1739

MDCCXXXIX

Bliadhna:

1736 | 1737 | 1738 | 1739 | 1740 | 1741 | 1742

Deichead:

1710an | 1720an | 1730an | 1740an | 1750an

1730an

Bha na 1730an san 18mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1730 is 31 an Dùbhlachd 1739. Se na dàrna deich-bliadhna den linn.

1730

1731

1732

1733

1734

1735

1736

1737

1738

1739

1736

'S e bliadhna-leum a bha ann an 1736 (MDCCXXXVI).

1737

MDCCXXXVII

1738

MDCCXXXVIII

1740

MDCCXL

1741

MDCCXLI

1742

MDCCXLII

Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan

'S e comann fiosraichte agus acadamh nàiseanta airson nan saidheans na Suaine a tha anns Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan (Suainis: Kungliga Vetenskapsakademien).

Chaidh a stèidheachadh ann an 1739 le Jonas Alströmer, Sten Carl Bielke, Carl Wilhelm Cederhielm, Anders Johan von Höpken, Carl von Linné is Mårten Triewald. Ann an 1741 dh'fhàs e rìoghail. Dh'fhoillsich e iris, Vetenskapsakademiens Handlingar, is fhuair e aon-mhargadh almanacan fhoillsicheadh ann an 1747.

Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Rugadh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, no Alasdair MacDhòmhnaill (c.1690 - c.1770), ann an Àird nam Murchan, far an robh athair na mhinistear. Bhuineadh an teaghlach do dh'Uibhist a Deas agus bha ceanglaichean làidir aca ri Clann Raghnaill.

Bocholt

‘S e baile meadhanach faisg air Arnhem, air an àirde iar na Gearmailte a th’ ann am Bocholt (Platdüütsche: Bokelt). Tha e suidhichte ri taobh nan crìochan leis Na Tìrean Ìsle, aig 25m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Bocholter Aa agus Loch Bocholtersee, am broinne na stàite Nordrhein-Westfalen. Tha am baile 180km air falbh bho Oldenburg, 151km bho Rahden, 69km bho Dhüsseldorf agus 469km bho Bherlin. Tha 70,856 duine a' fuireach ann.

David Hume

B' e feallsanaiche, eachdraiche agus aistear Albannach a bh' ann an David Hume (7 an Cèitean 1711 - 25 an Lùnastal 1776). Ghabh e pàirt anns an Soillseachadh Albannach. Thathar a' smaoineachadh gum b' e an fheallsanach a b' fheàrr a sgrìobh anns a' Bheurla a bh' ann.Chaidh a' chiad leabhar aige, A Treatise of Human Nature, fhoillseachadh ann an 1738 nuair a bha e 28 bliadhna a dh'aois. Bha ùidh mhòr aige anns na dòighean a tha buaidh aig eòlas-inntinn air ar binne.

Inbhir Èireann

'S e baile ann am Moireabh a tha ann an Inbhir Èireann (Beurla: Findhorn). Tha am baile suidhichte dìreach deas air Linne Mhoireibh. Tha Inbhir Èireann mu 3 mìltean iar-thuath air Cinn Lois agus mu 9 mìltean air falbh bho Fharrais.

'S e seo na co-chomharran aige: 57° 39′ 32.4″ Tuath agus 3° 36′ 39.6″ Iar.

Ann an 2001 bha 885 duine a' fuireach an seo.

Anns an 17mh b’ e Inbhir Èireann am port mara a bu chudromaiche ann am Moireibh, bha bàtaichean a’ dol bhon an seo chun a h-uile port mara anns a' Chuan a Tuath agus gu bailtean timcheall Am Muir Baltach cuideachd.

Anns an 19mh bha gnìomhachas iasgaich gu math làidir anns a' bhaile.

'S e an taigh-seinnse Crown and Anchor Inn an togalach as sine anns a' baile, chaidh a thogail ann an 1739.

Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire

B’ e Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire, Leas-Rìoghachd Shantafé neo Leas-Rìoghachd na Rìoghachd Ùire Ghranada colonaidh Spàinnteach thall ann an Aimearaga, am broinn Iompaireachd na Spàinne. Chuireadh an colonaidh sin air dòigh beag air bheag eadar 1717–1723, 1739–1810 agus 1816–1819, nuair a bha làmh-an-uachdair aig na Spàinntich ann an Aimearaga air fad. ‘S e an Rìgh Felipe V a bha os cionn a’ gnothaich, a thòisich ann an 1717 mar phàirt dhe na polasaidhean ùra aig na Borbón, ged an do chuir iad crìoch air sin ann an 1723, air adhbharan taobh airgid. Thòisich an sgeama sin a-rithist ann an 1739 gus an do rinn ar-a-mach an neo-eisimeileachd a’ chùis ann an 1810, nuair a dh’fhàg na Borbón an gnothach gu tur. Chuir an Rìgh Spàinnteach Fernando VII ruaig air na reubaltaich ann an 1815, gus an do bhuannaich na reubaltaich iomairt chruaidh, is le sin chaill na Spàinntich an colonaidh sin mu dheireadh thall, ann an 1819.Bha prìomh-bhaile na Leas Rìoghachd ann an Santa Fe, neo Bogotá ris an canar e an latha an-diugh. Fhuair an dùthaich seula a’ bhaile cuideachd. ‘S e prìomh-bhaile Choloimbia a th’ann Bogotá gus na làithean againne, leis an aon seula fhathast. Bha na dùthchannan ris an canar Coloimbia, Panama, Eacuador agus A' Bheiniseala an latha an-diugh uile na bhroinn. 'S e colonaidh mu làr a bh'ann an Leas-Rìoghachd sin, rud a dh'adhbharaich trioblaid dha na Spàinntich an siud, mu dheireadh thall.

Lean Coloimbia Mhòr an dèidh an neo-eisimeileachd.

Long nan Daoine

Theirear "Long nan Daoine" no "Soitheach nan Daoine" ris an long "The William". Ann an 1739, reic Tormod MacLeòid à Beàrnaraigh 100 daoine às a' chinneadh aige fhèin mar thràillean agus chaidh an cuir air bòrd na luinge le fòirneart. Ach cha do ruig an soitheach Aimearaga a Tuath. Stad iad ann an Èirinn a Tuath agus fhuair na daoine saorsa a-rithist, oir bha diombadh mòr ann nuair a sgaoil fios mu dheidhinn an t-suidheachaidh seo, ach cha deach an cuir dhachaidh agus dh'fhuirich iad ann an Èirinn.

Oilthigh Chologne

Is e an t-oilthigh as motha anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Chologne (Universität zu Köln ‘sa Ghearmailtis, University of Cologne ‘sa Bheurla). Tha e suidhichte ann an Köln ann an Nordrhein-Westfalen ann an taobh an Iar na Gearmailt.

Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1388 anns an Iompaireachd Naoimh nan Ròmanach, anns an dùthaich ris an canar a’ Ghearmailt an-diugh. Mar a b’ àbhaist aig an àm seo bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd. Ach chaidh a dhùnadh ann an 1798, nuair a ràinig Napoleon a’ Ghearmailt.

Airson bliadhnaichean bha muinntir Köln ag iarradh an oilthigh air ais. Mu dheireadh thall dh’fhosgail an Oilthigh a-rithist ann an 1919 le cuideachadh bho Konrad Adenauer.

An-diugh tha Oilthigh Chologne ball den Deutsche Forschungsgemeinschaft, comann den oilthighean Gearmailteach a tha a’ dèanamh rannsachadh. Tha nas motha na 200 cuspairean eadar-dhealaichte ann airson nan oileanach. Tha an t-oilthigh ceangailte cuideachd le 16 oilthighean eile air feadh an t-saoghail.

