16mh Linn

Anns an 16mh cheud "na 1500an" bha Alba a' tomhais bliadhnaichean aimsirean agus miosan a rèir mìosachan Iuilian. Anns a' mhìosachan seo, cha do dh'atharraich àireamh na bliadhna Oidhche Challainn ach air 21mh a' Mhàirt. Mar sin, ruith am 16mh linn, bho 22 a' Mhairt 1501 gu 21 a' Mhairt 1600. Bha na 1500an eadar 1 am Faoilleach 1500 is 31 an Dùbhlachd 1599.

Thòisich an t-Ath-leasachadh sa linn seo.

1500an

Is docha gu bheil thu a' lorg na 16mh Linn

Bha na 1500an san 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1500 is 31 an Dùbhlachd 1509. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1500

1501

1502

1503

1504

1505

1506

1507

1508

1509

1510an

Bha na 1510an san 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1510 is 31 an Dùbhlachd 1519. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1510

1511

1512

1513

1514

1515

1516

1517

1518

1519

1520an

Bha na 1520an san 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1520 is 31 an Dùbhlachd 1529. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1520

1521

1522

1523

1524

1525

1526

1527

1528

1529

1530an

Bha na 1530an san 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1530 is 31 an Dùbhlachd 1539. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1530

1531

1532

1533

1534

1535

1536

1537

1538

1539

1540an

Bha na 1540an san 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1540 is 31 an Dùbhlachd 1549. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1540

1541

1542

1543

1544

1545

1546

1547

1548

1549

1550an

Bha na 1550s, sa 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1550 is 31 an Dùbhlachd 1559. Se na ciad deich-bliadhna den linn

1550

1551

1552

1553

1554

1555

1556

1557

1558

1559

1560an

Bha na 1560an san 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1560 is 31 an Dùbhlachd 1569. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1560

1561

1562

1563

1564

1565

1566

1567

1568

1569

1570an

Bha na 1570an sa 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1570 is 31 an Dùbhlachd 1579. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1570

1571

1572

1573

1574

1575

1576

1577

1578

1579

1580an

Bha na 1580an san 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1580 is 31 an Dùbhlachd 1589. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1580

1581

1582

1583

1584

1585

1586

1587

1588

1589

1590an

Bha na 1590an san 16mh Linn, eadar 1 am Faoilleach 1590 is 31 an Dùbhlachd 1599. 'S e na ciad deich-bliadhna den linn.

1590

1591

1592

1593

1594

1595

1596

1597

1598

1599

An Rìoghachd Aonaichte

Is e stàit anns an Roinn-Eòrpa a tha anns an Rìoghachd Aonaichte.

Cealsach

'S e baile ann an Alba a Deas a tha ann Cealsaigh, Cealso neo Cealsach (Beurla: Kelso). Tha e anns na Crìochan.

Tha tobhtaichean de sheann abaid ann an Cealsach. Chaidh na Beinidictich à Tiron sa' Fhraing ann an 1119 do Shalcraig ach cha robh an àite freagarrach is stèidhich iad an abaid a Chealsach ann an 1128. Sgrios na feachdan Eanraig VIII an abaid san 16mh linn is cha do mhair ach a' phoirdse an iar.

Lunnainn

'S e Lunnainn am prìomh-bhaile na Rìoghachd Aonaichte agus Sasainn. Tha e suidhichte anns an ear-dheas de Shasainn air an Abhainn Thames agus tha daoine air a bhith fuireach ann airson corr air dà mhìle bliadhna le mu 7 millean 'sa bhaile fhèin an diugh agus mu 6 millean eile mu chuairt air. 'S e Lunnainn aon de na bailtean is motha agus is ainmeil 'san t-saoghal. 'S e prìomh-bhaile ionmhasail na Roinn-Eòrpa (agus am baile as motha anns an AE) a th' ann agus thèid iomadach cànan, dualchas, dream agus buidheann creideamh a lorg ann.

Tha iomadh taighean-tasgaidh ainmeil ann an Lunnainn: An Taigh-tasgaidh Breatunnach, Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdurrach, Taigh-tasgaidh Victoria agus Albert, Taigh-tasgaidh Chogaidh an Ìompaireachd agus barrachd.

Na h-Eileanan Filipineach

'S e dùthaich ann am Àisia a tha anns na h-Eileanan Filipineach neo na Filipìonan.'S iad buidheann de dh'eileanan ann an Àisia an Ear-Dheas, tha i a' gabhail a-steach còrr as 7,107 eilean anns a’ Chuan Shèimh. Tha iad suidhichte san àird an ear Bhiet-Nam.

