1799

MDCCXCIX

Bliadhna:

1796 | 1797 | 1798 | 1799 | 1800 | 1801 | 1802

Deichead:

1770an | 1780an | 1790an | 1800an | 1810an

Tachartasan

Breithean

Bàsan

1790an

Bha na 1790an sa 18mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1790 is 31 an Dùbhlachd 1799. 'S e na dàrna deich-bliadhna den linn.

1790

1791

1792

1793

1794

1795

1796

1797

1798

1799

1798

MDCCXCVIII

1800

MDCCC

1801

MDCCCI

1802

MDCCCII

18mh Linn

Bha an 18mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1701 is 31 an Dùbhlachd 1800. Bha na 1700an eadar 1 am Faoilleach 1700 is 31 an Dùbhlachd 1799.

1700an (deichead)

1710an

1720an

1730an

1740an

1750an

1760an

1770an

1780an

1790an

29 am Màrt

'S e 29 am Màrt an 88mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich (89mh ann am bliadhna-leum). Tha 277 latha air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

29 an Lùnastal

'S e 29 an Lùnastal an 241mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich (242mh ann am bliadhna-leum). Tha 124 latha air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

6 an Dùbhlachd

'S e 6 an Dùbhlachd an 340mh latha dhen bhliadhna a rèir a' Mhìosachain Ghriogaraich (341mh ann am bliadhna-leum). Tha 25 làithean air fhàgail gus deireadh na bliadhna.

Ar-a-mach na Frainge

B' e Ar-a-mach na Frainge (1789–1799) an tachartas poileataigeach na bu mhò agus na bu bhuadhmhoire a thachairt san Roinn Eòrpa san 18mh Linn agus san 19mh Linn. Mar thorradh an ar-a-maich, thug a' Bùirdeasachd thairis air a' chumhachd eaconomach agus san Riaghaltas san Fhraing, an àite na Clèire agus na h-Iar-fhaitheachd. Thathar dhen bheachd gur e modal airson atharraidhean poileataigeach air feadh an t-saoghail a th' ann fad còrr is dà cheud bhliadhna. Thug na sgrìobh grunn sgrìobhadair ri linn an t-Soillseachaidh, mar Thomas Paine agus Voltaire buaidh mhòr air na daoine ron an ar-a-mach cuideachd.Aig deireadh an 18mh Linn bha Rìoghachd na Frainge, mar a’ mhòr-chuid dhe na dùthchannan air feadh na Roinne Eòrpa, fo bhuaidh Dheichdearachd air an robh An t-Seann Rèisim (Fraingis: L’Ancien Régime). Air sàilleabh sin, b’e co-chomann Sòisealta uabhasach roinnte a bh’ ann, far an robh cumhachd gun chrìoch aig an Rìgh, a bha dhen bheachd gur e toil an Tighearna a chuir e na àite agus ga chumadh na àite. B' e pribhileid agus cuid-seilbhe a bha aig cnap na cùise agus cha robh còirichean aig duine sam bith ach a' Chlèir agus na h-uachdarain. Chan fhaodadh dhan Rìgh droch shuidheachadh na dùthcha a cheartachadh an dèidh Cogadh nan Seachd Bhliadhna neo fiù 's piseach a thoirt air an eaconomaidh a bha ann an droch staing.Thoisich an t-Ar-a-mach ann an 1789 nuair a sheas cruinneachadh nàiseanta an aghaidh an Rìgh. Stèidheachadh Pàrlamaid agus ghairmeadh còirichean sìobhalta agus bhotaidh ach thoisich ar-a-mach sna sràidean agus thug na daoine bochd ionnsaigh air a' Bastille, seann phrìosan ann am Paris.

Mhair sin gu ruige 1792 nuair a dh'fhàs cùisean na bu mhiosa. Bha an t-eaconomaidh air fàs na bu laige agus na bu chugallaiche. Ghairmeadh poblachd a chaidh an teaghlach rìoghail a chuir an greim. Bha na daoine bochd air cuidhteas faighinn daoine beairteach agus sagartan. Fiù 's chuireadh an Rìgh gu bàs tro Dhìcheannachadh. Ann an 1795 thug an Directoire, comataidh riaghalaidh na dùthcha, thairis air an riaghaltas ach bha an t-suidheachadh fhathast gu math cugallach agus mu dheireadh thall chuireadh Napoleon Bonaparte crìoch air an ar-a-mach ann an 1799 nuair a thug e thairis air an Riaghaltas.

Edward Smith-Stanley, 14mh Iarla Derby

B' e Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte a bh' ann an

Edward George Geoffrey Smith-Stanley, 14mh Iarla Derby, KG, PC (29 am Màrt 1799 – 23 an Dàmhair 1869).