Prionnsalachd Salm-Salm

B’ e meanbh-dhùthaich anns a’ Ghearmailt a mhair bho 1739 gu 1813 a bh’ anns A' Phrionnsalachd Salm (Gearmailtis: Fürstentum Salm). Chaill Am Prionnsa Constantine Alexander a chuid talmhainn san àirde an iar ann an 1790, ri linn Ar-a-mach na Frainge, ach fhuair e oighreachdan eile na b' fhaide dhan ear mar dhìoladh ann an 1803. Le sin, cheannachd Napoleon Bonaparte dìlseachd a' Phrionnsa ri linn atharraidhean mòra a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt, an dèidh dha cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Bhuineadh Am Prionnsa Constantine Alexander dhan teaghlach uasal Salm-Salm. Bha an stàit sin na ball Co-chaidreachas na Rèine dìreach bho 1807 gu ruige 1811, nuair a thug Frainge os làimh e. B' e Bocholt a bh' ann prìomh-bhaile na dùthcha.

Voltaire

B’ e François Marie Arouet (IPA fʁɑ̃swa maʁi aʁuˈwe), neo Voltaire (IPA volˈtɛʁ), an t-ainm-brèige a chleachd e mar bu tric, ùghdar agus feallsanach a thug buaidh mhòr air an 18mh linn, gu seachd àraidh air cuimhne coitcheann nam Frangach. Rugadh e air an 21mh latha dhen t-Samhain 1694 ann am Paris, am baile far an do chaochail e air an 30mh latha dhen Chèitean 1788. 'S e a’ chiad cheannard na luchd-innteachail is e an sàs ag obair airson na Fìrinn, a’ Cheartais agus Saorsa na Smuain. Fhuair e an t-ainm pinn sin bho na litrichean AROUET L(e) J(eune), anagram an ainm aige, air an sgrìobhadh ann an Laideann, AROVETLI.Mar Shamhla An t-Soillseachaidh agus ceannard nam Feallsanach (Fraingis: Le Parti Philosophique), tha an t-ainm aige fhathast gu math ceangailte ris an strì ann an dà chuid an aghaidh na Gràinealachd (Fraingis: l’infâme), an t-ainm a thug e do dh’eudmhorachd chràbhach, agus airson adhartas agus ceadachas. ‘S e deist a bh' ann ged-tà, is e dhen bheachd gur e monarcachd chuimseach libearalach, air an soillearachadh leis na “feallsanaich”, an siostam na b’ fheàrr co-dhiù. Bha e dlùth air na uachdaran soillearaichte na Roinn Eòrpa aig àm an t-Soillseachaidh is ghabhadh e bràth mar bu tric air a chuid suaicheantais gus ìobairtich a dhìon bho an neo-cheadachas chràbhach agus an neo-riaghailteachas, mar eisimpleir na cùisean Calas, Sirven, Chevalier de La Barre agus Comte Lally, Dh’Fhàs e na bu chliùitiche air an sàilleabh.

Ged an do sgrìobh e iomadach rud, cha leughar an-diugh ach a chuid fheallsanachd ann an rosg: mar eisimpleir sgeulachdan agus nobhailean (‘s e Candide an leabhar as ainmeile aige), Lettres philosophiques, Dictionnaire philosophique agus na litrichean a sgrìobh e. Thathar a’ leigeil seachad a’ mhòr-chuid dhen dràma, dàn mòr agus na leabhraichean eachdraidheil a fhuair deagh chliù fad na 18mh linne. Tha e cliùiteach fhathast gus an latha an-diugh air sgàth an nòs sgrìobhaidh dreachmhor pongail ìoronasach cruaidh a bh’ aige.