Tha Manila na phrìomh-bhaile.

Bha na h-eileannan fo smachd na Spàintich bhon 16mh linn gu 1898 nuair a fhuair iad neo-eisimeileachd. Ach anns an dearbh bhliadhna, thuit iad fo smachd na Stàitean Aonaichte. Fhuair iad neo-eisimeileachd bho na Stàitean ann an 1946.

Porto-Novo

'S e prìomh-bhaile Bheinin a tha ann an Porto-Novo, ainm eile: Hogbonou neo Adjacé. Tha e suidhichte ann an ear-dheas na dùthcha aig an Gulf of Guinea, aig 40m os cionn ìre na mara. Mar sin dheth tha port-mara cudthromach aige. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 28' Tuath agus 2° 36' Ear. Tha Porto Novo 25km air falbh bho Chontonou, 131km bho Lomé (Togo), 614km bho Abuja (Nìgeiria), 784km bho Niamey (Niger) agus 796km bho Ouagadougou (Burkina Faso).'S e an dàrna bhaile as motha a tha ann am Beinin. 'S e Cotonou am baile as motha agus as cudthromaiche a tha ann, o choinn's gu bheil an riaghaltas an sin. Canar gun deach Porto-Novo a stèidheachadh anns an 16mh linn leis an rìgh Te-Agdanlin à Allada. Thàinig ainm a' bhaile às a' chànan Portagailis, tha e a’ ciallachadh “port ùr”. Chaidh Porto-Novo a chleachdadh mar àite-malairt le tràillean.

Pròsdanachas

‘S e seòrsa dhe creideamh Chrìosdail a th’ann am Pròsdanachas (Laideann: Protestantes). Anns a’ bhitheantas bheir am facal Pròsdanachas a-steach caochladh bhuidheann Chrìosdail a sgar bhon an Eaglais Chaitligeach ri linn an Ath-leachaschaidh anns an 16mh Linn, neo buidhnichean le freumhan anns an fheadhainn sin neo fiù’s a bhios a’ com-pàirteachadh an cuid beachdan. ‘S e tè dhe trì geugan na Crìosdaidheachd a th' ann am Pròsdanachas, còmhla ris an Eaglais Chaitligeach agus an Eaglais an Iar.

São Tomé

'S e prìomh-bhaile São Tomé agus Príncipe a tha ann an São Tomé. Anns a' bhliadhna 2005 bha 56,166 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin, mar sin 's e am baile as motha na dùthcha cuideachd. Tha São Tomé 302km air falbh bho Libreville (Gabon), 661km bho Yaoundé (Camarun) agus 443km bho Mhalabo (Gini Mheadhan-Chriosach).Tha am baile suidhichte ann an Ana Chaves Bay anns an ear-thuath an eilein São Tomé, ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 140m os cionn ìre na mara. Tha port-mara cudthromach aige. 'S e seo an Co-chomharran aige: 6° 40’ 53” Ear agus 0° 20’ 10” Tuath. Tha São Tomé na laighe eadar Trindade san ear-thuath agus Guadalupe san ear-dheas. Tha na bailtean seo ceangailte le rathad-iarainn. Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1485 leis A' Phortagail. Thàinig ainm a’ bhaile bhon fhacal Portagailis airson Naoimh Thomas. Chaidh an Àrd-eaglais São Tomé a thogail anns an 16mh linn.

Tràilleachd

‘S e siostam eaconomach a th’ann an Tràilleachd, far am bithear ag ùisinneachadh nan daoine mar rudan neo seilbh, an àite mar dhaoine le còirichean. Ann an iomadh àite, bha tràilleachd stèidhichte ann an lagh. Ann an dòigh as simplidh bunaitiche ri ràdh, 's e duine sam bith a bhios ag obair airson duine eile às aonais chòirichean neo tuarastal a th' ann an tràill. Ghairmeadh ann an Coinbheinsean mu Thràilleachd a chuir Comhairle nan Nàisean an gnìomh air 25 an t-Sultain 1926 nach ann tràilleachd ach:

"... stàit neo suidheachadh anns a bheil neach fa leth fo sheilbh duine eile ... mar sin thathar dhen bheachd gur e tràill a th’ann neach fa leth nach fhaod a mhaighstir, a neach-seilbhe neo a cheannard fhàgail, ... gun chead agus thèid an tràill a thoirt air ais ma chailleas neo ma theicheas e. Feumaidh ga chumail ann an dòigh neo-fhoirmeil, tro chòrdaidhean oifigeil neo tostach leis a’ Phoileis neo ùghdarrasan eile – airson nam maighstirean cumhachdail, air sàilleabh gur e daoine beairteach aig a bheil oighreachdan a th’ annta."

