aig nighean a pheathar, Nydia Quintero Turbay à Neiva ann an 1948 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. Dhealaich iad ann an 1983. Phòs e a-rithist ann an 1987, an turas seo aig Amparo Canal Sandoval. Chaidh a nighean, Diand Turbay, a mharbhadh le Pablo Escobar.‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann Turbay agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an 1938 ann an Engativá, air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air Alfonso López Pumarejo. B' e deachdaireachd an Airm a thug piseach airsan ann an saoghal poileataigeach na dùthcha. Bha e na mhinistear nam Mèinn agus a' Pheatrail eadar 1957 agus 1958 fo Gabriel París: na mhinistear nan Dùthchannan Cèin eadar 1958 agus 1961 fo Carlos Lleras Camargo. A bharrachd air sin, b' e riochdair dioplòmasach a bh' ann cuideachd: bha e na thosgaire thall thairis ann am Breatainn (1973 - 1975), anns Na Stàitean Aonaichte (1975 - 1976), ann an Cathair na Bhatacain (1987 - 1989) agus anns An Eadailt (1991 - 1993). Chaidh a thaghadh na cheann-suidhe agus, a rèir an lagha aig an àm, chan d’ fhuair e ach teirm san dreuchd. Bha e gu math connspaideach agus dh’fhàgadh airsan gu robh e lag a thaobh FARC.

Sir William Ramsay

B’ e ceimigear Albannach a bh’ anns an Ridire William Ramsay. Rugadh e air 2 an Dàmhair 1852 ann an Glaschu. Chaidh e don Oilthigh Ghlaschu. Chaochail e air 23 an t-Iuchar 1916 ann an High Wycombe, Sasainn. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1904 "in recognition of his services in the discovery of the inert gaseous elements in air".Sgrìobh e an tràchdas aige aig Oilthigh Tübingen fo Rudolph Fittig agus thill e gu Glaschu ann an 1872. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Bhristol ann an 1880 agus na chathair ceimigeachd aig Colaiste Oilthigh Lunnainn ann an 1889. Bha e na cheann-suidhe a' Chomainn Cheimigeach eadar 1907 agus 1909.Lorg e argon còmhla ri Lord Rayleigh a bhuannaich an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1904, neon, criopton agus senon.

Stockholm

'S e prìomh-bhaile Suaineach a tha ann an Stockholm (IPA: stɔkːɔlm). Tha nas motha na aon muileann duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin agus timcheall air a' bhaile. Tha Stockholm suidhichte 513km air falbh bho Malmö, 484km bho Helsingborg, 396km bho Ghöteborg agus 61km bho Uppsala. Tha Rìgh na Suaine a' fuireachd an-seo.

Vichada (Roinn)

'S e roinn ann an Coloimbia a tha ann an Vichada. Tha Vichada anns na "llanos", an sgìre comhnard rèidh ann an àirde an ear na dùthcha, ri taobh Bheiniseala. 'S e Puerto Carreño prìomh-bhaile na roinne bho 1916. Chan eil àireamh-sluaigh mhòr ann.

Walther Hermann Nernst

B' e Walther Nernst (Briesen 25 an t-Ògmhios 1864 - Zibelle 18 an t-Samhain 1941) Ceimigear às A' Ghearmailt. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1920.

William Butler Yeats

B' e sgrìobhadair Èireannach a bha ann an William Butler Yeats. Rugadh e ann am Baile Átha Cliath ann an 1865 agus chaochail e ann an Roquebrune-Cap-Martin ann an 1939. Bha uidh mhòr aige sna Seann-Cheiltich. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1923.Sgrìobh e cuideachd dealbhan-cluiche mar The Countess Kathleen (1892) is Cathleen ni Houlihan (1902) anns an do nochd a bhràmair Maud Gonne. Bha e na cheann-suidhe Comann Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Èirinn an do stèidhich Amharclann na Mainistreach ann am Baile Átha Cliath ann an 1904. Sgrìobh e an duan ainmeil Easter, 1916 an dèidh do Ar-a-mach na Càisge.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.