Bha Voltaire còmhla ri daoine mòra fad a bheatha is e cho dèidheil air na rìghrean, gun a bhith a chuid dhìmeas taobh na daoine cumanta fhalach, ach chuir an Riaghaltas dragh airsan cuideachd: chaidh e a thoirt dhan Bhastille is b’ fheudar dha a dhol na fhògarrach gu Sasainn agus Paris fhàgail. Ann an 1749, an dèidh bàis Émilie du Châtelet, an leannan aige fad 15 bliadhna dhe càirdeas gu math stoirmeil, dh’ fhalbh e dhan Phrùis. Cha b’ urrainn dha pàirt cudromach fhaighinn ri taobh h Friedrich II na Prùise ann am Berlin, agus an ceann trì bliadhna chaidh e a-mach leis an rìgh agus dh’ fhàg e Berlin ann am 1753. An ceann greiseig chaidh e gu Délices anns an Eilbheis, faisg air Geneva, mus do cheannaich e oighreachd ann am Ferney-Voltaire dìreach air na crìochan eadar An Fhraing agus Geneva, fada às na daoine chumhachdach, ann an 1759. Dh’fhàs an oighreachd aige na bu luachmhoire agus bha Ferney àite ainmeil airson chultair anns an Roinn Eòrpa air fad. Cha do thill e gu Paris gu ruige gu 1778, is fhuair e urram le daoine a bhith a' seasamh agus a' bualadh bhasan an uair sin. Chaochail e an siud nuair a bha e 83 bliadhna a dh’ aois.Dìreach mar ghuth na "deagh amannan ann am làithean an iarainn sin" (Fraingis: «bon temps (de) ce siècle de fer!») anns an leabhar Le Mondain, bha Voltaire cho dèidheil air saimheachas agus air aoibhneas a’ bhìdh agus a’ chòmhraidh, agus bha e dhen bheachd gu robh iad, còmhla ris an dràma, na cleachdaidhean na b’ ionnsaichte anns a’ cho-chomann. Chuireadh e uallach air a chuid chomhfhurtachd shaoghalta oir gur e barantas a chuid shaorsa is neo-eisimeileachd a bh' ann. Dh’fhàs e a cho beartach tro sheilbhean baralach gum b’ urrainn dha caisteal a cheannach ann am Ferney ann an 1759, le companaich foghlaimte inntinneach a’ cèilidh air. A dh’aindeoin sin, bha e daonnan aimhreiteach agus gu math fiadhaich leis a chuid nàmhaidean, mar Jean-Jacques Rousseau.Aig àm Ar-a-mach na Frainge bhite dhen bheachd gur e ro-ruithear a bh’ ann an Voltaire agus an nàmhaid aige Jean-Jacques Rousseau, is chaidh an dust aige a thoirt dhan Panthéon ann an 1791, an dàrna fear an dèidh Honoré Gabriel Riqueti de Mirabeau. Ghlèidheadh an dìleab a leig Voltaire glè chudromach ri linne III Poblachd na Frainge is bho 1870 rachadh an t-ainm aige a chur gu rathad agus ceàrnaig ann am Paris (is beag air bheag gu cidheachan, sràidean, sgoiltean, stèiseanan trèana fo thalamh is a h-uile càil). Anns an 19mh Linn bha na sgrìobh is na smaoinich e aig cnag na cùise anns an strì eadar an fheadhainn a bha an aghaidh agus an fheadhainn a bha airson sgoiltean neo-chràbhach na Stàite, mòran na b’ fhaide na smaoinich na daoine aig àm an t-Soillearachaidh.

Wilmington, Delaware

'S e Wilmington (Lenape: Paxahakink, Pakehakink) am baile as motha a tha ann an Delaware. Tha e suidhichte faisg air inbhir Abhainn Christina ann an Abhainn Dhelaware, agus se prìomh-bhaile aig New Castle County. Anns a’ bhliadhna 2006 bha 72,826 duine a’ fuireach an seo. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1638 le Willington mar ainm. Ach anns a' bhliadhna 1739 dh'atharraich Thomas Penn ainm a' bhaile gu Wilmington airson urram a thoirt do Spencer Compton, Iarla Wilmington, a bha na phrìomh-mhinistear aig Deòrsa II, Rìgh Bhreatainn is Èireann.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.