Tha iomadh teacsa laghail eadar-nàiseanta air mìneachadh a thoirt dhan fhacal tràilleachd. Thuirteadh anns a' chiad artaigeil Coinbheinsean mu Thràilleachd Chomhairle nan Nàisean (1927), gur e stàit neo suidheachadh far am bithear a' làimhseachadh neo a’ dèiligeadh ris na daoine mar sheilbh a th’ ann tràilleachd". Ann an 1930 ghabh Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach (BENO) ri mìneachadh mu obair-èiginn a ghairm gur e coltach ri tràilleachd: "Tha an teirm obair-èiginn, neo obair mar dhleastanas, a’ gabhail a-steach a h-uile obair neo seirbheis a nì neach fa leth fo dhaorsa cuideigin agus obair nach do thairg an neach gu saor-thoileach". A thuilleadh air sin, tha BENO dhen bheachd gur e seòrsa thràilleachd a th' ann clann ag obair. Bithear daonnan a’ cleachdadh an fhacail tràilleachd mar argamaid phoileataigeach neo ideòlach: tràilleachd thuarastail an aghaidh Chalpachas, tràilleachd fhiosgail nam libearalach, smuaintean nan sìochantair agus nam libearalach a nì coimeas eadar seirbheis san arm agus tràilleachd, a bharrachd air tràilleachd nam beathaichean.

Ìmpireachd Naomh na Ròimhe

B' e cruinneachadh dhe stàitean, dùthchannan agus tìrean ann an cridhe na Roinn-Eòrpa fo stiùireadh impire fad na meadhan aoisean a bh'ann Ìmpireachd Naomh na Ròimhe neo, bhon 16mh Linn dhan 18mh Linn, Ìmpireachd Naomh Gearmailteach neo Ìmpireachd Naomh Nàisean nan Gearmailteach, (Laideann: Sacrum Imperium Romanum, Gearmailtis: Heiliges Römisches Reich, Eadailtis: Sacro Romano Impero, Duitsis: Heilige Roomse Rijk) Ged a gabhadh iomadh sgire a-steach dhan impireachd b' ann anns a' Ghearmailt a bha a' mhòr-chuid dhen Ìmpireachd. Canadh cuideachd rithe A' chiad Reich neo Seann Ìmpireachd, gus sgaradh a dhèanamh eadar Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus Ìmpireachd na Gearmailte (1871 - 1918). Bhathar dhen bheachd san 10mh Linn gur e stàit leantainneach laghail Ìmpireachd Theàrlaich Mhòir agus seann Ìmpireachd na Ròimhe a bh' innte. Cha do nochd am facal Naomh san ainm ach fo Friedrich I. ann an 1157 airson coltas cràbhach dligheach a thoirt dhan stàit.Bhuineadh an Tiotal Impire na Ròimhe don teaghlach Carolus bho na chaidh Teàrlach Mòr fhèin chrùnadh leis a Phàp ann an 800 gu ruige 888, nuair a chaidh a chall ann an sreath dhe cogaidhean agus còmhstri eadar teaghlaichean uasal. Chaochail an tagradh mu dheireadh ann an 924 agus, mu dheireadh thall, chaidh Otto I., sliochd Theàrlaich Mhòir, a chrùnadh na impire, ann an 962. Mhair an Ìmpireachd fad 800 bliadhna. Dh' fhàsadh i agus chrìonadh i fad na linntean agus dh' atharrachadh na stàitean a bha na broinn: Diùcachdan, Prionnsalachdan, Rìoghachdan, Easbaigeachdan agus fiù's bailtean saora marsanta. A dh'aindeoin sin, cha do leasachadh stàit chumhachdail aonadach a-riamh, leis cho làidir 's a bha cuid dhe na stàitean a bh'a ann, a bharrachd air na dùthchannan a bha ga cuairteachadh. Chuireadh às dhan Ìmpireachd ann an 1806 fo bhuaidh na Frainge agus chaidh na tìrean sin a sgaradh eadar Ìmpireachd na h-Ostaire, A' Phruis, An t-Suain agus Co-chaidreachas na Rèine.

Chuir an Impireachd ainm gu còrdadh na sìthe le Impireachd nan Otomanach ann an 1568, a thug seilbh air Wallachia agus Moldàibhia gu Selim II.

Ann an cànain eile

This page is based on a Wikipedia article written by authors (here).
Text is available under the CC BY-SA 3.0 license; additional terms may apply.
Images, videos and audio are available under their respective licenses.