Lazio

'S e roinn na h-Eadailt a tha ann an Lazio (Laideann: Latium). Tha e na laighe ann an Eadailt mheadhonach. 'S e An Ròimh a tha na phrìomh-bhaile. Bhuin i gu Stàitean na h-Eaglaise o chionn fhada. Bha i na pàirt de Phoblachd na Ròimhe fad còrr is bliadhna cuideachd, eadar 1798 agus 1799.

Marche

'S e roinn na h-Eadailt a tha ann am Marche. Tha e na laighe ann an Eadailt a Tuath. 'S e Ancona a tha na phrìomh-bhaile. Bhuin i gu Stàitean na h-Eaglaise o chionn fhada. Bha i na pàirt de Phoblachd na Ròimhe fad còrr is bliadhna cuideachd, eadar 1798 agus 1799.

Napoléon Bonaparte

Bha Napoléon Bonaparte (IPA: napɔleɔ̃ bɔnapaʁt, Ajaccio, 15 an Lùnasdal 1769–Eilean Naomh Eilidh, 5 an Cèitean 1821) na Impire na Frainge agus na Sheanailear. Rugadh e ann an Corsaca, far an robh a theaghlach a' fuireach. Bha athair, Carlo Maria Buonaparte na neach-lagha, agus bha a mhàthair, Maria Letizia Ramolino, ga bhrosnachadh nuair a bha e na bhalach beag gu rudan cudromach a dhèanamh anns an àm ri teachd.

Chaidh e gu Acadamaidh an Armailt ann am Paras nuair a bha e dìreach 14 bliadhna a dh'aois agus bhuannaich e urram is meas gu luath. Ann an 1799 bha e na sheanailear ann am Arm na Frainge ri linn Ar-a-mach na Frainge, agus ged a chaill iad an Èipheit, dh'fhàs Napoléon ainmeil am measg muinntir na Frainge, an dà chuid na beartaich is na bochd.

Bha e na Chonsal nuair a chuir e an tiotal air fhèin, “Ìompaire nam Frangach” còmhla ri a chiad bhean Josephine, air a' chiad latha den Dùbhlachd 1804. Aig an àm sin bha cumhachd mhòr aige agus chuir e iomadh dùthaich fo smachd anns an Roinn Eòrpa, neartaich e an siostam sòisealta is chruthaich e codex a chleachd mòran riaghaltasan mar eisimpleir às dèidh sin, fiù 's san latha an-diugh. Phòs e dà thuras: a' chiad turas bho 1796 gu ruige 1809 aig Joséphine de Beauharnais, a bha seachd bliadhna na b' aosda na esan agus gu math trioblaideach agus an uair sin aig Marie Louise, Bana-dhìuc Pharma, bho 1810 gu ruige 1814.Ach bha armailtean cumhachdach na aghaidh. Impireachd na Breatainne, a' Phruis agus an Ruis, agus chuidich iad dùthchannan eile airson na Frangaich a chuir air falbh. Chaill iad an Spàinnt ann an 1812 agus cha do chuir iad an Ruis fo smachd ann an 1813. Thòisich crìonadh na Impireachd aig an àm a bha siud.

Mar sin, chaidh a fhògradh a dh'Eilean Elba ann an 1814 is thill Rìgh Louis XVI còrr is 15 bliadhna às dèidh an ar-a-mach mhòir. Ach ann an 1815 thill Napoléon dhan Fhraing gu mòr-thoilicheas an t-sluaigh, gus am blàr mu dheireadh ullachadh ann an Bhatarlù. Anns a' Chèitean 1815 shabaid Napoléon an aghaidh a thrì armailtean, ach cha robh e soirbheachail is chaidh a fhògradh a-rithist, an turas seo gu Eilean Naomh Eilidh far an do bhàsaich e sia bliadhna às dèidh sin ann an 1821. Bha e dìreach 51.

Poblachd na Ròimhe

B' e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a bha fo bhuaidh na Frainge a bh' ann am Poblachd na Ròimhe (Fraingis: République Romaine, Eadailtis: Repubblica Romana) a mhair dìreach còrr is bliadhna bho 1798 gu 1799. Bhuineadh Lazio, Marche agus Umbria agus dhan Phoblachd. Chuir Napoleon Bonaparte às do Stàitean na h-Eaglaise ann an 1798 agus chuir e air dòigh Poblachd na h-àite, ach cha do mhair a' Phoblachd ach bliadhna, leis gu robh i ann an earbsa ri feachdan na Frainge, agus an uair sin chaidh Stàitean na h-Eaglaise a chur air bhog a-rithist. B' fheudar do Phius VI theiche thall thairis, far a chaochail e ann an 1799. Bha sgaradh-pòsaidh agus pòsadh sìobhalta air an dèanamh laghail, chaidh abaidean agus a leithid a dhùnadh agus chaill an eaglais a chuid oighreachdan. Dh' fhàg Arm na Frainge An Ròimh air 19 an t-Sultain 1799 agus air 30 an t-Sultain ghabh Feachdan Rìoghachd Napoli thairis air a' bhaile agus crìoch air a' Phoblachd.

Pàpa Pius VI

B' e Pàpa Eadailteach a bha ann am Pàpa Pius VI (Laideann PIUS P.P. VI, Cesena, 25 an Dùbhlachd 1717 - Valence, 29 an Lùnasdal 1799). B' e An t-Iarla Angelo Onofrio Melchiorre Natale Giovanni Antonio Braschi an t-ainm a bh' air bho thùs. Chaidh a thaghadh air an 15 an Gearran 1775 mar phàpa an dèidh bàs Pàpa Clemens XIV. 'S e an 250mh fear a bh'ann. Bhuineadh e do theaghlach Uachdaranach ach gu math bochd às An Eadailt: ‘S e Iarla a bh’ ann athair (Eadailtis: Conte) agus Ban-iarla (Eadailtis: Contessa) a bh’ ann a mhàthair. A bharrachd air sin, ‘s e càirdineal a bh’ann bràthair-màthar, Giovanni Carlo Bandi, a thug taic mhòr dhàsan.

Chaochail e thall thairis ri linn Ar-a-mach na Frainge agus Poblachd na Ròimhe, far an robh e na phrìosanach. Bha e na phàp fad 24 bliadhna, an ceathramh Pàpachd na b' fhaide a bh’ ann a-riamh, an dèidh Leo XIII, Iain Pòl II agus Pius IX. Rugadh e ann an Stàitean na h-Eaglaise.

Stàitean na h-Eaglaise

B' e dùthaich neo-eisimeileach anns an Roinn-Eòrpa a bha ann an Stàitean na h-Eaglaise (Laideann: Status Pontificius, Eadailtis: Stato della Chiesa) bho 754 gu 1870. B' e sreath dhe stàitean, a' mhòr-chuid dhuibh ann am meadhan na h-Eadailt, a bha fo riaghladh saoghalta a' Phàp, a mhair bho 754 gu ruige stèidheachadh Poblachd na Ròimhe ann an 1798. Thug an Rìgh Pépin Òg, athair Theàrlaich Mhòir, a' chiad oighreachd dhan Phàp ann an 754 agus an uair sin oighreachdan eile ann an 756 agus le sin stèidhich an stàit aige fhèin. B' e tè dhe na stàitean na bu mhò agus na bu chumhachdaile a bh'ann Stàitean na h-Eaglaise bhon 8mh Linn gu ruige Aonadh na h-Eadailt ann an 1861. Aig a' char na bu mhò, bhuineadh Lazio, Marche, Umbria agus Emilia-Romagna dhan Phàp. Bhathar dhen bheachd gun cuireadh Stàitean na h-Eaglaise cumhachd saoghalta na h-Eaglaise an cèill. Chuir Napoleon Bonaparte às do Stàitean na h-Eaglaise ann an 1798 agus chuir e air dòigh Poblachd na Ròimhe na h-àite, ach cha do mhair a' Phoblachd ach bliadhna, leis gu robh i ann an earbsa ri feachdan na Frainge, agus an uair sin chaidh stàitean na h-Eaglaise a chur air bhog a-rithist gu ruige 1870. B' fheudar do Phius VI theiche thall thairis, far a chaochail e ann an 1799. An dèidh 1861 cha robh ach Lazio a bh' ann na Stàite, gu ruige 1870. Cha robh oighreachd neo oighreachd aig a' Phàp bho 1870 gu ruige 1929 gus a chuir an ceannard Faisisteach Benito Mussolini crìoch air a' chòmhstri eadar Riaghaltas na h-Eadailt agus an Eaglais Chaitligeach, a' toirt Cathair na Bhatacain dhan eaglais.

Tours

'S e baile mòr ann am meadhan na Frainge a th’ ann an Tours (IPA: tuʁ). Tha e suidhichte anns a’ cheàrn Centre agus anns an sgìre Indre-et-Loire. Rugadh an sgrìobhadair Honoré de Balzac an seo air an 20mh latha dhen Chèitean 1799.

Umbria

'S e roinn na h-Eadailt a tha ann an Umbria. Tha e na laighe ann an Eadailt a Tuath. 'S e Perugia a tha na phrìomh-bhaile. Bhuin i gu Stàitean na h-Eaglaise o chionn fhada. Bha i na pàirt de Phoblachd na Ròimhe fad còrr is bliadhna cuideachd, eadar 1798 agus 1799.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.